Cill na Tràghad

Suidheachadh
Dùthaich Alba
Comhairle Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh
Siorrachd Siorrachd Bhaile na h-Ùige[1]
Parraist Am Magh Crom
Co-chomharran 54° 75′ 89″ Tuath
04° 58′ 87″ Iar
Feartan fiosaigeach
Àireamh fòn 01988
Còd-puist DG8[2]
Duilleag oifigeil Duilleag a' bhaile

‘S e baile beag dùthchasail agus port faisg air Whithorn, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th' ann an Cill na Tràghad (Beurla: Port William, Beurla Ghallta: Kilantrae). Tha e suidhichte aig 11m os cionn ìre na mara,[3] ann an ceann a deas Leth-eilean na Machrach, eadar An Eilreig agus Am Monadh Rèidh, air an àirde an iar Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Bhaile na h-Ùige ro 1975. Tha e 308km air falbh bho Obar Dheathain, 125km bho Ghlaschu, 72km bho Dhùn Phrìs agus 159km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha.[4] 'S e Beurla agus Beurla Ghallta a th' aig a’ mhòr-chuid dhiubh ann an Cill na Tràghad. Tha Eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas, turasachd agus iasgach. Taobh fhoghlaim, tha bun-sgoil ann[5] ach feumar a dhol dhan àrd-sgoil ann am Baile Ùr nan Stiùbhartach.[6]

Freumhan an Ainm

deasaich

A rèir eòlaichean fhreumh-fhaclachd, tha e coltach gur ann à cill agus tràigh anns an tuiseal ghinideach anns a' Ghàidhlig fhèin a th' ann ainm a' bhaile.[7] Nochd a' Ghàidhlig ann an ceann a deas na h-Alba anns an 7mh Linn agus bha an cànan fhathast làidir ann an Siorrachd Bhaile na h-Ùige fhèin anns an 18mh Linn.[8] Chaidh ainm sa Bheurla atharrachadh le Uilleam MacSuaile, an t-uachdaran a leasaich an cidhe.

Eachdraidh

deasaich

Bha baile beag ann o shean ach chaidh a leagail agus ath-thogail eadar 1771 agus 1776 leis a' Mhorair Uilleam MacSuaile, a thug ainm ùr dhan bhaile sa Bheurla. Chaidh cidhe ùr a thogail aig beul Allt Cill na Tràghad. Bha Clone Farm faisg air Cill na Tràghad an sàs ann an iomairt smuglaigeadh còmhla ri Eilean Mhanainn anns an 18mh linn gus an deach taigh-cìse a stèidheachadh ann an 1788.[9]

Poileataigs

deasaich

'S ann gu Comhairle Choimhearsnachd Chille na Tràghad fhèin a bhuineas Cill na Tràghad, a ghabhas a-steach Barrachan, An Eilreig, Am Magh Crom agus Am Monadh Rèidh cuideachd. Tha 885 duine a' fuireach san sgìre air fad.[10] Tha 18 comhairlichean coimhearsnachd a' riochdachadh na sgìre agus thathar a' cumail coinneamhan na Comhairle gach mìos ann an Talla MhicShuail ann an Cill na Tràghad. Tha e a' buntainn dhan uàrd-taghaidh 02 (Siorrachd Bhaile na h-Ùige an Iar) airson Comhairle na Roinne. Tha e a' buntainn dhan uàrd-taghaidh 02 (Wigtown an Iar) airson Comhairle na Roinne.[11]

Còmhdhail

deasaich

Chan eil seirbheis rèile ann. A dh'aindeoin sin, tha dà sheirbheis bhus a' frithealadh a' bhaile:

  • 415 Baile Ùr nan Stiùbhartach - Machair.

Iomraidhean

deasaich
  1. Arcgis
  2. Post Code Maps
  3. Mongabay
  4. Distance from - to
  5. A' Chomhairle
  6. Douglas Ewart High School”. Douglas Ewart High School. Air a thogail 17mh dhen t-Sultain 2023.
  7. Studies in the Topography of Galloway, Sir Herbert Eustice Maxwell of Monreith, Constable, Dùn Èideann, 1887
  8. Transactions and Journal of Proceedings of the Dumfriesshire and Galloway Natural History and Antiquarian Society. Third Series. Volume XI: 147
  9. Port William, Main Street, Harbour”. Canmore. Àrainneachd Eachdraidheil Alba. Air a thogail 17mh dhen t-Sultain 2023.
  10. A' Chomhairle
  11. Dumfries and Galloway Wards 2007”. Local Government Boundary Commission for Scotland. Air a thogail 29mh dhen Ghiblean 2017.
  12. Còmhdhail na Comhairle