Achadh na h-Eaglaise
Eaglesfield - geograph.org.uk - 210234.jpg
Mapa dg eaglesfield.jpg
Suidheachadh
Dùthaich Flag of Scotland.svg Alba
Comhairle Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh
Co-chomharran 55° 03′ 32″ Tuath
03° 11′ 49″ Iar
Feartan fiosaigeach
Àireamh-shluaigh 691 (2001)
Àireamh fòn 01461
Duilleag oifigeil Eaglesfield aig Visit Scotland

‘S e baile beag dùthchasail faisg air Inbhir Anainn, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th' ann an Achadh na h-Eaglaise (Beurla: Eaglesfield).[1] Tha e suidhichte aig 77m os cionn ìre na mara,[2] air an àirde an ear-dheas Dhùin Phris is Gall-Ghàidhealaibh (Siorrachd Dhùn Phris ro 1975), eadar Greatna agus Eaglais Fheichin, ri taobh an Uillt Eaglesfield. Tha e 242km air falbh bho Obar Dheathain, 112km bho Ghlaschu, 26km bhon Dùn Phris agus 99km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha.[3] Tha 691 duine a' fuireach an seo[4] agus 's e Beurla a th' ann a’ chiad chànain aig a’ mhòr-chuid dhe na daoine ann an Eaglesfield. Tha Eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas. A bharrachd air sin, tha talla a' bhaile, oifis a' phuist[5] agus taigh-seinnse[6] anns a’ bhaile. Taobh fhoghlaim, tha bun-sgoil[7] ann ach feumar a dhol dhan àrd sgoil ann an Inbhir Anainn.

Freumhan an AinmDeasaich

A rèir eòlaichean fhreumh-fhaclachd, 's e ainm dà-chànanach a th' ann an Eaglesfield: eglwys (eaglais) bho Chuimris agus Feld (achadh) bho shean Bheurla,[8] a' toirt Achadh na h-Eaglaise dhuinn sa Ghàidhlig. Tha baile eile ann, thall an Sasainn agus thugadh luchd-stèidheachaidh an t-ainm sin airsan nuair a stèidhich iad e mu 1810.[9] 'S ann gu math pailt a tha ainmean-àite ann an Cuimris neo dà-chànanach ann an ceann a deas na h-Alba.

EachdraidhDeasaich

Bha muinntir a' bhaile gu math tàcarach, is iad uile nam breabadairean, mus do nochd inneal a dhèanadh an dreuchd san 19mh Linn. 'S ann à Eaglesfield a bha am fear mu dheireadh a chaidh a chrochadh a-riamh ann an Dùn Phrìs: chaidh òganach air an robh Raibeirt Mac a' Ghobhainn a chur gu bàs ann an 1868, air casaidean mhurt agus èigneachaidh.[10] B' e Thomasina Scott, a bha dìreach 11 bliadhna a dh'aois, na h-ìobairt. A-rèir carragh-chuimhne san sgìre, fhuair 46 duine à Eaglesfield bàs sa Chogadh Mhòr.[11]

Daoine AinmeilDeasaich

IomraidheanDeasaich

  1. Dictionary Detail - Achadh na h-Eaglaise”. Am Faclair Beag. Air a thogail 11mh dhen t-Samhain 2018.
  2. Elevation Map
  3. Distances From
  4. City Population
  5. Post Office
  6. Beer in the Evening
  7. A' Chomhairle
  8. Old English Translator
  9. Dumfriesshire
  10. Internet archive
  11. Scottish War Memorials Project