Eastriggs

Suidheachadh
Dùthaich Alba
Ceàrn Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh
Co-chomharran 55° 23′ 50″ Tuath
03° 46′ 42″ Iar
Feartan fiosaigeach
Àireamh-shluaigh 1,876 (2011)
Àireamh fòn 01461

‘S e baile beag dùthchasail faisg air Inbhir Anainn, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th' ann an Eastriggs. Tha e suidhichte aig 490m os cionn ìre na mara,[1] air an àirde an ear-dheas Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Dhùn Phrìs ro 1975), eadar Greatna agus Dòrnach. Tha e 351km air falbh bho Obar Dheathain, 136km bho Ghlaschu, 30km bhon Dùn Phrìs agus 140km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha.[2] Tha 1,876 duine a' fuireach an seo[3] agus 's e Beurla a th' ann a’ chiad chànain aig a’ mhòr-chuid dhe na daoine ann an Eastriggs. Tha Eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas agus gnìomhachas. A bharrachd air sin, tha talla a' bhaile, ionad-sòisealta,[4] taigh-seinnse agus taigh-tasgaidh[5] anns a’ bhaile. Taobh fhoghlaim, tha bun-sgoil[6] ann ach feumar a dhol dhan àrd sgoil ann an Inbhir Anainn.

Eachdraidh

deasaich

Chaidh Na Seumasaich seachd air Eastriggs air an t-seann rathad shuas gu tuath ann an 1746, an dèidh dhaibh Sasainn fhàgail,[7] nuair a bha dìreach dà thaigh san àite. Chaidh Eastriggs a stèidheachadh leis an Riaghaltas àite falamh eadar Dòrnach agus Lowthertown ann an 1915 agus a choileanadh ann an 1918,[8] ri linn A' Chogaidh Mhòir mar taigh-ghnìomhachais mòr, air an robh HMS Factory Gretna.[9] Bha duilgheadasan mòra ann taobh àirneis-chogaidh is le sin chaidh mu 30,000 luchd-obrach a thoirt dhan sgìre le Ministrealachd an Dìona. Dh'fhosgladh eaglais easbaigeach a' bhaile an ceann dà bhliadhna, ann an 1917.[10] Thaghadh an t-àite seo leis gu robh e fad air falbh bho na bailtean eile agus leis gu robh loidhne-rèile ann cuideachd, le stèisean ann an Dòrnach. Fhuair an stèisean an t-ainm ùr Eastriggs ann an 1923.[11]

Iomraidhean

deasaich
  1. Falling Rain
  2. Distances From
  3. City Populatin
  4. Eastriggs Club
  5. The Devil's Porridge
  6. A' Chomhairle
  7. Am Baile[dead link]
  8. Scottish Places
  9. Ministry of Munitions of War, (1918). H.M. Factory, Gretna: Description of Plant and Process. Dumfries: J. Maxwell & Son for His Majesty's Stationery Office.
  10. Scotland's Churches trust
  11. Butt, R. V. J. (1995). The Directory of Railway Stations: details every public and private passenger station, halt, platform and stopping place, past and present (1st ed.). Sparkford: Patrick Stephens Ltd. ISBN 1-8526-0508-1. OCLC 60251199.