Drochaid Charrainn

Suidheachadh
Dùthaich Alba
Ceàrn Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh
Co-chomharran 55° 15' 43″ Tuath
03° 46' 44″ Iar
Feartan fiosaigeach
Àireamh-shluaigh 320 ()
Àireamh fòn 01848
Duilleag oifigeil Drochaid Charrainn aig Visit Scotland

‘S e baile beag dùthchasail faisg air Dùn Phrìs, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th’ ann an Drochaid Charrainn.[1] Tha e suidhichte aig 82m os cionn ìre na mara,[2] ann an ceann a tuath Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Dhùn Phrìs ro 1975), eadar An t-Seann Chathair agus Bàrr na Dris, faisg air inbhir na h-aibhnichean Carrainn agus Nid.[3] Tha e 235km air falbh bho Obar Dheathain, 73km bho Ghlaschu, 24km bho Dhùn Phrìs agus 85km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha.[4] 'S e Beurla agus Beurla Ghallda th' ann an dà chànan aig a’ mhòr-chuid dhuibh ann an Drochaid Charrainn. Tha eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas, coilltearachd agus turasachd. A bharrachd air sin, tha taigh-òsda[5] agus talla a' bhaile ann.[6] Taobh fhoghlaim, chan eil sgoiltean ann agus le sin feumar a dhol dhan na sgoiltean ann am Bàrr na Dris.[7]

Freumhan an Ainm

deasaich

A rèir eòlaichean fhreumh-fhaclachd, tha e coltach gur ann à Caer/Cathair agus Afon/Abhainn ann an seann chuimris neo Gàidhlig a th'ann an t-ainm.[8] 'S ann gu math pailt a tha ainmean-àite ann an Cuimris ann an ceann a deas na h-Alba. Nochd a' Ghàidhlig ann an ceann a deas na h-Alba anns an 7mh Linn agus bha an cànan fhathast làidir ann an Siorrachd Dhùn Phrìs fhèin anns an 14mh Linn.[9] A bharrachd air sin, tha cruth na tìre a' toirt cuideam dhan teòiridh seo. A dh'aindeoin sin, tha cuid eile dhen bheachd gur ann à treubhan mar na Carnones/Cerones air an do sgrìobh Ptolemy ann an 120 a bha nan tàmh san sgìre seo a tha ainm an àite seo.[10]

Eachdraidh

deasaich

Bha campa Ròmanach ann o shean, faisg air an rathad a thog iad ri taobh na h-aibhne Nid.[11] Chithear tobhtaichean dà chaisteil san sgìre: Caisteal Enoch,[12] a thogadh san 13mh Linn agus caisteal Mhorton, a thogadh mu 1250 agus a dh'fhàgadh ann an 1714. Chaidh Na Seumasaich seachad air Drochaid Charrainn air an t-seann rathad shuas gu tuath ann an 1746, an dèidh dhaibh Sasainn fhàgail.[13] Thogadh stèisean-rèile agus drochaid-rathaid an seo ann an 1850[14] ach dhùnadh an stèisean ann an 1953. A-rèir carragh-chuimhne faisg air an stèisean, fhuair 28 duine às an sgìre seo bàs sa Chogadh Mòr[15] agus seachdnar eile san Dàrna Cogadh.

Iomraidhean

deasaich
  1. Dumfriesshire Companion
  2. Elevation Map[dead link]
  3. Scottish Places
  4. Distance From
  5. Carronbridge Hotel
  6. Need a disco
  7. A' Chomhairle
  8. The New Statistical Account of Scotland, Volume 2, William Blackwood, Dùn Èideann 1834
  9. Transactions and Journal of Proceedings of the Dumfriesshire and Galloway Natural History and Antiquarian Society. Third Series. Volume XI: 147
  10. The Placenmes of Scotland, James B. Johnston, Dùn Èideann 1892
  11. Dumfriesshire Companion
  12. CAST
  13. Am Baile[dead link]
  14. Butt, R. V. J. (1995). The Directory of Railway Stations: details every public and private passenger station, halt, platform and stopping place, past and present (1st ed.). Sparkford: Patrick Stephens Ltd. ISBN 1-8526-0508-1. OCLC 60251199
  15. Scottish War Memorials Project