Cille Bhrìghde (Siorrachd Dhùn Phrìs)
Cille Bhrìghde | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Alba |
Ceàrn | Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh |
Co-chomharran | 55° 01′ 19″ Tuath 03° 16′ 37″ Iar |
Feartan fiosaigeach | |
Àireamh fòn | 01461 |
Duilleag oifigeil | Cille Bhrìghde aig Visit Scotland |
‘S e baile beag dùthchasail faisg air Inbhir Anainn,[1] air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th’ ann an Cille Bhrìghde neo Eaglais Bhrìghde (Beurla: Brydekirk). Tha e suidhichte aig 23m os cionn ìre na mara,[2] air an àirde an ear-dheas Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Dhùn Phrìs ro 1975), eadar an Eaglais Fheichin agus Cathair Ruairidh, ri taobh na h-aibhne Anainn.[3] Tha e 247km air falbh bho Obar Dheathain, 109km bho Ghlaschu, 112km bhon An t-Sròn Reamhar agus 104km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha.[4] 'S e Beurla a th' ann a’ chiad chànain aig a’ mhòr-chuid dhe na daoine ann an Cille Bhrìghde. Tha Eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas. A bharrachd air sin, tha taigh-seinnse[5] anns a’ bhaile. Taobh fhoghlaim, tha bun-sgoil ann,[6] ach feumar a dhol dhan àrd-sgoil ann an Inbhir Anainn.
Eachdraidh
deasaichThogadh eaglais do Naomh Brìghde san 12mh Linn ri taobh na h-aibhne agus tè air a' chladh, a tha nan tobhtaichean nar làithean. Aig toiseach tòisichidh an 19mh Linne bheachdaich an Còirnealair Alasdair Dirom à Banbh gun leasachadh e an t-àite taobh ghnìomhachas leis gu robh e faisg air an abhainn,[7] ach dh'fhàillig an sgeama aige, ged an do deach eaglais a' bhaile a thogail ann an 1835 le taic airgid bhon theaghlach Dirom, is iad a' fuireach faisg air làimhe ann am Mount Annan.[8] A-rèir carragh-chuimhne a' bhaile, fhuair ochd duine thar fhichead à Cille Bhrìghde bàs sa Chogadh Mòr[9] agus sianar eile san Dàrna Cogadh.
Daoine Ainmeil
deasaich- James Tennant MC (1896 - 1966). Gunnair.
Iomraidhean
deasaich- ↑ Scottish Places
- ↑ Elevation Map
- ↑ SEPA
- ↑ Distance Calculator
- ↑ Beer in the Evening
- ↑ Annan
- ↑ Dumfriesshire Companion
- ↑ The new statistical account of Scotland, Dreach 18, Dùn Èideann, 1838
- ↑ Scottish War Memorials Project
Achadh na h-Eaglaise • Ae • Amisfield • Applegarthtown • Auldgirth • Bankend • Bàrr na Dris • Beattock • Bentpath • Canonbaidh • Cathair • Cathair Ruairidh • Chapelknowe • Cille Chonaill • Cille Bhrìghde • Cill Osbairn • Cille Phàdraig nam Fleamach • An Clachan • Clarencefield • Collin • Comar na Drise • Cuingealach • Dalswinton • Daltan • Doire Chonaill • Dòrnach • Drochaid Charrainn • Drochaid a' Mhuilinn • Drochaid Mhic Iain • Dubhras na Doire • Dùn Choll • Dùn Phris • Dùn Sgoir • Eaglais Fheichin • Eastriggs • Eskdalemuir • Gleann Chapall • Greatna • Hightae • Hoddom • Inbhir Anainn • Kettleholm • Kirtlebridge • Langaim • Loch Mhabain • Logarbaidh • Am Magh Fada • Middlebie • Mouswald • Parkgate • Penpont • Powfoot • Ruadhail • Templand • Torthorwald • Tynron • Wamphray • Waterbeck