Mouswald
Mouswald | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Alba |
Ceàrn | Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh |
Co-chomharran | 55° 02' 00″ Tuath 03° 28' 00″ Iar |
Feartan fiosaigeach | |
Àireamh-shluaigh | 410 (1951) |
Àireamh fòn | 01387 |
Duilleag oifigeil | Mouswald aig Visit Scotland |
‘S e baile beag dùthchasail faisg air Dùn Phrìs, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th’ ann an Mouswald (Mosswald o shean). Tha e suidhichte aig 52m os cionn ìre na mara,[1] ann an cridhe Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Dhùn Phrìs ro 1975), eadar an Cathair Ruairidh agus Dùn Phrìs, ri taobh an Uillt Cleughbrae.[2] Tha e 248km air falbh bho Obar Dheathain, 102km bho Ghlaschu, 14km bho Inbhir Anainn agus 103km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha. [3] Bha mu 410 duine a' fuireach an seo ann an 1951.[4] 'S e Beurla agus Beurla Ghallda th' ann an dà chànan aig a’ mhòr-chuid dhe na daoine ann am Mouswald. Tha Eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas agus dreuchdan ann an Dùn Phrìs. A bharrachd air sin, tha pàirc charabhan ann.[5] Taobh fhoghlaim, tha bun-sgoil[6] ann ach feumar a dhol dhan àrd sgoil ann an Dùn Phrìs.
Freumhan an Ainm
deasaichA rèir eòlaichean fhreumh-fhaclachd, tha e coltach gur ann à seann Bheurla neo Lochlannais a tha ainm a' bhaile, a tha a' ciallachadh Coille a' Mhòintich bho Méos (Mòinteach) agus Weald (Coille).[7] Chan eil am baile idir fada air falbh bhon a' Mhòinteach Lochar.[8] Bha coilltean mòra ann o chionn fhada. 'S ann gu math pailt 's a tha ainmean-àite Lochlannach ann an iar-dheas na h-Alba,[9] gu h-àraidh nas fhaisge air a' Mhuir agus tha iad uile-làthaireach san sgìre eadar Inbhir Anainn agus Greatna.
Eachdraidh
deasaichBha a' chiad eaglais do Naomh Peadar, ann san 13mh Linn mar-thà, ach thogadh eaglais ùr an seo an an 1816 agus lesachadh ann an 1929,[10] nuair a chuireadh geata mòr air bhog. Chaidh an eaglais a dhùnadh ann an 2011,[11] leis gun do deach Comar na Drise, Ruadhail agus Mouswald a chur ri chèile mar aon pharraist. A-rèir carragh-chuimhne a' bhaile, fhuair deichnear à Mouswald bàs sa Chogadh Mòr[12] agus fear eile san Dàrna Cogadh.
Iomraidhean
deasaich- ↑ Elevation Map
- ↑ Geolocation
- ↑ Distance Calculator
- ↑ Vision
- ↑ Manor Hotel
- ↑ A' Chomhairle
- ↑ Old English Translator
- ↑ Scottish Places
- ↑ Ordanance Survey
- ↑ Scottish Churches
- ↑ Daily Record
- ↑ Scottish War Memorials Project
Achadh na h-Eaglaise • Ae • Amisfield • Applegarthtown • Auldgirth • Bankend • Bàrr na Dris • Beattock • Bentpath • Canonbaidh • Cathair • Cathair Ruairidh • Chapelknowe • Cille Chonaill • Cille Bhrìghde • Cill Osbairn • Cille Phàdraig nam Fleamach • An Clachan • Clarencefield • Collin • Comar na Drise • Cuingealach • Dalswinton • Daltan • Doire Chonaill • Dòrnach • Drochaid Charrainn • Drochaid a' Mhuilinn • Drochaid Mhic Iain • Dubhras na Doire • Dùn Choll • Dùn Phris • Dùn Sgoir • Eaglais Fheichin • Eastriggs • Eskdalemuir • Gleann Chapall • Greatna • Hightae • Hoddom • Inbhir Anainn • Kettleholm • Kirtlebridge • Langaim • Loch Mhabain • Logarbaidh • Am Magh Fada • Middlebie • Mouswald • Parkgate • Penpont • Powfoot • Ruadhail • Templand • Torthorwald • Tynron • Wamphray • Waterbeck