Waterbeck

Suidheachadh
Dùthaich Alba
Ceàrn Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh
Co-chomharran 55° 04' 60″ Tuath
03° 10' 60″ Iar
Feartan fiosaigeach
Àireamh-shluaigh 320 ()
Àireamh fòn 01576

‘S e baile beag dùthchasail faisg air Logarbaidh, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th’ ann am Waterbeck.[1] Tha e suidhichte aig 92m os cionn ìre na mara,[2] air an àide an ear-dheas Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Dhùn Phrìs ro 1975), eadar Middlebie agus Langaim, faisg air inbhir na h-aibhnichean Beck agus Kirtle.[3] Tha e 239km air falbh bho Obar Dheathain, 110km bho Ghlaschu, 27km bho Dhùn Phrìs agus 96km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha.[4] 'S e Beurla agus Beurla Ghallda th' ann an dà chànan aig a’ mhòr-chuid dhuibh ann am Waterbeck. Tha Eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas, coilltearachd agus dreuchdan ann an Logarbaidh. A bharrachd air sin, tha talla a' bhaile ann.[5] Taobh fhoghlaim, tha bun-sgoil ann[6] ach feumar a dhol dhan àrd sgoil ann an Logarbaidh.[7]

Freumhan an Ainm deasaich

A rèir eòlaichean fhreumh-fhaclachd, tha a h-uile coltas ann gur ann à Lochlannais bekkr a tha ainm an àite seo.[8] Bheireadh sin Allt an Uisge dhuinn sa Ghàidhlig. Gu h-inntinneach, 's e Beck fhèin a t-ainm a tha air an allt a shruthas faisge air a' bhaile. 'S ann gu math pailt 's a tha ainmean-àite Lochlannach ann an iar-dheas na h-Alba,[9] gu h-àraidh nas fhaisge air a' Mhuir agus tha iad uile-làthaireach san sgìre eadar Inbhir Anainn agus Greatna.

Iomraidhean deasaich

  1. Dumfriesshire Companion
  2. Falling Rain
  3. Scottish Places
  4. Distance From
  5. Geograph
  6. A'Chomhairle
  7. Lockerbie Academy
  8. The Placenmes of Scotland, James B. Johnston, Dùn Èideann 1892
  9. Ordanance Survey