Dùn Sgoir

Suidheachadh
Dùthaich Alba
Ceàrn Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh
Co-chomharran 55° 08' 27″ Tuath
03° 47′ 31″ Iar
Feartan fiosaigeach
Àireamh-shluaigh 775 (2011)
Àireamh fòn 01387
Duilleag oifigeil Duilleag a' Bhaile

‘S e baile beag dùthchasail air iomall Dhùn Phrìs, air an àirde an iar-dheas na h-Alba, a th’ ann an Dùn Sgoir. Tha e suidhichte aig 136m os cionn ìre na mara,[1] ann an cridhe na roinne Dhùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Dhùn Phrìs ro 1975), eadar Bàrr na Dris agus Clachan Eòin, ri taobh na h-aibhne Uisge Càrn. Tha e 16km air falbh bho Dhùn Phrìs, 83km bho Ghlaschu, 84km bhon An t-Sròn Reamhar agus 98km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha.[2]

Chan eil ach 775 duine a’ fuireach anns a’ bhaile agus 's e Beurla a th' anns a' chiad chànan aig a’ mhòr-chuid dhe na daoine ann an Dùn Sgoir.[3] Tha eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas, gu h-àraidh coilltearachd, gnothaich a' chruidhe agus a' chaorach.

Freumhan an ainm

deasaich

Tha e coltach gur ann à Din Ysgor (Gàidhlig: Dùn na Lannsa) ann an Seann-Chuimris a tha an t-ainm, ged a tha cuid dhen bheachd gu bheil an t-ainm a' ciallachadh Dùn Daingneach, air sàilleabh atharraidhean fuaimneachail sa chànan.[4][5] 'S ann gu math pailt a tha ainmean-àite ann an Cuimris ann an ceann a deas na h-Alba.

Eachdraidh

deasaich

Sgrìobh Raibeart Burns Tam o' Shanter an seo ann an 1790, nuair a bha e na chroitear aig Elliesland.[6] Chaidh an Drochaid Dalgonar a thogail an an 1818.[7] Stèidheachadh loidhne-rèile eadar Dùn Phrìs agus Am Mòine Naomh tro Dùn Sgoir ann an 1905 ach dhùineadh an seirbheis ann an 1947.[8] A rèir carragh-chuimhne a' bhaile, fhuair 39 duine à Dùn Sgoir bàs sa Chogadh Mòr agus naoinear eile san Dàrna Cogadh.[9]

Daoine ainmeil

deasaich

Iomraidhean

deasaich
  1. Falling Rain
  2. Distance Calculator
  3. Comhairle Dhùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh|
  4. The Brittonic Language in the Old North
  5. Transactions and Journal of Proceedings of the Dumfriesshire and Galloway Natural History and Antiquarian Society. Third Series. Volume XI: 147
  6. Robert Burns
  7. Listed Buildings
  8. Transport Divisions
  9. Scottish War Memorials Project
  10. The Holocaust Explained