Daltan

Suidheachadh
Dùthaich Alba
Comhairle Dùn Phris is Gall-Ghàidhealaibh
Co-chomharran 55° 03′ 11″ Tuath
03° 23′ 01″ Iar
Feartan fiosaigeach
Àireamh-shluaigh 133 (1971)
Àireamh fòn 01387
Duilleag oifigeil Daltan aig Visit Scotland

‘S e baile beag dùthchasail faisg air an Eaglais Fheichin, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th’ ann an Dalton. Tha e suidhichte air an àirde an ear-dheas Dhùin Phris is Gall-Ghàidhealaibh (Siorrachd Dhùn Phris ro 1975), eadar Logarbaidh agus Cathair Ruairidh, ri taobh an Uillt Dalton, a shruthas dhan Abhainn Anainn ri chùlaibh a' bhaile. Tha e 245km air falbh bho Obar Dheathain, 100km bho Ghlaschu, 106km bhon An t-Sròn Reamhar agus 105km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha. 'S e Beurla a th' ann a’ chiad chànain aig a’ mhòr-chuid dhe na daoine ann an Daltan. Tha eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas. A bharrachd air sin, tha taigh-bhìdhe[1] agus taigh-crèadhadaireachd[2] anns a’ bhaile. Taobh fhoghlaim, chan eil bun-sgoil ann is feumar a dhol dhan sgoil ann an Logarbaidh.

Freumhan an Ainm

deasaich

A rèir eòlaichean fhreumh-fhaclachd, tha a h-uile coltas ann gur ann à Dal (Gàidhlig: Dàil, Lochlannais; dæl) agus tun (baile), bho Bheurla Ghallda a tha ainm an àite seo. Bheireadh sin Dàil a' Bhaile dhuinn sa Ghàidhlig an latha an-diugh.[3] Nochd a' Ghàidhlig ann an ceann a deas na h-Alba anns an 7mh Linn agus bha an cànan fhathast làidir ann an Siorrachd Dhùn Phrìs fhèin anns an 14mh Linn.[4] Tha iomadh ainm-àite dà-chànanach ann sa sgìre seo. 'S ann gu math làidir 's a tha buaidh nan Lochlannach air ainmean-àite ann an iar-dheas na h-Alba,[5] gu h-àraidh faisg air a' mhuir.

Eachdraidh

deasaich

Chaidh eaglais a thogail an seo sa 1704, dìreach san àite far an do thogadh a' chiad thè san 13mh Linn. Tha an eaglais sin na tobhta a-nis.[6] Chaidh Dalton Parva agus Meikle Dalton dh'aonadh ann an aon pharraist le èigheachd rìoghail ann an 1633.[7] Thogadh eaglais ùr ann an 1895. Bhuineadh am paraiste dhan easbaigeachd Ghlaschu is Srath Annan o shean. A-rèir carragh-chuimhne a' bhaile, fhuair 22 duine à Dalton bàs sa Chogadh Mòr[8] agus còignear eile san Dàrna Cogadh.

Daoine Ainmeil

deasaich

Iomraidhean

deasaich
  1. Thai Orchid
  2. Dalton Pottery
  3. The Placenmes of Scotland, James B. Johnston, Dùn Èideann 1892
  4. Transactions and Journal of Proceedings of the Dumfriesshire and Galloway Natural History and Antiquarian Society. Third Series. Volume XI: 147
  5. Ordanance Survey
  6. Scotland's Churches
  7. Historic Churchyards
  8. Scottish War Memorials Project