Am Monadh Rèidh
Am Monadh Rèidh | |
![]() | |
![]() | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | ![]() |
Comhairle | Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh |
Siorrachd | Siorrachd Bhaile na h-Ùige |
Parraist | Am Magh Crom[1] |
Co-chomharran | 54° 37′ 05″ Tuath 04° 49′ 71″ Iar |
Feartan fiosaigeach | |
Àireamh fòn | 01988 |
Còd-puist | DG8[2] |
‘S e baile beag dùthchasail agus port faisg air [Whithorn]], air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th' anns A' Mhonadh Rèidh (Beurla/Beurla Ghallta: Monreith). Tha e suidhichte aig 25m os cionn ìre na mara,[3] ann an ceann a deas Leth-eilean na Machrach, eadar Cill na Tràghad agus Port Rosnait, air an àirde an iar Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Bhaile na h-Ùige ro 1975. Tha e 308km air falbh bho Obar Dheathain, 127km bho Ghlaschu, 71km bho Dhùn Phrìs agus 160km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha. 'S e Beurla agus Beurla Ghallta a th' aig a’ mhòr-chuid dhiubh anns A' Mhonadh Rèidh. Tha eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas, turasachd agus iasgach. Taobh fhoghlaim, chan eil sgoil ann agus le sin feumar a dhol dhan bhun-sgoil ann am Port Uilleim[4] dhan àrd-sgoil ann am Baile Ùr nan Stiùbhartach.[5]
Freumhan an ainm Deasaich
A rèir eòlaichean fhreumh-fhaclachd, tha e coltach gur ann à monadh agus rèidh anns a' Gàidhlig a tha an t-ainm.[6] Nochd a' Ghàidhlig ann an ceann a deas na h-Alba anns an 7mh Linn agus bha an cànan fhathast làidir ann an Siorrachd Bhaile na h-Ùige fhèin anns an 18mh Linn.[7] A dh’aindeoin sin, tha cuid eile dhen bheachd gur ann à ‘’Moine’’ agus ‘’riabhach’’ a tha an t-ainm.[8] Tha cruth na tìre a’ toirt cuideam dhan teòiridh seo cuideachd.
Eachdraidh Deasaich
Chaidh Am Monadh Rèidh a’ chlàradh airson a’ chiad turais anns na meadhan aoisean mar Murith agus Menrethe.[9]
Poileataigs Deasaich
'S ann gu Comhairle Choimhearsnachd Chille na Tràghad a bhuineas Am Monadh Rèidh, a ghabhas a-steach Barrachan, Cill na Tràghad, An Eilreig agus Am Magh Crom cuideachd. Tha 885 duine a' fuireach san sgìre air fad.[10] Tha 18 comhairlichean coimhearsnachd a' riochdachadh na sgìre agus thathar a' cumail coinneamhan na Comhairle gach mìos ann an Talla MhicShuail ann an Cill na Tràghad. Tha e a' buntainn dhan uàrd-taghaidh 02 (Wigtown an Iar) airson Comhairle na Roinne.[11]
Còmhdhail Deasaich
Chan eil seirbheis rèile ann. A dh'aindeoin sin, tha dà sheirbheis bhus a' frithealadh a' bhaile:
- 415 Baile Ùr nan Stiùbhartach - Machair.
- 416 Baile Ùr nan Stiùbhartach - Whithorn - An t-Sròn Reamhar.[12]
Iomraidhean Deasaich
- ↑ Arcgis
- ↑ Post Code Maps
- ↑ Elevation Map
- ↑ A' Chomhairle
- ↑ “Douglas Ewart High School”. Douglas Ewart High School. Air a thogail 17mh dhen t-Sultain 2023.
- ↑ Mac an Tàilleir, Iain: “Gaelic Placenames”. Pàrlamaid na h-Alba. Air a thogail 17mh dhen t-Sultain 2023 (pdf).
- ↑ Transactions and Journal of Proceedings of the Dumfriesshire and Galloway Natural History and Antiquarian Society. Third Series. Volume XI: 147
- ↑ Studies in the Topography of Galloway, Sir Herbert Eustice Maxwell of Monreith, Constable, Dùn Èideann, 1887
- ↑ The Placenames of Scotland, James B. Johnston, Dùn Èideann 1892
- ↑ A' Chomhairle
- ↑ “Dumfries and Galloway Wards 2007”. Local Government Boundary Commission for Scotland. Air a thogail 29mh dhen Ghiblean 2017.
- ↑ Còmhdhail na Comhairle
Achadh na Meilge • Àrd Bhaile • Baile Gheàrr Lios • Baile na h-Ùige • Baile Ùr Ghlinn Lus • Baile Ùr nan Stiùbhartach • Barrachan • Blaidneach • Càrn Rìoghain • Cille Chainneir • Cill Choluim • Cill Chomhghain • Cill na Tràghad • Clachan Ghlinn Lus • Damnaglaur • An Druim Mòr • Dùn Reichit • Eaglais Steafain • An Eilreig • Ervie • A' Ghlac • Na Lochain • Lios Uillt • Am Magh Crom • Am Monadh Rèidh • Port Neasaig • Port Phàdraig • Port Rosnait • Poll an Iùbhair • Sandhead • Soirbidh • An t-Sròn Reamhar • Whauphill • Whithorn