Dubhras na Doire

Suidheachadh
Dùthaich Alba
Ceàrn Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh
Co-chomharran 55° 18′ 55″ Tuath
03° 44′ 32″ Iar
Feartan fiosaigeach
Àireamh fòn 01848

‘S e baile beag dùthchasail faisg air An t-Seann Chathair, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th’ ann an Dubhras na Doire. Tha e suidhichte aig 175m os cionn ìre na mara[1] ann an ceanna tuath Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Dhùn Phrìs ro 1975), eadar Bàrr na Dris agus Cuingealach, ri taobh na h-aibhne Uisge Charrain.[2] Tha e 228km air falbh bho Obar Dheathain, 69km bho Ghlaschu, 28km bhon Dhùn Phrìs agus 79km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha.[3] 'S e Beurla a th' ann a’ chiad chànain aig a’ mhòr-chuid dhe na daoine ann an Dubhras na Doire. Tha Eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas, coilltearachd agus turasachd. A bharrachd air sin, thathar a' cumail rèis an seo gach bliadhna[4] anns a’ bhaile. Taobh fhoghlaim, chan eil sgoiltean ann is feumar a dhol dhan sgoil ann am Bàrr na Dris.[5]

Eachdraidh

deasaich

Bha campa Ròmanach an seo o shean, ri linn Antonius Pius (86 - 161).[6] Thogadh na tobhtaichean sin sa sgìre seo gus smachd a chumail air Bealach Dalveen, a tha dìreach ri chùlaibh a' bhaile. Chaidh Na Seumasaich seachad air Dubhras na Frìthe air an t-seann rathad shuas gu tuath ann an 1746, an dèidh dhaibh Sasainn fhàgail.[7] Nochd am baile anns an nobhail Rab and his Friends, a sgrìobh an Dotair Iain MacGilleDhuinn ann an 1859.[8] Bha eaglais air a bhith ann bho na meadhan aoisean ach chaidh i a leasachadh sa 17mh linn is sa 18mh Linn leis na Queensberry, uachdaran na sgìre.[9] Bha mu 1,800 duine a' fuireach an seo ann an 1851, ach thuit an àireamh seo san dàrna leth dhen 19mh Linn ri linn a Thionndaidh Ghnìomhachais.[10] A-rèir carragh-chuimhne faisg air an t-stèisean, fhuair 28 duine às an sgìre seo bàs sa Chogadh Mòr[11] agus seachdnar eile san Dàrna Cogadh.

Iomraidhean

deasaich
  1. Elevation Map
  2. Scottish Places
  3. Distance From
  4. Carnethy
  5. School Guide
  6. Canmore
  7. Am Baile[dead link]
  8. Gutenberg
  9. Dumfriesshire Companion
  10. Vision
  11. Scottish War Memorials Project