Soirbidh

Suidheachadh
Dùthaich Alba
Comhairle Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh
Siorrachd Siorrachd Bhaile na h-Ùige
Parraist Soirbidh[1]
Co-chomharran 54° 46′ 60″ Tuath
04° 25′ 60″ Iar
Feartan fiosaigeach
Àireamh fòn 01988
Còd-puist DG8[2]

‘S e baile beag dùthchasail faisg air Baile Gheàrr Lios, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th' ann an Soirbidh neo Sorbaidh (Beurla/Beurla Ghallta: Sorbie). Tha e suidhichte aig 23m os cionn ìre na mara,[3] air Leth-eilean na Machrach, air an àirde an iar Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Bhaile na h-Ùige ro 1975), eadar Whithorn agus Cille Chainneir. Tha e 300km air falbh bho Obar Dheathain, 120km bho Ghlaschu, 61km bho Dhùn Phrìs agus 151km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha.[4] 'S e Beurla agus Beurla Ghallta a th' aig a’ mhòr-chuid dhiubh ann an Soirbidh. Tha Eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas agus turasachd. Taobh fhoghlaim, tha bun-sgoil ann[5] ach feumar a dhol dhan àrd-sgoil ann am Baile Ùr nan Stiùbhartach.[6]

Eachdraidh

deasaich

Ràinig an Rèile dhan bhaile ann an 1875, a thug piseach mòr air malairt san sgìre.[7]

Poileataigs

deasaich

'S ann gu Comhairle Choimhearsnachd Shoirbidh a bhuineas Soirbidh, a ghabhas a-steach an sgìre mu timcheall a' bhaile. Tha dìreach 257 duine a' fuireach san sgìre air fad.[8] Tha 12 comhairlichean coimhearsnachd a' riochdachadh na sgìre. Tha e a' buntainn dhan uàrd-taghaidh 03 (Meadhan Ghall-Ghàidhealaibh) airson Comhairle na Roinne.[9]

Gnàth-shìde

deasaich

'S ann ann an sgìre mòran nas blàithe (Cuibheasachd bhliadhnail: 8.5 °C) agus mòran nas fhliche (Cuibheasachd bhliadhnail: 1079mm) an coimeas ris an còrr dhen dùthaich 's a tha Soirbidh. Tha sileadh uabhasach trom ann, fiù 's fad na mìosan nas tioraim, leis nach eil e idir fad air falbh bhon mhuir air an àirde an iar na h-Alba. 'S e àite Cfb ann an sgèile Köppen-Geiger a th' ann an Soirbidh.[10] Chan eil an t-sneachd idir pailt an seo. Tha diofar mhòr eadar am mìos as fhliche agus am mìos as tioraim: 60mm eadar an Giblean (dìreach 61mm) agus an Dàmhair/an t-Samhain (121mm). Fad na bliadhna, bidh an teothachd ann am fiaradh mheadhanach: 11.6 °C.

 

Còmhdhail

deasaich

Chan eil seirbheis rèile ann. A dh'aindeoin sin, tha dà sheirbheis bhus a' frithealadh a' bhaile:

  • 415 Baile Ùr nan Stiùbhartach - Whithorn - An t-Sròn Reamhar.
  • 416 Baile Ùr nan Stiùbhartach - Machair.[11]

Iomraidhean

deasaich
  1. Arcgis
  2. Post Code Maps
  3. Falling Rain
  4. Distance from to
  5. Foghlam Alba
  6. Douglas Ewart High School”. Douglas Ewart High School. Air a thogail 17mh dhen t-Sultain 2023.
  7. David L Smith, Tales of the Glasgow and South Western Railway, Ian Allan Limited, Lunnainn
  8. A' Chomhairle
  9. Dumfries and Galloway Wards 2007”. Local Government Boundary Commission for Scotland. Air a thogail 29mh dhen Ghiblean 2017.
  10. Climate Data
  11. Còmhdhail na Comhairle