Àrd Bhaile
Àrd Bhaile | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Alba |
Comhairle | Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh |
Siorrachd | Siorrachd Bhaile na h-Ùige |
Parraist | Eaglais Steafain[1] |
Co-chomharran | 54° 42′ 00″ Tuath 04° 57′ 00″ Iar |
Feartan fiosaigeach | |
Àireamh-shluaigh | 123 (2011) |
Àireamh fòn | 01988 |
Còd-puist | DG9[2] |
‘S e baile beag dùthchasail faisg air Port Neasaig, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th' ann an Àrd Bhaile (Beurla/Beurla Ghallta: Ardwell). Tha e suidhichte shìos aig ìre na mara[3] ann an ceann a deas nan Rannaibh, ri taobh Bàgh Luis, eadar An Druim Mòr agus Sandhead, air an àirde an iar Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Bhaile na h-Ùige ro 1975). Tha e 319km air falbh bho Obar Dheathain, 129km bho Ghlaschu, 92km bho Dhùn Phrìs agus 172km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha.[4] 'S e Beurla agus Beurla Ghallta a th' aig a’ mhòr-chuid dhiubh ann an Àrd Bhaile. Tha Eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas agus turasachd. Taobh fhoghlaim, chan eil sgoil ann agus le sin feumar a dhol dhan bhun-sgoil ann an Sandhead[5] agus dhan àrd-sgoil anns An t-Sròin Reamhair.[6] Tha gàrradh nan lusan ainmeil dìreach taobh a-muigh a' bhaile, air an t-slighe gu Port Neasaig.[7] Tha baile eile anns an t-Siorrachd Obar Dheathain leis an aon ainm.
Freumhan an Ainm
deasaichA rèir eòlaichean fhreumh-fhaclachd, tha e coltach gur ann à àrd agus baile anns a' Ghàidhlig, ged nach eil sin gu math soilleir idir.[8] Bha seann chuimris làidir ar an àirde an iar-dheas na h-Alba an dèidh nan Ròmanach cuideachd agus s' docha gur ann à sin a thàinig an t-anm.[9] Ghabhadh Àrd nan Gall ri atharraidhean fogharach eadar g agus w eadar Gàidhlig agus Cuimris. Nochd a' Ghàidhlig ann an ceann a deas na h-Alba anns an 7mh Linn, mòran bhliadhna an dèidh Chuimris, agus bha an cànan fhathast làidir ann an Siorrachd Bhaile na h-Ùige fhèin anns an 18mh Linn.[10]
Eachdraidh
deasaichChaidh an eaglais a chithear an-diugh a thogail ann an 1901 ann an stoidhle Gotach. B' e P. MacGriogair Chalmers an ailtire.[11] Ann an 1973 chaidh sealladh neo dhà às an fhilm Wickerman fhilmeadh ann an gàrradh nan lusan a tha eadar Àrd Bhaile agus Port Neasaig.[12]
Poileataigs
deasaich'S ann gu Comhairle Choimhearsnachd na h-Eaglaise Steafain a bhuineas Àrd Bhaile, a ghabhas a-steach Eaglais Steafain agus Sandhead. Tha 1,060 duine a' fuireach san sgìre air fad.[13] Tha 12 comhairlichean coimhearsnachd a' riochdachadh na sgìre agus thathar a' cumail coinneamhan na Comhairle gach mìos ann an Talla na h-Eaglaise, ann an Sandhead. Tha e a' buntainn dhan uàrd-taghaidh 02 (Wigtown an Iar) airson Comhairle na Roinne.[14]
Gnàth-shìde
deasaich'S ann ann an sgìre mòran nas blàithe (Cuibheasachd bhliadhnail: 8.7 °C) agus mòran nas fhliche (Cuibheasachd bhliadhnail: 1065mm) an coimeas ris an còrr dhen dùthaich 's a tha Àrd Bhaile. Tha sileadh trom ann, fiù 's fad na mìosan nas tioraim, leis nach eil e idir fad air falbh bhon mhuir air an àirde an iar na h-Alba. 'S e àite Cfb ann an sgèile Köppen-Geiger a th' ann an Àrd Bhaile.[15] Chan eil an t-sneachd idir pailt an seo. Tha diofar mhòr eadar am mìos as fhliche agus am mìos as tioraim: 56mm eadar an Cèitean (dìreach 61mm) agus an Dàmhair (117mm). Fad na bliadhna, bidh an teothachd ann am fiaradh mheadhanach: 11.6 °C.
Còmhdhail
deasaichChan eil seirbheis rèile ann. A dh'aindeoin sin, tha seirbheis bhus a' frithealadh a' bhaile:
- 407 An t-Sròn Reamhar - Eaglais Steafain - An Druim Mòr.[16]
Iomraidhean
deasaich- ↑ Arcgis
- ↑ Post Code Maps
- ↑ Falling rain
- ↑ Distance from - to
- ↑ A' Chomhairle
- ↑ Stranraer Academy
- ↑ RBGE
- ↑ Studies in the Topography of Galloway, Sir Herbert Eustice Maxwell of Monreith, Constable, Dùn Èideann, 1887
- ↑ The Brittonic Language in the Old North
- ↑ Transactions and Journal of Proceedings of the Dumfriesshire and Galloway Natural History and Antiquarian Society. Third Series. Volume XI: 147
- ↑ Scotland's Churches
- ↑ Movie Locations
- ↑ A' Chomhairle
- ↑ “Dumfries and Galloway Wards 2007”. Local Government Boundary Commission for Scotland. Air a thogail 29mh dhen Ghiblean 2017.
- ↑ Climate Data
- ↑ Còmhdhail na Comhairle
Achadh na Meilge • Àrd Bhaile • Baile Gheàrr Lios • Baile na h-Ùige • Baile Ùr Ghlinn Lus • Baile Ùr nan Stiùbhartach • Barrachan • Blaidneach • Càrn Rìoghain • Cille Chainneir • Cill Choluim • Cill Chomhghain • Cill na Tràghad • Clachan Ghlinn Lus • Damnaglaur • An Druim Mòr • Dùn Reichit • Eaglais Steafain • An Eilreig • Ervie • A' Ghlac • Na Lochain • Lios Uillt • Am Magh Crom • Am Monadh Rèidh • Port Neasaig • Port Phàdraig • Port Rosnait • Poll an Iùbhair • Sandhead • Soirbidh • An t-Sròn Reamhar • Whauphill • Whithorn