'S e comar, coinneachadh dà uisge, agus 's e comaraich a theirear ris an fhearann a tha eadar na h-uisgeachan; mar a tha a' Chomaraich (eadar Loch Carann agus Loch Toradain); a' Chomaraich (ann an Siorrachd Pheairt); Comar nan Allt; Magh Comair (eadar Lòchaidh agus Spiathanaidh ann an Loch Abar).

Am Mosel a' coinneachadh ris an Rhein aig Koblenz

Tha am facal sean obar leis an aon chiallachadh a' nochdadh ann an ainmean-àite mar Obar Challdair, Obar Thairbh, Obar Dheathain etc.

'S e inbhir, am fearann còmhnard a tha shìos mu obar aibhne; mar a tha an t-Inbhir, Inbhir Air, Inbhir Nis, Inbhir Lòchaidh, Inbhir Snàthaid 7 msa.[1]

Faic cuideachd deasaich

Iomraidhean deasaich

  1. gun urra (16mh dhen Iuchar 1897): “Mu'n Uisge,” ann an: Mac-Talla, leabhar 6, àir. 3, td. 4.