Ervie

Suidheachadh
Dùthaich Alba
Comhairle Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh
Siorrachd Siorrachd Bhaile na h-Ùige
Parraist Cill Choluim[1]
Co-chomharran 54° 96′ 65″ Tuath
05° 12′ 63″ Iar
Feartan fiosaigeach
Àireamh fòn 01776
Còd-puist DG9[2]

‘S e baile beag dùthchasail air iomall na Sròine Reamhaire, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th' ann an Ervie. Tha e suidhichte aig 51m os cionn ìre na mara[3] fais air Loch Chonaill agus Cill Choluim, ann an ceann a tuath nan Rannaibh, air an àirde an iar Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Bhaile na h-Ùige ro 1975). Tha e 308km air falbh bho Obar Dheathain, 114km bho Ghlaschu, 98km bho Dhùn Phrìs agus 164km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha.[4] 'S e Beurla agus Beurla Ghallta a th' aig a’ mhòr-chuid dhiubh ann an Ervie. Tha Eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas, turasachd agus dreuchdan anns An t-Sròin Reamhair. Taobh fhoghlaim, chan eil sgoil ann agus le sin feumar a dhol dhan bhun-sgoil ann an Cill Choluim[5] agus dhan àrd-sgoil anns An t-Sròin Reamhair.[6]

Freumhan an Ainm deasaich

A rèir eòlaichean fhreumh-fhaclachd, tha e coltach gur ann à arbhar anns a' Ghàidhlig fhèin a tha an t-ainm.[7] Nochd a' Ghàidhlig ann an ceann a deas na h-Alba anns an 7mh Linn agus bha an cànan fhathast làidir ann an Siorrachd Bhaile na h-Ùige fhèin anns an 18mh Linn.[8] 'S e àite gu math torrach a th' ann, rud a tha a' toirt cuideam dhan teòiridh.

Eachdraidh deasaich

Poileataigs deasaich

'S ann gu Comhairle Choimhearsnachd Chille Choluim a bhuineas Ervie, a ghabhas a-steach Cill Choluim, Barnhills agus an sgìre ann an ceann a tuath nan Rannaibh. Tha 750 duine a' fuireach san sgìre air fad.[9] Tha 7 comhairlichean coimhearsnachd a' riochdachadh na sgìre agus thathar a' cumail coinneamhan na Comhairle gach cola-deug ann Talla a' Bhaile ann an Cill Choluim. Tha e a' buntainn dhan uàrd-taghaidh 01 (An t-Sròn Reamhar agus na Rannaibh) airson Comhairle na Roinne.[10]

Pàrtaidh Ainm Bhòtaichean
Gun phàrtaidh Willie Scobie 1,925
Tòraidheach Andrew Giusti 1,703
Nàiseantaich Ros Surtees 765
Làbaraich Tommy Sloan 312

Còmhdhail deasaich

Chan eil seirbheis rèile ann. A dh'aindeoin sin, tha seirbheis bhus a' frithealadh a' bhaile:

  • 411 An t-Sròn Reamhar – Lios Uill -Ervie - Lios Uillt – An t-Sròn Reamhar.[11]

Iomraidhean deasaich

  1. Arcgis
  2. Post Code Maps
  3. Elevation Map
  4. Distance from - to
  5. A' Chomhairle
  6. Stranraer Academy
  7. The Placenames of Scotland, James B. Johnston, Dùn Èideann 1892
  8. Transactions and Journal of Proceedings of the Dumfriesshire and Galloway Natural History and Antiquarian Society. Third Series. Volume XI: 147
  9. A' Chomhairle
  10. LGBC
  11. Còmhdhail na Comhairle