Cair Ruairidh
Cair Ruairidh | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Alba |
Ceàrn | Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh |
Co-chomharran | 55° 59 88″ Tuath 32° 60 00″ Iar |
Feartan fiosaigeach | |
Àireamh-shluaigh | 133 (1971) |
Àireamh fòn | 01387 |
Duilleag oifigeil | Cathair Ruairidh aig Visit Scotland |
‘S e baile beag dùthchasail faisg air Daltan, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th’ ann an Cair Ruairidh.[1] Tha e suidhichte aig 76m os cionn ìre na mara,[2] air an àirde an ear-dheas Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Dhùn Phrìs ro 1975), eadar Inbhir Anainn agus Dùn Phrìs, ri taobh an Uillt Daltan, a shruthas dhan Abhainn Anainn ri chùlaibh a' bhaile.[3] Tha e 247km air falbh bho Obar Dheathain, 104km bho Ghlaschu, 105km bhon An t-Sròn Reamhar agus 103km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha.[4] Tha 133 duine a’ fuireach anns a’ bhaile[5] agus 's e Beurla a th' ann a’ chiad chànain aig a’ mhòr-chuid dhe na daoine ann an Cair Ruairidh. Tha Eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas agus turasachd. A bharrachd air sin, tha dà thaigh-òsta[6][7] agus ionad gàirnealaireachd[8] anns a’ bhaile. Taobh fhoghlaim, tha bun-sgoil[9] an seo ach feumar dhan àrd-sgoil ann an Inbhir Anainn. Tha an rathad A75 eadar Cair Luail agus An t-Sròn Reamhar a' dol seachad agus chithear am baile bhon an rathad.
Freumhan an Ainm
deasaichA rèir eòlaichean fhreumh-fhaclachd, tha a h-uile coltas ann gur ann à Caer Ruther[10] sa Seann-Chuimris a tha ainm a' bhaile.[11] 'S ann gu math pailt a tha ainmean-àite ann an Cuimris ann an ceann a deas na h-Alba, fiù 's ann an 1325 nuair a chaidh an t-ainm a chlàradh.
Eachdraidh
deasaichChaidh am baile a chlàradh airson a' chiad turais ann an 1350.[12]
Iomraidhean
deasaich- ↑ The New Statistical Account of Scotland, Volume 2, William Blackwood, Dùn Èideann 1834
- ↑ Weather Forecasthttp://www.tiptopglobe.com/city?i=801314&n=Carrutherstown Tiptop Globe
- ↑ All Travels
- ↑ Distance Calculator
- ↑ Scottish Places
- ↑ Carrutherstown Hotel
- ↑ Hetland Hall
- ↑ Hetland Nursery
- ↑ A' Chomhairle
- ↑ Scottish Places
- ↑ Etymological Geography: Being a Classified List of Terms of Most Frequent Occurrence, T. A. Gibson, Dùn Èideann, 1835
- ↑ The Placenmes of Scotland, James B. Johnston, Dùn Èideann 1892
Achadh na h-Eaglaise • Ae • Amisfield • Applegarthtown • Auldgirth • Bankend • Bàrr na Dris • Beattock • Bentpath • Canonbaidh • Cathair • Cathair Ruairidh • Chapelknowe • Cille Chonaill • Cille Bhrìghde • Cill Osbairn • Cille Phàdraig nam Fleamach • An Clachan • Clarencefield • Collin • Comar na Drise • Cuingealach • Dalswinton • Daltan • Doire Chonaill • Dòrnach • Drochaid Charrainn • Drochaid a' Mhuilinn • Drochaid Mhic Iain • Dubhras na Doire • Dùn Choll • Dùn Phris • Dùn Sgoir • Eaglais Fheichin • Eastriggs • Eskdalemuir • Gleann Chapall • Greatna • Hightae • Hoddom • Inbhir Anainn • Kettleholm • Kirtlebridge • Langaim • Loch Mhabain • Logarbaidh • Am Magh Fada • Middlebie • Mouswald • Parkgate • Penpont • Powfoot • Ruadhail • Templand • Torthorwald • Tynron • Wamphray • Waterbeck