Bentpath
Bentpath | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Alba |
Ceàrn | Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh |
Co-chomharran | 55° 20′ 00″ Tuath 03° 08′ 03″ Iar |
Feartan fiosaigeach | |
Àireamh fòn | 013873 |
Duilleag oifigeil | Duilleag na Sgìre |
‘S e baile beag dùthchasail faisg air na crìochan le Comhairle nan Crìochan, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th' ann am Bentpath. Tha e suidhichte aig 143m os cionn ìre na mara,[1] air an àirde an ear Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Dhùn Phrìs ro 1975), eadar Langaim agus Eskdalemuir, ri taobh na h-aibhne Easg.[2] Tha e 225km air falbh bho Obar Dheathain, 105km bho Ghlaschu, 36km bho Dhùn Phrìs agus 84km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha.[3] 'S e Beurla a th' ann a’ chiad chànan aig a’ mhòr-chuid dhe na daoine ann am Bentpath. Tha Eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas agus coilltearachd. A bharrachd air sin, tha talla a' bhaile agus leabharlann ainmeil anns a’ bhaile. Taobh fhoghlaim, chan eil sgoiltean ann is le sin feumar a dhol dhan sgoil ann an Langaim.
Eachdraidh
deasaichThoisich gnothach nam mèinnean[4] sa sgìre san 18mh Linn agus stèidhich na mèinnearan leabharlann ann an 1793.[5] Bha dìreach 23 leabhair aig an toiseach ach fhuair iad dìleab dhe £1,000 bho Thomas Telford[6] agus £1,700 ann an 1851. Bha 8,000 leabhar sa leabharlann ann an 1923. S' e an leabharlann leantainneach as sine an Alba a th' ann. Thogadh eaglais an seo ann an 1880,[7] ach tha clachan bho 1649 ann cuideachd. A-rèir carragh-chuimhne a' bhaile, fhuair naoi duine deug à Bentpath bàs sa Chogadh Mòr[8] agus fear eile san Dàrna Cogadh.
Iomraidhean
deasaich- ↑ Falling Rain
- ↑ Canmore
- ↑ Distance from - to
- ↑ Dumfriesshire Companion
- ↑ Langholm Online
- ↑ Scottish Places
- ↑ Canmore
- ↑ Scottish War Memorials Project
Achadh na h-Eaglaise • Ae • Amisfield • Applegarthtown • Auldgirth • Bankend • Bàrr na Dris • Beattock • Bentpath • Canonbaidh • Cathair • Cathair Ruairidh • Chapelknowe • Cille Chonaill • Cille Bhrìghde • Cill Osbairn • Cille Phàdraig nam Fleamach • An Clachan • Clarencefield • Collin • Comar na Drise • Cuingealach • Dalswinton • Daltan • Doire Chonaill • Dòrnach • Drochaid Charrainn • Drochaid a' Mhuilinn • Drochaid Mhic Iain • Dubhras na Doire • Dùn Choll • Dùn Phris • Dùn Sgoir • Eaglais Fheichin • Eastriggs • Eskdalemuir • Gleann Chapall • Greatna • Hightae • Hoddom • Inbhir Anainn • Kettleholm • Kirtlebridge • Langaim • Loch Mhabain • Logarbaidh • Am Magh Fada • Middlebie • Mouswald • Parkgate • Penpont • Powfoot • Ruadhail • Templand • Torthorwald • Tynron • Wamphray • Waterbeck