Parkgate
Parkgate From Dalruscan - geograph.org.uk - 289530.jpg
Mapa dg parkgate.jpg
Suidheachadh
Dùthaich Flag of Scotland.svg Alba
Ceàrn Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh
Co-chomharran 55° 10′ 23″ Tuath
03° 32′ 38″ Iar
Feartan fiosaigeach
Àireamh fòn 01387

‘S e baile beag dùthchasail faisg air Dùn Phrìs, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th’ ann am Parkgate). Tha e suidhichte aig 91m os cionn ìre na mara,[1] ann an ceann a tuath Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Dhùn Phrìs ro 1975), eadar Drochaid Mhic Iain agus Ae, eadar an Abhainn Ae agus an Abhainn Kinnel. Tha e 237km air falbh bho Obar Dheathain, 88km bho Ghlaschu, 27km bho Inbhir Anainn agus 89km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha.[2] 'S e Beurla agus Beurla Ghallda th' ann an dà chànan aig a’ mhòr-chuid dhuibh ann am Parkgate. Tha Eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas agus coilltearachd. A bharrachd air sin, tha Colaiste Tuathanachail ann.[3] Taobh fhoghlaim, tha bun sgoil ann faisg air làimhe ann an Netherhill,[4] ach feumar a dhol dhan àrd sgoil anns a' Mhagh Fada.

Freumhan an AinmDeasaich

A rèir eòlaichean fhreumh-fhaclachd, tha a h-uile coltas ann gur ann à seann Fhraingis parque (buaille)[5] agus Lochlannais gata (rathad)[6] a tha an t-ainm, a chanadh Rathad na Buaille sa Ghàidhlig ris. 'S ann gu math pailt 's a tha ainmean-àite Lochlannach ann an iar-dheas na h-Alba,[7] gu h-àraidh nas fhaisge air a' Mhuir.

EachdraidhDeasaich

A-rèir beul-aithris muinntir an àite, mharbh Uilleam Uallas sianar saighdear Sasannach aig Six Corses, dìreach mìle air falbh bho Pharkgate, ann an 1296.[8]Bha corr is 1,200 duine a' fuireach san sgìre air fad ann an 1820[9] ach tha àireamh-shluaigh na sgìre air a bhith a' tuiteam bhon uairsin. Chaidh eaglais ùr a thogail ann an 1815, ann an aon àite far an robh sean eaglais ann o shean.[10] Tha am parraist seo, air an robh Cille Mhìcheil, am broinn parraist Cille Mhìcheil, Tinwald agus Torthorwald a-nis.[11] A-rèir carragh-chuimhne ionadail, fhuair 31 às an sgìre bàs sa Chogadh Mòr[12] agus ochdnar eile san Dàrna Cogadh.

CòmhdhailDeasaich

Chan eil seirbheis rèile ann. A dh'aindeoin sin, tha dà sheirbheis bhus a' frithealadh a' bhaile: An X74 Dùn Phrìs - Am Magh Fada - Glaschu agus an 114 Dùn Phrìs - Beattock - Am Magh Fada.[13]

IomraidheanDeasaich

  1. Elevation Map
  2. Distance From
  3. Barony College
  4. A' Chomhairle
  5. Godswatcher
  6. York University
  7. Ordanance Survey
  8. Dumfriesshire Companion
  9. Visions
  10. Scotland's Churches
  11. KTT
  12. Scottish War Memorials Project
  13. Còmhdhail na Comhairle