Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba

Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba
Scottish National Party Logo.svg
Fiosrachadh
Stèidheachadh 20 an Giblean 1934
Luchd-stèidheachaidh John MacCormaig
Robert Bontine Ò Cuinneagain Greumach
Roland E. Muirhead
Diùc Mhonadh Rois
James Valentine
Compton MacCoinnich
Ùisdean MacDhiarmaid
Lewis Spence
Florence Marian NicNèill
Sir Alexander MacEòghainn
Àite-Stèidheachaidh Dùn Èideann
Beachd-Smuainealas An-Dràsda Neo-eisimeileachd
Deamocrasaidh Sòisealta
Oifisean Gordon Lamb House, 3 Jackson's Entry, Dùn Èideann, EH8 8PJ, Alba
Cathraiche Nicola Sturgeon
Suidheachain Dùn Èideann: 68
Westminster: 35
A' Bhruiseal 2
Riaghaltas Riaghaltais mòr-chuid

'S e partaidh-poileatagach sòisealta-deamocratach ann an Alba a tha a’ strì airson neo-eisimeileachd na dùthcha a th' ann am Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba (Beurla: Scottish National Party, Beurla Ghallda: Scots National Pairty).[1] Chaidh am pàrtaidh sin a stèidheachadh ann an Dùn Èideann ann an 1934 tro aonadh "The Scottish Party" agus "The National Party of Scotland". Bha Robert Bontine Cunninghame Graham na chiad cheann-suidhe a' phàrtaidh. Bhuannaich iad a' chiad cathair ann an Westminster nuair a thaghadh Robert McIntyre ann am frith-thaghadh Tobar na Màthar ann an 1945.[2] Bhuannaich Winnie Ewing an dàrna seat ann an Hamilton ann an 1967.[3]

Tha Nicola Sturgeon na ceannard a’ phàrtaidh agus Stewart Hosie na leas-ceannard.[4]

Fhuair na Nàiseantaich 47 seataichean dhe 129 ann am Pàrlamaid na h-Alba air fad anns na taghaidhean ann an 2007, ach cha d’ fhuair iad taic bho na pàrtaidhean eile airson riaghaltas co-bhonn a stèidheachadh, leis gu bheil na Làbaraich, na Libearalaich agus na Tòraidhean gu math an aghaidh neo-eisimeileachd na h-Alba. Le sin, bha iad a’ riaghladh na dùthcha ann an Riaghaltas beag-chuid eadar 2007 agus 2011.[5]

Le 68 seataichean dhe 129 anns na taghaidhean ann an 2011 chum am Pàrtaidh riaghaltais mòr-chuid. Bha Ailig Salmond na phrìomh-mhinistear gus 2014.

Tha am pàrtaidh na bhall de Caidreachas Saor na Roinn Eòrpa. Tha dithis bhall aca anns A' Bhruiseal, (dhe sianar do dh’ Alba air fad), 56 seataichean dhe 59 do dh’ Alba ann an Lunnainn a bharrachd air 364 comhairlichean (dhe 1,224 ann an Alba). Le sin, tha iad os cionn 12 comhairlean dhe 32 air fad.[6]

Daoine AinmeilDeasaich

Ionannachd ris a’ Phàrtaidh QuébécoisDeasaich

Tha caochladh riochdaire a’ Phàrtaidh Québécois air ràdh gu bheil am pàrtaidh aca uabhasach coltach ri Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba.[7] A bharrachd air sin, thathar a’ cur an cèill anns an cuid òraid phoileataigeach nach eil Catalòinia, Alba agus Québec (IPA: kebɛk) cho eadar-dhealaichte. Gu dearbha, chan eil iad air an cuid amasan a choileanadh fhathast ged a bheil iad air a bhith a’ lorg neo-eisimeileachd na dùthchannan aca, 's dòcha air sàilleabh gu bheil frionas ann eadar an taobh deamocratach sòisealta agus an taobh nàiseantach na trì dùthchannan sin. ‘S urrainn dhan Phàrtaidh Québecois agus na Nàiseantaich ann an Alba taghaidhean a bhuannachadh ach, gu ruige seo, chan fhaodadh iad neo-eisimeileachd fhaighinn. Mìnichidh am film Le confort et l'indifférence (Gàidhlig: Comh-fhurtachd agus Suarachas) dhuinn mu dheidhinn an t-suidheachaidh sin leis gu bheil sinn a’ fuireach ann an stàit shochairean agus ann an co-chomann na luchd-chleachdaidh.[8] ‘S e measgachadh dhe mòran dhaoine eadar-dhealaichte ann an co-bhann a bh' ann Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba nuair a thòisich e ann an 1934, is iad nan luchd-dealachaidh Albannach ann an dà chuid daoine na làimhe deise is daoine na làimhe chlì. Dh’ fhàsadh am pàrtaidh beag air bheag is iad a’ gabhail smuaintean bho na Làbaraich is bho na Tòraidhean. ‘S e an aon rud a thachair eadar Pàrtaidh Libearalach na Québec agus Aonadh Nàiseanta na Québec.

IomraidheanDeasaich

  1. The European Language Initiative (2001): “Faclair na Pàrlamaid”. Pàrlamaid na h-Alba. Air a thogail 18mh dhen Fhaoilleach 2017 (pdf).
  2. Mr Robert McIntyre, former MP, Motherwell”. They Work for You. Air a thogail 18mh dhen Fhaoilleach 2017.
  3. Our Party”. Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba. Air a thogail 18mh dhen Fhaoilleach 2017.
  4. http://snp.org/people
  5. Sociedades Offshore
  6. Cadena ser
  7. Virgile
  8. IMDB

Ceanglaichean a-muighDeasaich