Loch Mhabain
Loch Mhabain | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Alba |
Ceàrn | Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh |
Co-chomharran | 55° 07′ 41″ Tuath 03° 26′ 28″ Iar |
Feartan fiosaigeach | |
Àireamh-shluaigh | 41,952 (2001) |
Àireamh fòn | 01387 |
Duilleag oifigeil | Duilleag a' Bhaile |
‘S e baile beag dùthchasail faisg air Logarbaidh,[1] air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th’ ann an Loch Mhabain. Tha e suidhichte aig 56m os cionn ìre na mara,[2] air an àirde an ear Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Dhùn Phrìs ro 1975), eadar Torthorwald agus Applegarthtown, ri taobh trì lochan: Loch na h-Eaglaise, Loch a' Chaisteil agus Loch a' Mhuillinn.[3] Tha e 240km air falbh bho Obar Dheathain, 96km bho Ghlaschu, 12km bho Dhùn Phrìs agus 93km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha.[4] 'S e Beurla agus Beurla Ghallda th' ann an dà chànan aig a’ mhòr-chuid dhuibh ann an Loch Mhabain. Tha Eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas agus coilltearachd. A bharrachd air sin, tha taigh-òsda[5] agus dà thaigh-seinnse ann.[6] Taobh fhoghlaim, tha bun sgoil ann[7] ach feumar a dhol dhan àrd sgoil ann an Logarbaidh. Ann an 2001 bha 1,952 duine a' fuireach an seo. [8]
Freumhan an Ainm
deasaichA rèir eòlaichean fhreumh-fhaclachd, tha a h-uile coltas ann gur ann à an seann chuimris mabon a tha ainm a' bhaile,[9] a' toirt dhuinn Loch Mhabain neo Loch Mhacain sa Ghàidhlig. 'S ann gu math pailt a tha ainmean-àite ann an Cuimris ann an ceann a deas na h-Alba.
Eachdraidh
deasaichChaidh Caisteal Loch Mhabain a thogail an seo anns an 13mh linn. Canar cuid gun do rugadh Raibeart I na h-Alba an seo. A-rèir carragh-chuimhne sa bhaile, fhuair 66 duine à Loch Mhabain bàs sa Chogadh Mòr[10] agus seachd duine deug eile san Dàrna Cogadh. Bha e na Bhorgh Rìoghail le dleastanasan riaghlaidh eadar 1855 agus 1930, nuair a chuireadh às dhan t-siostam.[11]
Iomraidhean
deasaich- ↑ Scottish Places
- ↑ Elevation Map
- ↑ Fish Pal
- ↑ Distance From
- ↑ Crown Hotel
- ↑ beer in the eveninh
- ↑ Lochmaben Primary
- ↑ Scotland's Census Result OnLine[dead link]
- ↑ Transactions and Journal of Proceedings of the Dumfriesshire and Galloway Natural History and Antiquarian Society, duilleagan 147-148
- ↑ Scottish War Memorials Project
- ↑ NRS
Ceanglaichean a-mach
deasaich- Iomraidhean nam mapaichean airson comharradh-clèithe: NY 081 825
Achadh na h-Eaglaise • Ae • Amisfield • Applegarthtown • Auldgirth • Bankend • Bàrr na Dris • Beattock • Bentpath • Canonbaidh • Cathair • Cathair Ruairidh • Chapelknowe • Cille Chonaill • Cille Bhrìghde • Cill Osbairn • Cille Phàdraig nam Fleamach • An Clachan • Clarencefield • Collin • Comar na Drise • Cuingealach • Dalswinton • Daltan • Doire Chonaill • Dòrnach • Drochaid Charrainn • Drochaid a' Mhuilinn • Drochaid Mhic Iain • Dubhras na Doire • Dùn Choll • Dùn Phris • Dùn Sgoir • Eaglais Fheichin • Eastriggs • Eskdalemuir • Gleann Chapall • Greatna • Hightae • Hoddom • Inbhir Anainn • Kettleholm • Kirtlebridge • Langaim • Loch Mhabain • Logarbaidh • Am Magh Fada • Middlebie • Mouswald • Parkgate • Penpont • Powfoot • Ruadhail • Templand • Torthorwald • Tynron • Wamphray • Waterbeck