Raibeart Burns
Is e Raibeart Burns (Allmhaigh, 25 am Faoilleach 1759 - Dùn Phris, 21 an t-Iuchar 1796), no Rabbie Burns anns a' Bheurla Ghallda, bàrd Albannach anabarrach mòr-chòrdte, agus bàrd nàiseanta na h-Alba. Sgrìobh Burns a' chuid as motha de'n bhàrdachd aige ann am Beurla Gallda. Rugadh e ann an Allmhaigh, ann an Siorrachd Àir. Bha e na mhac coiteir, agus aon de seachdnar cloinne. Thogadh Burns ann am bochdainn agus fhuair e a theachd-an-tìr mar treabhaiche, obair gu math cruaidh a chur ris a' bhàs tràth aige (le tinneas-cridhe loidhnicheadh) ann an 1796.
Raibeart Burns | |
---|---|
Beatha | |
Breith | Allmhaigh, 25 dhen Fhaoilleach 1759 |
Dùthaich | Alba |
Àite-fuirich | Dùn Èideann |
Bàs | Dùn Phris, 21 dhen Iuchar 1796 |
Àite-adhlacaidh |
St Michael's Church, Dumfries (en) Burns Mausoleum (en) |
Nàdar a’ bhàis | (congenital heart disease (en) ) |
Teaghlach | |
Athair | William Burnes |
Màthair | Agnes Broun |
Cèile | Jean Armour (en) |
Clann |
liosta
|
Foghlam | |
Cànain |
A' Bheurla Ghallta Beurla |
Dreuchd | |
Dreuchd | sgrìobhaiche òran, bàrd, sgrìobhadair, eòlaiche-ciùil agus tuathanach |
Obraichean comharraichte |
Auld Lang Syne To a Mouse (en) A bheil Bochdainn Onarach Ann Ae fond kiss, and then we sever... (en) Brosnachadh Bhruis Tam o' Shanter (en) Halloween (en) The Battle of Sherramuir (en) |
Gluasad | romantaigeachd |
Gnè ealain |
rann bàrdachd-aithris òran bailead cantata (en) |
robertburns.org | |
Am measg na bàrdachd agus nan òran as ainmeile aige, gheibhear òrain gaoil (Green Grow the Rashes O' , Ye Banks and Braes), dàin aithriseach (Tam O'Shanter, a sgrìobh e ann an Dùn Sgoir), òrain nàiseantach (Brosnachadh Bhruis (Scots Wha Hae)), òrain sòisealach (A Man's a Man for A That), dàin a bheir iomradh air a bheatha air an dùthaich (To a Mouse), agus òran eadar-nàiseanta na bliadhna ùire, An Tìm a bh' ann o chian (Auld Lang Syne). Air sgàth na bàrdachd sòisealaich aige, tha e na ghaisgeach do mhòran dhaoine air feadh an t-saoghail. Bha Burns gu math deidheil air cuideachd nam boireannach agus bha iomadh companach as pòsadh agus leanabh dìolain aige. An diugh, bithidh Albannaich a' moladh a chuimhne gach Faoilteach 25mh aig suipearan Burns. Tha ìomhaighean air togail an urram dha air feadh an t-saoghail (mar eisimpleir, ann an San Francisco, New York, agus Vancouver). Sheinneadh an t-òran A Man's a Man aig fuasgladh na Pàrlamaid Albannach ann an 1999.
Sgrìobh Burns an dàn ainmeil The Deil's awa' wi' the Exciseman (Gàidhlig: Tha an diabhal air falbh leis a' ghàidsear) an Inbhir Anainn ann an 1792, nuair a bha esan fhèin na ghàidsear.[1]