Damnaglaur
Damnaglaur | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Alba |
Comhairle | Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh |
Siorrachd | Siorrachd Bhaile na h-Ùige |
Parraist | Cill m' Èataine[1] |
Co-chomharran | 54° 68′ 25″ Tuath 04° 91′ 45″ Iar |
Feartan fiosaigeach | |
Àireamh fòn | 01776 |
Còd-puist | DG9[2] |
‘S e baile beag dùthchasail faisg air An Druim Mòr, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th' ann an Damnaglaur. Tha e suidhichte aig 95m os cionn ìre na mara,[3] anns Na Rannaibh, air an àirde an iar Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Bhaile na h-Ùige ro 1975, eadar Maol nan Gall agus Àrd Bhaile. Tha e 326km air falbh bho Obar Dheathain, 138km bho Ghlaschu, 94km bho Dhùn Phrìs agus 179km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha.[4] 'S e Beurla agus Beurla Ghallta a th' aig a’ mhòr-chuid dhiubh ann an Damnaglaur. Tha Eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas agus coilltearachd. Taobh fhoghlaim, chan eil sgoil ann agus le sin feumar a dhol dhan bhun-sgoil anns An Druim Mhòr[5] agus dhan àrd-sgoil anns An t-Sròin Reamhar.[6]
Poileataigs
deasaich'S ann gu Comhairle Choimhearsnachd Chille m' Èataine a bhuineas Damnaglaur, a ghabhas a-steach Port Neasaig, An Druim Mòr agus sgìre mhòr ann an ceann a deas nan Rannaibh. Tha 810 duine a' fuireach san sgìre air fad.[7] Tha naoinear comhairlichean coimhearsnachd a' riochdachadh na sgìre agus thathar a' cumail coinneamhan na Comhairle gach mìos ann am bun-sgoil an Droma Mhòir. Tha e a' buntainn dhan uàrd-taghaidh 02 (Wigtown an Iar) airson Comhairle na Roinne.[8]
Còmhdhail
deasaichChan eil seirbheis rèile neo bus ann idir.
Iomraidhean
deasaich- ↑ Arcgis
- ↑ Post Code Maps
- ↑ Elevation Map
- ↑ Luftlinie
- ↑ A' Chomhairle
- ↑ Stranraer Academy
- ↑ A' Chomhairle
- ↑ “Dumfries and Galloway Wards 2007”. Local Government Boundary Commission for Scotland. Air a thogail 29mh dhen Ghiblean 2017.
Achadh na Meilge • Àrd Bhaile • Baile Gheàrr Lios • Baile na h-Ùige • Baile Ùr Ghlinn Lus • Baile Ùr nan Stiùbhartach • Barrachan • Blaidneach • Càrn Rìoghain • Cille Chainneir • Cill Choluim • Cill Chomhghain • Cill na Tràghad • Clachan Ghlinn Lus • Damnaglaur • An Druim Mòr • Dùn Reichit • Eaglais Steafain • An Eilreig • Ervie • A' Ghlac • Na Lochain • Lios Uillt • Am Magh Crom • Am Monadh Rèidh • Port Neasaig • Port Phàdraig • Port Rosnait • Poll an Iùbhair • Sandhead • Soirbidh • An t-Sròn Reamhar • Whauphill • Whithorn