Middlebie

Suidheachadh
Dùthaich Alba
Co-chomharran 55° 04' 12″ Tuath
03° 13' 48″ Iar
Feartan fiosaigeach
Àireamh-shluaigh 320 ()
Àireamh fòn 01576

‘S e baile beag dùthchasail faisg air Logarbaidh, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th’ ann am Middlebie.[1] Tha e suidhichte aig 97m os cionn ìre na mara,[2] air an àide an ear-dheas Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Dhùn Phrìs ro 1975), eadar Eaglais Fheichin agus Waterbeck, faisg air inbhir na h-aibhnichean Mein agus Middlebie.[3] Tha e 242km air falbh bho Obar Dheathain, 109km bho Ghlaschu, 24km bho Dhùn Phrìs agus 98km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha.[4] 'S e Beurla agus Beurla Ghallda th' ann an dà chànan aig a’ mhòr-chuid dhuibh ann am Middlebie. Tha Eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas, coilltearachd agus dreuchdan ann an Logarbaidh. A bharrachd air sin, tha talla a' bhaile ann.[5] Taobh fhoghlaim, chan eil sgoil ann agus le sin feumar a dhol dhan bhun sgoil ann an Tundergarth agus dhan àrd sgoil ann an Logarbaidh.[6]

Freumhan an Ainm deasaich

A rèir eòlaichean fhreumh-fhaclachd, tha a h-uile coltas ann gur ann à Lochlannais by a tha ainm a' bhaile.[7] Bheireadh sin Baile Meadhanach dhuinn sa Ghàidhlig. 'S ann gu math pailt 's a tha ainmean-àite Lochlannach ann an iar-dheas na h-Alba,[8] gu h-àraidh nas fhaisge air a' Mhuir agus tha iad uile-làthaireach san sgìre eadar Inbhir Anainn agus Greatna.

Iomraidhean deasaich

  1. Dumfriesshire Companion
  2. Elevation Map
  3. Scottish Places
  4. Distance From
  5. Skiddle
  6. Lockerbie Academy
  7. Viking
  8. Introduction to Scandinavian origins of place names in Britain”. An t-Suirbhidh Òrdanais. Air a thasglannadh [o https://www.ordnancesurvey.co.uk/resources/historical-map-resources/scandinavian-language.html] 25mh dhen Ghearran 2014. Air a thogail 28mh dhen t-Sultain 2023.