Clarencefield
Clarencefield | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Alba |
Ceàrn | Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh |
Co-chomharran | 55° 00′ 11″ Tuath 03° 25′ 15″ Iar |
Feartan fiosaigeach | |
Àireamh-shluaigh | 1,314 (2001) |
Àireamh fòn | 01461 |
Duilleag oifigeil | Clarencefield aig Visit Scotland |
‘S e baile beag dùthchasail faisg air Inbhir Anainn, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th' ann an Clarencefield. Tha e suidhichte aig 26m os cionn ìre na mara,[1] air an àirde an ear-dheas Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Dhùn Phrìs ro 1975), eadar Mouswald agus Comar na Drise, ri taobh an Uillt Brow. Tha e 253km air falbh bho Obar Dheathain, 109km bho Ghlaschu, 14km bhon Dùn Phrìs agus 107km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha.[2] Tha 1,314 duine a' fuireach san sgìre[3] agus 's e Beurla a th' ann a’ chiad chànain aig a’ mhòr-chuid dhe na daoine ann an Clarencefield. Tha Eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas. A bharrachd air sin, tha talla a' bhaile,[4] oifis a' phuist,[5] taigh-òsda[6] agus taigh-seinnse[7] anns a’ bhaile. Taobh fhoghlaim, chan eil sgoil ann idir[8] is le sin feumar a dhol bhun-sgoil ann an Comar na Drise agus dhan àrd sgoil ann an Inbhir Anainn.
Eachdraidh
deasaichTha beul-aithris na sgìre ag innse dhuinn gun do chuir Uilleam Uallas ruig air feachdan à Sasainn an seo ann an 1297.[9] Chaidh tùr dìona a thogail an seo le Cuthbert de Cockpool san 15mh Linn.[10] agus chaidh an lùchairt a thogail ris a thaobh ann an 1902. Ghabh Marion Carruthers ris a bheatha fhèin sa chaisteal ann an 1570 leis nach robh i airson a bhith a' pòsadh ris an Ridire Seumas Dùghlasach, à Bàrr na Dris, an dèidh gun d'fhuair esan cead laghail gus a bhith ga pòsadh.[11] Chuir Raibeart Burns trì seachdain san taigh-seinnse an seo ann an 1796 nuair a bha e a' fulang galar lìnigeadh a' chridhe. Rachadh e dhan tobar Brow, far a dh'òladh e uisge is snàmhadh e sa mhuir. Bha e tinn is bochd, air sàilleabh nach phàigheadh an riaghaltas a thuarastal mar gàidear. Thuirteadh: The muckle deil had got into his pouch and was its only occupant. Chaochail e an ceann seachdain.[12] A-rèir carragh-chuimhne sa bhaile, fhuair 12 duine às a' pharraist bàs sa Chogadh Mòr[13] agus dithis eile san Darna Cogadh.
Iomraidhean
deasaich- ↑ Elevation Map
- ↑ Distances From
- ↑ Falling Rain
- ↑ A' Chomhairle
- ↑ The Time Now
- ↑ Comlongon
- ↑ Farmers' Inn
- ↑ A' Chomhairle
- ↑ Dumfriesshire Companion
- ↑ Myetymology
- ↑ Dumfriesshire Companion
- ↑ Dumfries Museum
- ↑ UKNIWM[dead link]
Achadh na h-Eaglaise • Ae • Amisfield • Applegarthtown • Auldgirth • Bankend • Bàrr na Dris • Beattock • Bentpath • Canonbaidh • Cathair • Cathair Ruairidh • Chapelknowe • Cille Chonaill • Cille Bhrìghde • Cill Osbairn • Cille Phàdraig nam Fleamach • An Clachan • Clarencefield • Collin • Comar na Drise • Cuingealach • Dalswinton • Daltan • Doire Chonaill • Dòrnach • Drochaid Charrainn • Drochaid a' Mhuilinn • Drochaid Mhic Iain • Dubhras na Doire • Dùn Choll • Dùn Phris • Dùn Sgoir • Eaglais Fheichin • Eastriggs • Eskdalemuir • Gleann Chapall • Greatna • Hightae • Hoddom • Inbhir Anainn • Kettleholm • Kirtlebridge • Langaim • Loch Mhabain • Logarbaidh • Am Magh Fada • Middlebie • Mouswald • Parkgate • Penpont • Powfoot • Ruadhail • Templand • Torthorwald • Tynron • Wamphray • Waterbeck