Doire Chonaill

Suidheachadh
Dùthaich Alba
Ceàrn Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh
Co-chomharran 55° 07′ 12″ Tuath
03° 33′ 36″ Iar
Feartan fiosaigeach
Àireamh fòn 01387

‘S e baile beag dùthchasail faisg air Dùn Phrìs, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th’ ann an Doire Chonaill (Holywood, bho sean Dercongal). Tha e suidhichte aig 27m os cionn ìre na mara,[1] ann an cridhe Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Dhùn Phrìs ro 1975), eadar Dùn Phrìs agus Cill Osbairn, ri taobh na h-Aibhne Nid.[2] Tha e 247km air falbh bho Obar Dheathain, 92km bho Ghlaschu, 29km bho Inbhir Anainn agus 98km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha.[3] 'S e Beurla agus Beurla Ghallda th' ann an dà chànan aig a’ mhòr-chuid dhuibh ann an Holywood. Tha Eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas, coilltearachd agus dreuchdan ann an Dùn Phrìs. A bharrachd air sin, tha stèisean-peatrail agus ann.[4] Taobh fhoghlaim, tha bun sgoil ann,[5] ach feumar a dhol dhan àrd sgoil ann an Dùn Phrìs.

Freumhan an Ainm

deasaich

A rèir eòlaichean fhreumh-fhaclachd, tha a h-uile coltas ann gur ann às a' Ghàidhlig fhèin a tha seann ainm a' bhaile, a chaidh a chlàradh mar Darcongall[6] neo Dercongal[7] nuair a bha abaid ann o chionn fhada. Nochd a' Ghàidhlig ann an ceann a deas na h-Alba anns an 7mh Linn agus bha an cànan fhathast làidir ann an Siorrachd Dhùn Phrìs fhèin anns an 14mh Linn.[8] Tha na h-ainmean ann am Beurla agus Laideann a' cumail na h-eileamaid Doire às aonais ainm an naoimh fhèin. B' e naomh à dh'Èirinn a bh' ann Congall (Laideann: Convallus) agus tha Cille Chonaill ainmeachadh an a dhèidh cuideachd.

Eachdraidh

deasaich

Tha tursachan ro eachdraidheil ann, air a bheil Na Dusan Abstol, am fear as motha air tìr mhòr na h-Alba air fad.[9] Bha abaid an seo san 12mh Linn, a thug am facal Holy (cràbhach) dhan ainm. Chaidh tùr dìona a thogail ann an 1590, air an robh Fourmerkland Tower. Chaidh Na Seumasaich seachad air Doire Chonaill air an t-seann rathad shuas gu tuath ann an 1746, an dèidh dhaibh Sasainn fhàgail.[10] Thogadh eaglais an seo ann an 1779 agus leasachadh ann an 1845 agus 1865 i.[11] Dhùnadh i is tha an togalach ri reic.[12] Chaidh loidhne-rèile a chruthachadh tron sgìre ann an 1849 ach chaidh an stèisean a dhùnadh ann an 1949.[13] Bhuineadh na Keswick, an teaghlach a stèidhich a' chompanaidh Jardine, Matheson, do Holywood. A-rèir carragh-chuimhne sa bhaile, fhuair 25 à Holywood sa Chogadh Mòr[14] agus ochdnar eile san Dàrna Cogadh.

Iomraidhean

deasaich
  1. Elevation Map[dead link]
  2. Rosehill Beats
  3. Distance From
  4. Holywood Service Station
  5. A' Chomhairle
  6. Etymological Geography: Being a Classified List of Terms of Most Frequent Occurrence, T. A. Gibson, Dùn Èideann, 1835
  7. The Placenmes of Scotland, James B. Johnston, Dùn Èideann 1892
  8. Transactions and Journal of Proceedings of the Dumfriesshire and Galloway Natural History and Antiquarian Society. Third Series. Volume XI: 147
  9. Dumfries Companion
  10. Am Baile[dead link]
  11. Listed Buildings
  12. Eaglais na h-Alba
  13. Butt, R. V. J. (1995). The Directory of Railway Stations: details every public and private passenger station, halt, platform and stopping place, past and present (1st ed.). Sparkford: Patrick Stephens Ltd. ISBN 1-8526-0508-1. OCLC 60251199
  14. Scottish War Memorials Project