Eskdalemuir

Suidheachadh
Dùthaich Alba
Comhairle Dùn Phris is Ghall-Ghàidhealaibh
Co-chomharran 55° 16′ 08″ Tuath
03° 10′ 37″ Iar
Feartan fiosaigeach
Àireamh-shluaigh 256 (2001)
Àireamh fòn 013873
Duilleag oifigeil Duilleag na Sgìre

‘S e baile beag dùthchasail faisg air na crìochan le Comhairle nan Crìochan, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th' ann an Eskdalemuir. Tha e suidhichte aig 219m os cionn ìre na mara,[1] air an àirde an ear Dhùin Phris is Ghall-Ghàidhealaibh (Siorrachd Dhùn Phris ro 1975), eadar Hamhaig agus Am Magh Fada, ri taobh na h-aibhne Easg.[2] Tha e 218km air falbh bho Obar Dheathain, 91km bho Ghlaschu, 31km bhon Dùn Phrìs agus 76km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha. 'S e Beurla a th' ann a’ chiad chànain aig a’ mhòr-chuid dhe na daoine ann an Eskdalemuir. Tha eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas agus coilltearachd. A bharrachd air sin, tha talla a' bhaile san sheann sgoil, air a bheil an Hub, amharc-lann/stèisean aimsire[3] agus tèarmann nam Budach[4] anns a’ bhaile. Taobh fhoghlaim, chan eil bun-sgoil ann is feumar a dhol dhan sgoil ann am Logarbaidh neo Langaim, leis nach eil ach 256 duine a' fuireach shuas an seo. 'S e an t-àite as fhliche an Alba air fad a th'ann.[5]

Eachdraidh

deasaich

Nuair a ràinig na Ròmanaich s' ann leis na Selgovae a bha an sgìre seo agus chithear tobhtaichean ro eachdraidheil air bàrr gach cnoc is beinn mu thimcheall a' bhaile.[6] Taobh creideamh, chaidh eaglais snasail a thogail ann an 1836 agus chruthaich fògarraich à Tibet tèarmann dhaibh an seo ann an 1965. Chaidh am stèidhichear, Dr Akong Rinpoche, a mharbhadh ann an 2013.[7] Bha bun sgoil ann, ach dhùnadh ann an 2006 i[8] oir cha robh ach dithis sgoilear ann. A-rèir carragh-chuimhne a' bhaile, fhuair sia duine deug à Eskdalemuir bàs sa Chogadh Mòr[9] agus ceithrear eile san Dàrna Cogadh.

Iomraidhean

deasaich
  1. Elevation Map
  2. Walk Highlands
  3. Eskdalemuir Magnetic Observatory
  4. Samyeling
  5. Oifis na Sìde
  6. Scottish Places
  7. Southern Reporter
  8. A' Chomhairle
  9. Scottish War Memorials Project