Dùn Èideann
Dùn Èideann | |
Seallaidhean Dùn Èideann | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Alba |
Comhairle | Comhairle Baile Dhùn Èideann |
Co-chomharran | 55° 56′ Tuath 3° 9′ Iar |
Feartan fiosaigeach | |
Farsaingeachd | 259 km² |
Àireamh-shluaigh | 459,366 (2011[1]) |
Dlùths | 1,773.61/km² |
Àireamh fòn | 0131 |
Duilleag oifigeil | http://www.edinburgh.gov.uk/ |
'S e Dùn Èideann[2] (Beurla: Edinburgh) prìomh-bhaile na h-Alba (bho 1437) ach chan e am baile as motha – sin Glaschu. 'S e 453,670 àireamh-shluaigh a' bhaile agus 's e an seachdamh cathair as motha a tha anns an Rìoghachd Aonaichte. Tha Dùn Èideann suidhichte air an oirthir aig taobh an ear na h-Alba. B' e Dùn Èideann prìomh-bhaile sgìre Roinn Lodainn cuideachd.
Eachdraidh
deasaich'S e baile le sean Rìoghachd Bhreatannach a bh' ann an Dùn Èideann no Din Eidyn mar a chanar anns an sean chànan aig nam Breatannaich. Tha an daingneach fèin suidhichte air creag bholcanachd. Rè an linn-deighe, bha sgìre Dùn Èidinn fo raon dòigh a bha siubhal dhan ear. Dh'fhàg sin aghaidh dìreach dhan iar de'n creag agus earball truaill dhan ear (Is e creag is earball an t-ainm air an cruth-tìre seo). Air barrachd dh'fhàg e lagan air taobh tuath agus taobh dheas- a chruthaich da loch: Loch A' Thuatha agus an Loch Deasachd.
Tha "An Seann Bhaile" suidhichte air an earball, leis an Àrd Sraid na ruith sìos na droma dhan Chanongait a leanas air adhart gu geata Lùchairt Rìoghail An Ròid. Eadar Dùn agus lùchairt lorgar prìomh togalach na stàite: Seann Ceàrnag a' Phàrlamaid–a tha chun latha an diugh prìomh ionad nan luchd-lagha Albannaich (gleidh Achd an Aonaidh de 1707 rian lagh na h-Albainn) agus an Àras, sònraichte ris Giles Naomh, Seachad air Taigh Comhairle Dhùn Èidinn, lorgar an seann "Tolbooth" agus Taigh Seinnse "Deireadh an t-Saoghal" (a chomharraicheas iomall balla a' bhaile 's na meadhan aoisean, nuair a bha an Canongait na baile fa-leth taobh a-muigh na ballaichean). Ri taobh bun a' Chanongait lorgar "Taigh an Roid", taigh pàrlamaid ur na h-Alba.
Thòisich am baile a sgap am seachad air a sheann crìochan rè an 18mh cheud. Thogadh Baile Ur Dhùin Èidinn dhan thaobh tuatha aig deireadh an 18mh cheud, mu'n am a' ghluais muinntir an oilthigh dha thaobh deas far a bheil an oilthigh suidhichte chun latha an diugh.
Cultar
deasaich'S e cridhe a' bhaile Caisteal Dhùn Èideann air mullach Creag a' Chaisteil. Tha fèis armachd ainmeil ann gach bliadhna ris an canar an "Edinburgh Military Tattoo", far am bi saighdearan a sealltainn cho ealanta 's a tha iad ann an co-fharpais, ceòl agus màrsadh.
Tha fèis ainmeil eile ann airson dràma ris an canar, gu simplidh, Fèis Dhùn Èideann' no The Edinburgh Festival' ann am Beurla. Bidh mìltean de chleasaichean a' tighinn agus a' gabhail pàirt bho fheadhainn ainmeil gu feadhainn neo-ainmeil a tha a' feuchainn ri ainm a dhèanamh dhaibh fhèin.
Chaidh am Mòd Nàiseanta a chumail ann an Dùn Èideann anns na bliadhnaichean 1899, 1910, 1919, 1935, 1951, 1960 agus 1986.
Spòrs
deasaichTha an lann-cluiche nàiseanta airson sgioba Rugbaidh Albannach ann – Murrayfield – agus dà sgioba mòr ball-coise a bhios a' cluich anns a' Phrìomh-Lìog; Hibs agus Hearts.
Tha Sgioba nàiseanta criogaid na h-Alba a' cluich aig The Grange ann an Dùn Èideann. Chum Dùn Èideann Geamaichean a' Cho-fhlaitheis ann an 1970 agus 1986.
Foghlam
deasaich'S e bun-sgoil làn-Ghàidhlig ann an Dùn Èideann, Bun-sgoil Taobh na Pàirce. Tha e faisg air Pàirc Pilrig anns an Lìte. Faodaidh clann a thig tron sgoil leantainn orra aig Àrd-sgoil Sheumais Ghilleasbuig far a bheil iomadh cuspair ga theagasg tro mheadhan na Gàidhlig.
Tha dìleab agus tòrr eachdraidh ann am foghlam a' bhaile agus 's e Oilthigh Dhùn Èideann aon de na h-oilthighean as ainmeil ann am Breatainn agus san t-saoghal. Tha dà oilthigh ùr ann an Dùn Èideann, Oilthigh Heriot-Watt, stèidhichte ann an 1821 agus Oilthigh Napier, stèidhichte ann an 1992.
Tha Scottish Agricultural College (SAC) an colaiste ann an Dùn Èideann a deas.
Daoine ainmeil
deasaich- Walter Scott (1771–1832). Sgrìobhadair.
- Alexander Graham Bell (1847–1922). Dh'innlich e am fòn.
- Sean Connery (1930). Actair.
- Coinneach MacAsgaill (1958). Neach-poileataigs.
- Meg Bateman (1959). Bàrd Gàidhealach.
Sgìrean
deasaichAm Baile Àirneach | Àth na Sglèata | Balgreen | Brunstane | Cnoc Churraich | Cnoc an Rìgh | Comely Bank | Crois na Cìse | Drumbrae agus Gyle | Dùn Mheinidh | Gracemount | Gyle a Deas | Hailes an Iar | Liberton | Lìte | Margadh an Fheòir | Sean Bhaile | Taigh an Ròid | Talla na Creige Nuadh
Baile-cèile
deasaichAistean co-cheangailte
deasaichIomraidhean
deasaich- ↑ Brinkhoff, Thomas: “Scotland (United Kingdom) - Council Areas & Localities - Population statistics in maps and charts”. Air a thogail 12mh dhen Ghearran 2017.
- ↑ “Edinburgh/Dùn Èideann”. Ainmean-Àite na h-Alba. Air a thogail 9mh dhen Mhàrt 2023.
- ↑ Urząd Miasta Krakowa
- ↑ Annuaire de France
- ↑ SisterCities
Ceanglaichean a-mach
deasaich- Comhairle Baile Dhùn Èideann (Beurla)
- Visit Edinburgh (bòrd turasachd) (Beurla)
- Iomairt Ghàidhlig Dhùn Èideann
- Cearcall Còmhraidh Dhùn Èidinn
- Dùn Èideann nan Gàidheal (pdf)
- Làraichean-coise Gàidhlig Dhùn Èideann – mapa
- BBC Naidheachdan 2018-11-06: Beachdachadh air ionad Gàidhlig an Dùn Èideann (aithris-bhideo 4:23)
Foghlam tro mheadhan na Gàidhlig ann an Dùn Éideann
- BBC Naidheachdan 2016-02-29: “Ìre èiginneach” ann an Dùn Èideann
- BBC Naidheachdan 2016-02-29: “Dragh mòr” a’ mhodaràtoir mu Dhùn Èideann
- BBC Naidheachdan 2016-03-01: Moladh Dhùn Èideann ga tharraing (aithris bhideo 3:11)
- BBC Naidheachdan 2016-05-13: Ceum air adhart do FMG an Dùn Èideann
- BBC Naidheachdan 2016-05-24: Comhairle Dhùn Èideann “ceart”
- BBC Naidheachdan 2020-12-02: Co-chomhairle mu àrd-sgoil Dhùn Èideann (aithris-bhideo 1:31)
Dùn Èideann · Dùn Dèagh · Glaschu · Inbhir Nis · Obar Dheathain · Sruighlea
Comhairle Arcaibh | Comhairle Aonghais | Comhairle Baile Dhùn Dè | Comhairle Baile Dhùn Èideann | Comhairle Baile Ghlaschu | Comhairle Baile Obar Dheathain | Comhairle Chrìochan na h-Alba | Comhairle Siorrachd Dhùn Breatann an Ear | Comhairle Siorrachd Dhùn Breatann an Iar | Comhairle Dhùn Phris is Ghall-Ghàidhealaibh | Comhairle na Eaglaise Brice | Comhairle Earra-Ghàidheal agus Bhòid | Comhairle nan Eilean Siar | Comhairle Fhìobha | Comhairle na Gàidhealtachd | Comhairle Inbhir Chluaidh | Comhairle Lodainn an Ear | Comhairle Lodainn an Iar | Comhairle Lodainn Mheadhanaich | Comhairle Mhoireibh | Comhairle Pheairt is Cheann Rois | Comhairle Siorrachd Àir a Deas | Comhairle Siorrachd Àir an Ear | Comhairle Siorrachd Àir a Tuath | Comhairle Siorrachd Chlach Mhanann | Comhairle Siorrachd Lannraig a Deas | Comhairle Siorrachd Lannraig a Tuath | Comhairle Siorrachd Obar Dheathain | Comhairle Siorrachd Rinn Friù | Comhairle Siorrachd Rinn Friù an Ear | Comhairle Shealtainn | Comhairle Shruighlea |