Kettleholm

Suidheachadh
Dùthaich Alba
Ceàrn Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh
Co-chomharran 55° 04' 48″ Tuath
03° 20' 41″ Iar
Feartan fiosaigeach
Àireamh fòn 01576
Duilleag oifigeil Kettleholm aig Visit Scotland

‘S e baile beag dùthchasail faisg air Loch Mhabain, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th’ ann an Kettleholm. Tha e suidhichte aig 60m os cionn ìre na mara,[1] air an àirde an ear-dheas Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Dhùn Phrìs ro 1975), eadar Locarbaidh agus Daltan, ri taobh na h-aibhne Water of Milk.[2] Tha e 243km air falbh bho Obar Dheathain, 106km bho Ghlaschu, 17km bho Dhùn Phrìs agus 98km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha.[3] 'S e Beurla agus Beurla Ghallda th' ann an dà chànan aig a’ mhòr-chuid dhuibh ann an Kettleholm. Tha Eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas agus coilltearachd. A bharrachd air sin, tha talla a' bhaile eachdraidheil[4] ann. Taobh fhoghlaim, tha bun sgoil ann,[5] ach feumar a dhan àrd-sgoil ann an Locarbaidh.

Freumhan an Ainm

deasaich

A rèir eòlaichean fhreumh-fhaclachd, tha a h-uile coltas ann gur ann à Lochlannais heim a tha ainm a' bhaile.[6] 'S ann gu math pailt 's a tha ainmean-àite Lochlannach ann an iar-dheas na h-Alba,[7] gu h-àraidh nas fhaisge air a' Mhuir agus tha iad uile-làthaireach san sgìre eadar Inbhir Anainn agus Greatna.

Eachdraidh

deasaich

Tha daingneach ro-eachdraidheil ann, air bàrr Nutholm Hill[8] agus nochd am baile ann an 19mh Linn[9] mar bhaile oighreachd dhan lùchairt Castlemilk, a thogadh eadar 1864 - 1870. Bhuineadh an oighreachd do Robert Jardine,[10] bha an sàs sa chompanaidh Jardine Matheson & Co, thall ann an t-Sìona. Chaidh eaglais ùr a thogail an seo ann an 1877[11] agus fhuair i organ ann an 1905. Chleachdadh an sean eaglais mar sgoil.[12] Chaidh an tè sin a thogail ann an 1754. A-rèir carragh-chuimhne san eaglais, fhuair 24 duine às a' pharraist bàs sa Chogadh Mòr[13] agus còignear eile san Dàrna Cogadh.

Iomraidhean

deasaich
  1. Elevation Map
  2. Scottish Places
  3. Distance From
  4. Listed Buildings
  5. A' Chomhairle[dead link]
  6. Viking
  7. Ordanance Survey
  8. CAST
  9. Scottish Places
  10. Dumfries Companion
  11. Scotland's Churches
  12. Canmore
  13. Scottish War Memorials