Cill Osbrain

Suidheachadh
Dùthaich Alba
Comhairle Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh
Co-chomharran 55° 12′ 43″ Tuath
03° 44′ 02″ Iar
Feartan fiosaigeach
Àireamh-shluaigh 1,119 (2001)
Àireamh fòn 01387

‘S e baile beag dùthchasail faisg air Penpont, ri chùlaibh a' chnuic Queensberry, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th’ ann an Cill Osbrain (Beurla: Closeburn).[1] Tha e suidhichte aig 111m os cionn ìre na mara,[2] ann an cridhe Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Dhùn Phris ro 1975), eadar an Bàrr na Dris agus Auldgirth, ri taobh na h-aibhne Nid.[3] Tha e 244km air falbh bho Obar Dheathain, 95km bho Ghlaschu, 19km bho Inbhir Anainn agus 98km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha. 'S e Beurla agus Beurla Ghallda th' ann an dà chànan aig a’ mhòr-chuid dhe na daoine ann an Cill Osbrain. Tha Eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas agus coilltearachd. A bharrachd air sin, tha bùth[4] agus taigh-òsta ann.[5] Taobh fhoghlaim, tha a' bun-sgoil ann[6] ach feumar a dhol dhan àrd-sgoil ann am Bàrr na Dris.

Eachdraidh deasaich

Chaidh am baile a chlàradh airson a' chiad turais ann an 1185 mar Killosbern[7] Chaidh Na Seumasaich seachad air Cill Osbrain air an t-seann rathad shuas gu tuath ann an 1746, an dèidh dhaibh Sasainn fhàgail.[8] A-rèir carragh-chuimhne san sgìre, fhuair ceithir duine thar fhichead à Cill Osbrain sa Chogadh Mòr[9] agus aon duine deug eile san Dàrna Cogadh.

Daoine Ainmeil deasaich

Iomraidhean deasaich

  1. Scottish Places
  2. Meteo Consult
  3. Rods on Rivers
  4. Daily Record
  5. Trip Advisor
  6. A' ChomhairleTeamplaid:Fix/category[dead link]
  7. Saint Places
  8. Am BaileTeamplaid:Fix/category[dead link]
  9. Scottish War Memorials Project