Ae
Ae | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Alba |
Comhairle | Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh |
Co-chomharran | 55° 08' 27″ Tuath 03° 47′ 31″ Iar |
Feartan fiosaigeach | |
Àireamh-shluaigh | 200 (2011) |
Àireamh fòn | 01387 |
Duilleag oifigeil | Duilleag a' Bhaile |
‘S e baile beag dùthchasail faisg air Dùn Phris, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th’ ann an Ae. Tha e suidhichte aig 136m os cionn ìre na mara,[1] ann an cridhe na roinne Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Dhùn Phrìs ro 1975), eadar Bàrr na Dris agus Am Magh Fada, ri taobh an Uisge Ae. Tha e 14km air falbh bho Dhùn Phrìs agus 110km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha. Tha dìreach 200 duine a’ fuireach anns a’ bhaile agus 's e Beurla a th' ann a’ chiad chànain aig a’ mhòr-chuid dhe na daoine ann an Ae. Tha eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air coilltearachd agus turasachd, gu seachd araidh baidhseagal nam beann.[2]
Freumhan an ainm
deasaichA rèir eòlaichean fhreumh-fhaclachd, 's e Ae an dàrna ainm-àite as giorra ann an Alba air fad an dèidh Ì, a bhathar a' sgrìobhadh Æ ro 1787.[3] Thathar dhen bheachd gur ann às an t-seann Lochlannais aa (Gàidhlig: uisge) a tha an t-ainm. 'S ann gu math pailt 's a tha ainmean-àite Lochlannach ann an iar-dheis na h-Alba,[4] gu h-àraidh nas fhaisge air a' Mhuir.
Eachdraidh
deasaichTha am parraist seo, air an robh Cille Mhìcheil, a-staigh parraist Cille Mhìcheil, Tinwald agus Torthorwald a-nis [5] A-rèir carragh-chuimhne ionadail, fhuair 31 às an sgìre bàs sa Chogadh Mòr[6] agus ochdnar eile san Dàrna Cogadh. Chaidh am baile fhèin a stèidheachadh dìreach ann an 1947.[7] An dèidh an dàrna cogaidh Coimisean na Coilltearachd airson choilltean a chur ann am boglaichean far nach robh coille neo coille ann mar-thà, fiù 's shuas aig còrr is 530m os cionn ìre na [mara. Tha giuthas dhen a h-uile seòrsa ann: giuthas-Sitka, giuthas-learaige, giuthas-Albannach agus Spruis uabhasach cumanta sa sgìre. A bharrachd air sin, tha an sgìre loma-làn ainmhidhean, gu h-àraidh fèidh, sionnaich, gearraidhean, neasan, calmain, Buidheagan-bealaidh, speireagan, sgreuchain-choille, feasain agus cearcan-tomain.
Iomraidhean
deasaich- ↑ Falling Rain
- ↑ 7 Stanes
- ↑ Great Britain House of Lords (1787), Journals of the House of Lords / Great Britain, Parliament, House of Lords 38, HMSO
- ↑ Ordanance Survey
- ↑ KTT
- ↑ Scottish War Memorials Project
- ↑ Reader's Digest Association (1990), Book of British Villages, Lunnainn: Reader's Digest, ISBN 0-276-42018-7, OCLC 35330841
Achadh na h-Eaglaise • Ae • Amisfield • Applegarthtown • Auldgirth • Bankend • Bàrr na Dris • Beattock • Bentpath • Canonbaidh • Cathair • Cathair Ruairidh • Chapelknowe • Cille Chonaill • Cille Bhrìghde • Cill Osbairn • Cille Phàdraig nam Fleamach • An Clachan • Clarencefield • Collin • Comar na Drise • Cuingealach • Dalswinton • Daltan • Doire Chonaill • Dòrnach • Drochaid Charrainn • Drochaid a' Mhuilinn • Drochaid Mhic Iain • Dubhras na Doire • Dùn Choll • Dùn Phris • Dùn Sgoir • Eaglais Fheichin • Eastriggs • Eskdalemuir • Gleann Chapall • Greatna • Hightae • Hoddom • Inbhir Anainn • Kettleholm • Kirtlebridge • Langaim • Loch Mhabain • Logarbaidh • Am Magh Fada • Middlebie • Mouswald • Parkgate • Penpont • Powfoot • Ruadhail • Templand • Torthorwald • Tynron • Wamphray • Waterbeck