Glaik
Glaik | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Alba |
Comhairle | Dùn Phris is Ghall-Ghàidhealaibh |
Siorrachd | Siorrachd Bhaile na h-Ùige |
Parraist | Lios Uillt[1] |
Co-chomharran | 54° 53′ 30″ Tuath 05° 07′ 42″ Iar |
Feartan fiosaigeach | |
Àireamh fòn | 01776 |
Còd-puist | DG9[2] |
‘S e baile beag dùthchasail anns Na Rannaibh, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th' ann an Glaik. Tha e suidhichte aig 89m os cionn ìre na mara,[3] ann an àirde an iar Dhùin Phris is Gall-Ghàidhealaibh (Siorrachd Bhaile na h-Ùige ro 1975), eadar Port Phàdraig agus An t-Sròn Reamhar. Tha e 314km air falbh bho Obar Dheathain, 121km bho Ghlaschu, 69km bho Chille Chuithbeirt agus 170km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha. 'S e Beurla a th' ann a’ chiad chànan aig a’ mhòr-chuid dhe na daoine ann an Glaik. Tha eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air turasachd, agus àiteachas. Taobh fhoghlaim, chan eil sgoil ann agus feumar a dhol dhan bhun-sgoil ann am Port Phàdraig[4] agus dhan àrd-sgoil anns An t-Sròin Reamhair.[5]
Freumhan an ainm
deasaichA rèir eòlaichean fhreumh-fhaclachd, tha e coltach gur ann à glac anns a' Gàidhlig fhèin a tha an t-ainm.[6] Nochd a' Ghàidhlig ann an ceann a deas na h-Alba anns an 7mh Linn agus bha an cànan fhathast làidir ann an Siorrachd Bhaile na h-Ùige fhèin anns an 18mh Linn.[7]
Poileataigs
deasaich'S ann gu Comhairle Choimhearsnachd Lios Uillt fhèin a bhuineas Lios Uillt, a ghabhas a-steach an sgìre eadar Lios Uillt, A' Ghlac agus Port Slogan. Tha 563 duine a' fuireach san sgìre air fad.[8] Tha seachdnar comhairlichean coimhearsnachd a' riochdachadh na sgìre. Tha e a' buntainn dhan uàrd-taghaidh 01 (An t-Sròn Reamhar agus na Rannaibh) airson Comhairle na Roinne.[9]
Pàrtaidh | Ainm | Bhòtaichean | |
---|---|---|---|
Gun phàrtaidh | Willie Scobie | 1,925 | |
Tòraidheach | Andrew Giusti | 1,703 | |
Nàiseantaich | Ros Surtees | 765 | |
Làbaraich | Tommy Sloan | 312 |
Còmhdhail
deasaichChan eil seirbheis rèile neo bus idir ann.
Iomraidhean
deasaich- ↑ Arcgis
- ↑ Post Code Maps
- ↑ Elevation Map[dead link]
- ↑ A' Chomhairle
- ↑ Stranraer Academy
- ↑ Studies in the Topography of Galloway, Sir Herbert Eustice Maxwell of Monreith, Constable, Dùn Èideann, 1887
- ↑ Transactions and Journal of Proceedings of the Dumfriesshire and Galloway Natural History and Antiquarian Society. Third Series. Volume XI: 147
- ↑ A' Chomhairle
- ↑ LGBC
Achadh na Meilge • Àrd Bhaile • Baile Gheàrr Lios • Baile na h-Ùige • Baile Ùr Ghlinn Lus • Baile Ùr nan Stiùbhartach • Barrachan • Blaidneach • Càrn Rìoghain • Cille Chainneir • Cill Choluim • Cill Chomhghain • Cill na Tràghad • Clachan Ghlinn Lus • Damnaglaur • An Druim Mòr • Dùn Reichit • Eaglais Steafain • An Eilreig • Ervie • A' Ghlac • Na Lochain • Lios Uillt • Am Magh Crom • Am Monadh Rèidh • Port Neasaig • Port Phàdraig • Port Rosnait • Poll an Iùbhair • Sandhead • Soirbidh • An t-Sròn Reamhar • Whauphill • Whithorn