'S e Cuimris cànan nan Cuimrich. Cymraeg 'sa chànan fhèin. Bhruidhinnear i anns a' Chuimrigh agus ann an Chubut anns An Argantain. 'S e cànan Breatannach, Ceilteach a th' ann agus gu h-eachdraidheil bha i air a bruidhinn air feadh eilean Breatainn Mhòr, chan ann a-mhàin sa Chuimrigh. Tha mu 500,000 neach a bhruidhneas an cànan air fhàgail - timcheall air 20% den t-sluagh Cuimreach gu lèir.

Cuimris
Cymraeg
Fuaimneachadh [kəmˈrɑːɨɡ]
Far a bheil i 'ga bruidhinn
Luchd-labhairt iomlan

791,000+:
a' Chuimrigh: 611,000[1]
Sasainn: 150,000[2]
Chubut, An Argantain: 25,000[3]
Canada: 3,160[4]
Na Stàitean Aonaichte: 2,655[5]
Sealainn Nuadh: 1,155[6]
Astràilia: 1,060[7]

Teaghlach-chànan

Cànain Innd-Eòrpach

Siostam-litreachaidh Aibidil Laideannach
Inbhe Oifigeil
Far a bheil i 'na chànan oifigeil A' Chuimrigh
Còdan Cànan
ISO 639-1 cy
ISO 639-2 wel
ISO 639-3 cym
Roinnean far a bheil Cuimris ga bruidhinn
Rathad Cuimreach

Canar gur e Llyfr Du Caerfyrddin (Beurla: The Black Book of Carmarthen) an làmh-sgrìobhainn as sine a chaidh a sgrìobhadh gu tur ann an Cuimris.[8] Tha an leabhar seo agus cuid de na seann tùsan Chuimreach eile rim faicinn ann an Leabharlann Nàiseanta na Cuimrigh an-diugh.

Iomraidhean deasaich

  1. 2004 Welsh Language Use Survey: the report - Welsh Language Board
  2. http://www.ibiblio.org/pub/archives/welsh-l/welsh-l/1993/Mar/More-Welsh-Speakers
  3. Ethnologue: Welsh
  4. Ethnologue: Languages of Canada.
  5. USEnglish.orgPDF (89.8 KiB)
  6. Cultural Table, Riaghaltas Shealainn Nuadh (XLS).
  7. Western Australia.
  8. Daniel Huws, Leabharlann Nàiseanta na Cuimrigh (Llyfrau Cymraeg 1250-1400, Aberystwyth 1993).