Cille Phàdraig nam Fleamach

Suidheachadh
Dùthaich Alba
Ceàrn Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh
Co-chomharran 55° 01′ 27″ Tuath
03° 08′ 05″ Iar
Feartan fiosaigeach
Àireamh fòn 01461
Duilleag oifigeil Cille Phàdraig nam Fleamach aig Visit Scotland

‘S e baile beag dùthchasail faisg air Inbhir Anainn,[1] air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th’ ann an Cille Phàdraig nam Fleamach. Tha e suidhichte aig 42m os cionn ìre na mara,[2] air an àirde an ear Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Dhùn Phrìs ro 1975), eadar Eaglesfield agus Greatna, ri taobh na h-Aibhne Kirtle.[3] Tha e 246km air falbh bho Obar Dheathain, 118km bho Ghlaschu, 31km bho Dhùn Phrìs agus 104km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha.[4] 'S e Beurla agus Beurla Ghallda th' ann an dà chànan aig a’ mhòr-chuid dhuibh ann an Cille Phàdraig nam Fleamach. Tha Eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas agus dreuchdan ann an Cathair Luail. A bharrachd air sin, tha talla a' bhaile[5] agus taigh-bìdhe[6] ann. Taobh fhoghlaim, tha bun sgoil ann,[7] ach feumar a dhol dhan àrd sgoil ann an Inbhir Anainn.

Freumhan an Ainm

deasaich

A rèir eòlaichean fhreumh-fhaclachd, tha a h-uile coltas ann gur ann à Cille agus Pàdraig sa a' Ghàidhlig fhèin a tha ainm a' bhaile.[8] Nochd a' Ghàidhlig ann an ceann a deas na h-Alba anns an 7mh Linn agus bha an cànan fhathast làidir ann an Siorrachd Dhùn Phrìs fhèin anns an 14mh Linn.[9]

Eachdraidh

deasaich

Thog na Ròmanaich campa agus rathad tron sgìre o chionn fhada.[10] 'S e na Fleming an teaghlach Tormodach aig an robh làmh an uachdair an seo o shean. Tha eaglais air a bhith ann fad na linntean: thug Raibeart I na h-Alba i do mhanaich à Giseburn ann an 1191. Cha do deach an eaglais a chithear nar làithean a thogail ach ann an 1735 agus chaidh i a leasachadh ann an 1778.[11] Chaidh am parraist a chruthachadh ann an 1609 tro aonadh Kirconnel agus Irving, ach tha e ann an aon pharraist còmhla ri Half Morton agus Greatna a-nis.[12] Tha beul-aithris na sgìre ag innse dhuinn gu robh Am Brus a' falach ann an uamh an seo nuair a chunnaic e an damhan-allaidh ainmeil sin.[13] Thogadh stèisean rèile air an loighne eadar Glaschu agus Cathair Luail ann an 1847 ach dhùnadh e ann an 1960 is chaidh an togalach a reic.[14] A-rèir carragh-chuimhne sa bhaile, fhuair 26 à Cille Phàdraig nam Fleamach bàs sa Chogadh Mòr[15] agus deichnear eile san Dàrna Cogadh.

Daoine Ainmeil

deasaich

Iomraidhean

deasaich
  1. Scottish Places
  2. Elevation Map
  3. NCAP[dead link]
  4. Distance From
  5. Village Halls
  6. Trip Advisor
  7. A' Chomhairle
  8. Etymological Geography: Being a Classified List of Terms of Most Frequent Occurrence, T. A. Gibson, Dùn Èideann, 1835
  9. Transactions and Journal of Proceedings of the Dumfriesshire and Galloway Natural History and Antiquarian Society. Third Series. Volume XI: 147
  10. CAST
  11. Canmore
  12. Gretna Old Parish
  13. Dumfriesshire Companion
  14. Lindsay, David M. E. (2002). G&SWR Register of stations, routes & lines. G&SWR Association. Pàirt 2.1, Duilleag 2
  15. Scottish War Memorials Project