Auldgirth

Suidheachadh
Dùthaich Alba
Ceàrn Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh
Co-chomharran 55° 09′ 00″ Tuath
03° 42′ 36″ Iar
Feartan fiosaigeach
Àireamh-shluaigh 635 (2001)
Àireamh fòn 01387
Duilleag oifigeil Auldgirth aig Visit Scotland

‘S e baile beag dùthchasail faisg air Dùn Sgoir, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th’ ann an Auldgirth. Tha e suidhichte aig 130m os cionn ìre na mara,[1] ann an cridhe Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Dhùn Phrìs ro 1975), eadar Bàrr na Dris agus Dùn Phrìs, ri taobh na h-aibhne Nid.[2] Tha e 243km air falbh bho Obar Dheathain, 85km bho Ghlaschu, 35km bho Inbhir Anainn agus 94km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha.[3] Tha 635 duine a' fuireach sa bhaile[4] agus 's e Beurla agus Beurla Ghallda th' ann an dà chànan aig a’ mhòr-chuid dhuibh ann an Auldgirth. Tha Eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas agus coilltearachd. A bharrachd air sin, tha bùth nan càraichean[5] agus dà thaigh-òsta ann.[6][7] Taobh fhoghlaim, chan eil bun-sgoiltean ann, agus le sin feumar a dhol dhan bhunsgoil ann an Holywood[8] agus dhan àrd-sgoil ann am Bàrr na Dris.

Freumhan an Ainm

deasaich

A rèir eòlaichean fhreumh-fhaclachd, tha a h-uile coltas ann gu bheil an t-ainm a' ciallachadh Sean Tharrach, bho Bheurla Ghallda Auld (Seann) agus Girth (Tarrach).[9] A dh'aindeoin sin, tha cuid eile dhen bheachd gur ann às a' Ghàidhlig Allt agus Lochlannais Garth a th'ann, a bheireadh dhuinn Allt a' Ghàrraidh sa Ghàidhlig an latha an-diugh. 'S ann gu math làidir 's a tha buaidh nan Lochlannach air ainmean-àite ann an iar-dheas na h-Alba,[10] gu h-àraidh faisg air a' mhuir agus tha iomadh ainm-àite dà-chànanach Gàidhleah-lochlannach ann. A bharrachd air sin, nochd a' Ghàidhlig ann an ceann a deas na h-Alba anns an 7mh Linn agus bha an cànan fhathast làidir ann an Siorrachd Dhùn Phrìs fhèin anns an 14mh Linn.[11]

Eachdraidh

deasaich

Thogail na Ròmanaich rathad a rachadh seachad an àite seo.[12] Chaidh Abaid a thogail san àite far a bheil an taigh-òsda an latha an-diugh, le manaich à Maolros mu 1500,[13] Chaidh Na Seumasaich seachad air Auldgirth air an t-seann rathad shuas gu tuath ann an 1746, an dèidh dhaibh Sasainn fhàgail.[14] Rachadh Raibeart Burns dhan taigh-òsda gu tric nuair a bha e na thuathanach aig Ellisland bho 1788 gu ruige 1791, a tha faisg air làimhe. Thogadh loidhne-rèile an seo ann an 1849 ach dhùnadh an stèisean ann an 1952.[15]

Iomraidhean

deasaich
  1. Falling Rain
  2. Webcamgalore
  3. Distance From
  4. A' Chomhairle
  5. Shopping Time[dead link]
  6. Friar's Carse Hotel
  7. Auldgirth Inn
  8. A' Chomhairle
  9. Old English Translator
  10. Ordanance Survey
  11. Transactions and Journal of Proceedings of the Dumfriesshire and Galloway Natural History and Antiquarian Society. Third Series. Volume XI: 147
  12. Dumfriesshire Companion
  13. Visions
  14. Am Baile[dead link]
  15. Butt, R. V. J. (1995). The Directory of Railway Stations: details every public and private passenger station, halt, platform and stopping place, past and present (1st ed.). Sparkford: Patrick Stephens Ltd. ISBN 1-8526-0508-1. OCLC 60251199.