Langaim
Langaim | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Alba |
Ceàrn | Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh |
Co-chomharran | 55° 09′ 07″ Tuath 59′ 56 00″ Iar |
Feartan fiosaigeach | |
Àireamh-shluaigh | 2,311 (2001) |
Àireamh fòn | 013873 |
Duilleag oifigeil | Duilleag a' Bhaile |
‘S e baile beag dùthchasail faisg air Newcastleton,[1] air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th’ ann an Langaim. Tha e suidhichte aig 95m os cionn ìre na mara,[2] air an àirde an ear Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Dhùn Phrìs ro 1975), eadar Greatna agus Hamhaig, ri taobh na h-Aibhne Easg.[3] Tha e 229km air falbh bho Obar Dheathain, 112km bho Ghlaschu, 40km bho Dhùn Phrìs agus 90km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha.[4] 'S e Beurla agus Beurla Ghallda th' ann an dà chànan aig a’ mhòr-chuid dhuibh ann an Langaim. Tha Eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas agus coilltearachd. A bharrachd air sin, tha an t-àite làn sheirbheisean dhen a h-uile sheòrsa. Taobh fhoghlaim, tha bun sgoil[5] agus àrd sgoil[6] ann. Ann an 2001 bha 2,311 duine a' fuireach an seo.[7]
Freumhan an Ainm
deasaichA rèir eòlaichean fhreumh-fhaclachd, tha a h-uile coltas ann gur ann à Lochlannais lang agus heim a tha ainm a' bhaile.[8] Bheireadh sin Baile Fada dhuinn sa Ghàidhlig. 'S ann gu math pailt 's a tha ainmean-àite Lochlannach ann an iar-dheas na h-Alba,[9] gu h-àraidh nas fhaisge air a' Mhuir agus tha iad uile-làthaireach san sgìre eadar Inbhir Anainn agus Greatna.
Eachdraidh
deasaichA-rèir carragh-chuimhne san eaglais, fhuair 58 duine à Langaim bàs sa Chogadh Mòr[10] agus deichnear eile san Dàrna Cogadh.
Daoine Ainmeil
deasaichIomraidhean
deasaichCeanglaichean a-mach
deasaich- Iomraidhean nam mapaichean airson comharradh-clèithe: NY 363 846
Achadh na h-Eaglaise • Ae • Amisfield • Applegarthtown • Auldgirth • Bankend • Bàrr na Dris • Beattock • Bentpath • Canonbaidh • Cathair • Cathair Ruairidh • Chapelknowe • Cille Chonaill • Cille Bhrìghde • Cill Osbairn • Cille Phàdraig nam Fleamach • An Clachan • Clarencefield • Collin • Comar na Drise • Cuingealach • Dalswinton • Daltan • Doire Chonaill • Dòrnach • Drochaid Charrainn • Drochaid a' Mhuilinn • Drochaid Mhic Iain • Dubhras na Doire • Dùn Choll • Dùn Phris • Dùn Sgoir • Eaglais Fheichin • Eastriggs • Eskdalemuir • Gleann Chapall • Greatna • Hightae • Hoddom • Inbhir Anainn • Kettleholm • Kirtlebridge • Langaim • Loch Mhabain • Logarbaidh • Am Magh Fada • Middlebie • Mouswald • Parkgate • Penpont • Powfoot • Ruadhail • Templand • Torthorwald • Tynron • Wamphray • Waterbeck