Cill Choluim
Cill Choluim | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Alba |
Comhairle | Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh |
Siorrachd | Siorrachd Bhaile na h-Ùige |
Parraist | Cill Choluim fhèin[1] |
Co-chomharran | 54° 58′ 00″ Tuath 05° 04′ 60″ Iar |
Feartan fiosaigeach | |
Àireamh fòn | 01776 |
Còd-puist | DG9[2] |
‘S e baile beag dùthchasail air iomall na Sròine Reamhaire, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th' ann an Cill Choluim (Beurla: Kirkcolm, Beurla Ghallta: Kirkcaum). Tha e suidhichte ìre na mara[3] eadar Loch Rìoghaine agus Loch Chonaill, ann an ceann a tuath nan Rannaibh, faisg air Ervie, air an àirde an iar Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Bhaile na h-Ùige ro 1975). Tha e 305km air falbh bho Obar Dheathain, 112km bho Ghlaschu, 95km bho Dhùn Phrìs agus 161km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha.[4] 'S e Beurla agus Beurla Ghallta a th' aig a’ mhòr-chuid dhiubh ann an Cill Choluim. Tha Eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas, turasachd agus dreuchdan anns An t-Sròin Reamhair. Taobh fhoghlaim, tha bun-sgoil[5] ann ach feumar a dhol dhan àrd-sgoil anns An t-Sròin Reamhair.[6]
Freumhan an Ainm
deasaichA rèir eòlaichean fhreumh-fhaclachd, tha e coltach gur ann à Cill neo loch agus ainm an naoimh Caluim anns a' Ghàidhlig fhèin a tha an t-ainm.[7] Nochd a' Ghàidhlig ann an ceann a deas na h-Alba anns an 7mh Linn agus bha an cànan fhathast làidir ann an Siorrachd Bhaile na h-Ùige fhèin anns an 18mh Linn.[8] A bharrachd air sin, tha am baile suidhichte ann an sgìre a tha mar chreathal na Crìosdaidheachd an Alba, ged nach eil ceangal ann le Calum Cille.
Eachdraidh
deasaichChaidh an t-ainm a chlàradh airson a' chiad turas mar Kyrcum ann an 1484.[9]
Poileataigs
deasaich'S ann gu Comhairle Choimhearsnachd Chille Choluim fhèin a bhuineas Cill Choluim, a ghabhas a-steach Ervie, Barnhills agus an sgìre ann an ceann a tuath nan Rannaibh. Tha 750 duine a' fuireach san sgìre air fad.[10] Tha 7 comhairlichean coimhearsnachd a' riochdachadh na sgìre agus thathar a' cumail coinneamhan na Comhairle gach cola-deug ann Talla a' Bhaile ann an Cill Choluim. Tha e a' buntainn dhan uàrd-taghaidh 01 (An t-Sròn Reamhar agus na Rannaibh) airson Comhairle na Roinne.[11]
Pàrtaidh | Ainm | Bhòtaichean | |
---|---|---|---|
Gun phàrtaidh | Willie Scobie | 1,925 | |
Tòraidheach | Andrew Giusti | 1,703 | |
Nàiseantaich | Ros Surtees | 765 | |
Làbaraich | Tommy Sloan | 312 |
Daoine Ainmeil
deasaich- Sir John Ross CB (1777 - 1856). Oifigear a' chabhalaich.
Còmhdhail
deasaichChan eil seirbheis rèile ann. A dh'aindeoin sin, tha seirbheis bhus a' frithealadh a' bhaile:
- 408 An t-Sròn Reamhar – Lios Uillt – Cill Choluim.[12]
Iomraidhean
deasaich- ↑ Arcgis
- ↑ Post Code Maps
- ↑ Falling Rain
- ↑ Distance from - to
- ↑ A' Chomhairle
- ↑ Stranraer Academy
- ↑ The Placenames of Scotland, James B. Johnston, Dùn Èideann 1892
- ↑ Transactions and Journal of Proceedings of the Dumfriesshire and Galloway Natural History and Antiquarian Society. Third Series. Volume XI: 147
- ↑ Places
- ↑ A' Chomhairle
- ↑ LGBC
- ↑ Còmhdhail na Comhairle
Achadh na Meilge • Àrd Bhaile • Baile Gheàrr Lios • Baile na h-Ùige • Baile Ùr Ghlinn Lus • Baile Ùr nan Stiùbhartach • Barrachan • Blaidneach • Càrn Rìoghain • Cille Chainneir • Cill Choluim • Cill Chomhghain • Cill na Tràghad • Clachan Ghlinn Lus • Damnaglaur • An Druim Mòr • Dùn Reichit • Eaglais Steafain • An Eilreig • Ervie • A' Ghlac • Na Lochain • Lios Uillt • Am Magh Crom • Am Monadh Rèidh • Port Neasaig • Port Phàdraig • Port Rosnait • Poll an Iùbhair • Sandhead • Soirbidh • An t-Sròn Reamhar • Whauphill • Whithorn