Clachan Ghlinn Lus
Clachan Ghlinn Lus | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Alba |
Comhairle | Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh |
Siorrachd | Siorrachd Bhaile na h-Ùige |
Parraist | Seann Lus[1] |
Co-chomharran | 54° 52′ 00″ Tuath 04° 49′ 60″ Iar |
Comharradh-clèithe | NX 197 573 |
Feartan fiosaigeach | |
Àireamh fòn | 01581 |
Còd-puist | DG8[2] |
‘S e baile beag dùthchasail faisg air Dùn Reichit, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th' ann an Clachan Ghlinn Lus[3] neo Baile na Cloiche (Beurla/Beurla Ghallta: Glenluce). Tha e suidhichte aig 23m os cionn ìre na mara,[4] ri taobh na h-Aibhne Luis, far a shruthas e gu màthair-uisge na Linne Shalmhaigh, aig ceann a' Bhàigh Luis, air an àirde an iar Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Bhaile na h-Ùige ro 1975), eadar An t-Sròn Reamhar agus Cill Chomhghain. Tha e 304km air falbh bho Obar Dheathain, 115km bho Ghlaschu, 80km bho Dhùn Phris agus 157km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha. 'S e Beurla agus Beurla Ghallta a th' aig a’ mhòr-chuid dhiubh ann an Clachan Ghlinn Lus. Tha eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas, turasachd agus coilltearachd. Taobh fhoghlaim, tha bun-sgoil ann[5] ach feumar a dhol dhan àrd-sgoil anns An t-Sròin Reamhair.[6]
Freumhan an Ainm
deasaichA rèir eòlaichean fhreumh-fhaclachd, tha e coltach gur ann à baile agus clach anns a' Ghàidhlig fhèin a bh' ann seann ainm a' bhaile. Bheireadh sin Baile na Cloiche dhuinn sa Ghàidhlig an latha an-diugh.[7] A dh’ aindeoin sin, tha cuid dhen bheachd gur ann à lùb a th’ann an t-ainm ùr, a bheireadh Gleann an Lùib dhuinn, ged a tha gleann agus ainm na h-aibhne mòran nas coltaiche.[8] Nochd a' Ghàidhlig ann an ceann a deas na h-Alba anns an 7mh Linn agus bha an cànan fhathast làidir ann an Siorrachd Bhaile na h-Ùige fhèin anns an 18mh Linn.[9]
Eachdraidh
deasaichTha tobhta Abaid Ghlinn Lus faisg air a' bhaile. Chaidh an abaid a thogail timcheall air 1190. Ann an 1763 chaidh rathad a chruthachadh leis an arm eadar Port Phàdraig agus Cathair Luail, a dheidheadh tro Chlachan Ghlinn Lus.[10] Bhathar ag iarraidh an rathad seo a chleachdadh airson Èirinn a cholonachadh. Chaidh an eaglais a chithear an-diugh a thogail ann an 1814 agus chaidh seansail a chur rithe ann an 1968.[11]
Poileataigs
deasaich'S ann gu Comhairle Choimhearsnachd Seann Lus a bhuineas Clachan Ghlinn Lus, a ghabhas a-steach Achadh na Meilge, Barblae agus Dùn Reichit cuideachd. Tha dìreach 1,315 duine a' fuireach san sgìre air fad.[12] Tha 15 comhairlichean coimhearsnachd a' riochdachadh na sgìre. Tha e a' buntainn dhan uàrd-taghaidh 02 (Wigtown an Iar) airson Comhairle na Roinne.[13]
Gnàth-shìde
deasaich'S ann ann an sgìre mòran nas blàithe (Cuibheasachd bhliadhnail: 8.4 °C) agus mòran nas fhliche (Cuibheasachd bhliadhnail: 1142mm) an coimeas ris an còrr dhen dùthaich 's a tha Clachan Ghlinn Lus. Tha sileadh trom ann, fiù 's fad na mìosan nas tioraim, leis nach eil e idir fad air falbh bhon mhuir air an àirde an iar na h-Alba. 'S e àite Cfb ann an sgèile Köppen-Geiger a th' ann an Clachan Ghlinn Lus.[14] Chan eil an t-sneachd idir pailt an seo. Tha diofar mhòr eadar am mìos as fhliche agus am mìos as tioraim: 62mm eadar an Cèitean (dìreach 64mm) agus an Dàmhair (126mm). Fad na bliadhna, bidh an teothachd ann am fiaradh mheadhanach: 11.6 °C.
Còmhdhail
deasaichChan eil seirbheis rèile ann. A dh'aindeoin sin, tha dà sheirbheis bhus a' frithealadh a' bhaile:
- 430 An t-Sròn Reamhar - Baile Ùr Ghlinn Lus - Clachan Ghlinn Lus
- 430 Baile Ùr nan Stiùbhartach - Clachan Ghlinn Lus - An t-Sròn Reamhar.[15]
Iomraidhean
deasaich- ↑ Arcgis
- ↑ Post Code Maps
- ↑ “Dictionary Detail - Clachan Ghlinn Lus”. Am Faclair Beag. Air a thogail 26mh dhen Fhaoilleach 2019.
- ↑ Mongabay
- ↑ “Glenluce Primary School”. Comhairle Dhùn Phris agus Ghall-Ghàidhealaibh. Air a thogail 17mh dhen t-Sultain 2023.
- ↑ Stranraer Academy
- ↑ Studies in the Topography of Galloway, Sir Herbert Eustice Maxwell of Monreith, Constable, Dùn Èideann, 1887
- ↑ The Placenames of Scotland, James B. Johnston, Dùn Èideann 1892
- ↑ Transactions and Journal of Proceedings of the Dumfriesshire and Galloway Natural History and Antiquarian Society. Third Series. Volume XI: 147
- ↑ Old Roads of Scotland
- ↑ Scotland's Churches
- ↑ A' Chomhairle
- ↑ “Dumfries and Galloway Wards 2007”. Local Government Boundary Commission for Scotland. Air a thogail 29mh dhen Ghiblean 2017.
- ↑ Climate Data
- ↑ Còmhdhail na Comhairle
Ceanglaichean a-mach
deasaichAchadh na Meilge • Àrd Bhaile • Baile Gheàrr Lios • Baile na h-Ùige • Baile Ùr Ghlinn Lus • Baile Ùr nan Stiùbhartach • Barrachan • Blaidneach • Càrn Rìoghain • Cille Chainneir • Cill Choluim • Cill Chomhghain • Cill na Tràghad • Clachan Ghlinn Lus • Damnaglaur • An Druim Mòr • Dùn Reichit • Eaglais Steafain • An Eilreig • Ervie • A' Ghlac • Na Lochain • Lios Uillt • Am Magh Crom • Am Monadh Rèidh • Port Neasaig • Port Phàdraig • Port Rosnait • Poll an Iùbhair • Sandhead • Soirbidh • An t-Sròn Reamhar • Whauphill • Whithorn