Na Lochain
Na Lochain | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Alba |
Comhairle | Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh |
Siorrachd | Siorrachd Bhaile na h-Ùige |
Parraist | Eaglais m'Èataine[1] |
Co-chomharran | 54° 86′ 69″ Tuath 04° 13′ 76″ Iar |
Feartan fiosaigeach | |
Àireamh fòn | 01776 |
Còd-puist | DG9[2] |
‘S e baile beag dùthchasail faisg air An t-Sròn Reamhar, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th' anns Na Lochain (Beurla/Beurla Ghallta: Lochans). Tha e suidhichte 26m os cionn ìre na mara ann an cridhe nan Rannaibh, ri taobh an Uillt Piltanton,[3] eadar Port Phàdraig agus Dùn Reichit, air an àirde an iar Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Bhaile na h-Ùige ro 1975). Tha e 312km air falbh bho Obar Dheathain, 121km bho Ghlaschu, 93km bho Dhùn Phris agus 167km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha.[4] 'S e Beurla agus Beurla Ghallta a th' aig a’ mhòr-chuid dhiubh anns Na Lochain. Tha Eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas agus turasachd. Taobh fhoghlaim, chan eil sgoil ann agus le sin feumar a dhol dhan bhun-sgoil agus dhan àrd-sgoil anns An t-Sròin Reamhair.[5]
Freumhan an Ainm
deasaichA rèir eòlaichean fhreumh-fhaclachd, tha e coltach gur ann à loch anns a' Ghàidhlig fhèin a tha an t-ainm.[6] Nochd a' Ghàidhlig ann an ceann a deas na h-Alba anns an 7mh Linn agus bha an cànan fhathast làidir ann an Siorrachd Bhaile na h-Ùige fhèin anns an 18mh Linn.[7] A bharrachd air sin, tha cruth na tìre a' toirt cuideam dhan teòiridh seo, o chionn 's' gu bheil loch neo dhà ri gach taobh a' bhaile.
Eachdraidh
deasaichPoileataigs
deasaich'S ann gu Comhairle Choimhearsnachd nan Lochan fhèin a bhuineas Na Lochain, a ghabhas a-steach an sgìre mu timcheall a' bhaile. Tha dìreach 412 duine a' fuireach san sgìre air fad.[8] Tha seachdnar comhairlichean coimhearsnachd a' riochdachadh na sgìre. Tha e a' buntainn dhan uàrd-taghaidh 01 (An t-Sròn Reamhar agus na Rannaibh) airson Comhairle na Roinne.[9]
Pàrtaidh | Ainm | Bhòtaichean | |
---|---|---|---|
Gun phàrtaidh | Willie Scobie | 1,925 | |
Tòraidheach | Andrew Giusti | 1,703 | |
Nàiseantaich | Ros Surtees | 765 | |
Làbaraich | Tommy Sloan | 312 |
Gnàth-shìde
deasaich'S ann ann an sgìre mòran nas blàithe (Cuibheasachd bhliadhnail: 8.5 °C) agus mòran nas fhliche (Cuibheasachd bhliadhnail: 1095mm) an coimeas ris an còrr dhen dùthaich 's a tha Na Lochain. Tha sileadh trom ann, fiù 's fad na mìosan nas tioraim, leis nach eil e idir fad air falbh bhon mhuir air an àirde an iar na h-Alba. 'S e àite Cfb ann an sgèile Köppen-Geiger a th' anns na Lochain.[10] Chan eil an t-sneachd idir pailt an seo. Tha diofar mhòr eadar am mìos as fhliche agus am mìos as tioraim: 58mm eadar an Cèitean (dìreach 62mm) agus an Dàmhair (120mm). Fad na bliadhna, bidh an teothachd ann am fiaradh mheadhanach: 11.5 °C.
Còmhdhail
deasaichChan eil seirbheis rèile ann. A dh'aindeoin sin, tha dà sheirbheis bhus a' frithealadh a' bhaile:
- 407 An t-Sròn Reamhar - Eaglais Steafain - An Druim Mòr.
- 411 An t-Sròn Reamhar - Cnoc – Port Phàdraig.[11]
Iomraidhean
deasaich- ↑ Arcgis
- ↑ Post Code Maps
- ↑ Scottish Places
- ↑ Distance from - to
- ↑ Stranraer Academy
- ↑ The Placenmes of Scotland, James B. Johnston, Dùn Èideann 1892
- ↑ Transactions and Journal of Proceedings of the Dumfriesshire and Galloway Natural History and Antiquarian Society. Third Series. Volume XI: 147
- ↑ A' Chomhairle
- ↑ LGBC
- ↑ Climate Data
- ↑ Còmhdhail na Comhairle
Achadh na Meilge • Àrd Bhaile • Baile Gheàrr Lios • Baile na h-Ùige • Baile Ùr Ghlinn Lus • Baile Ùr nan Stiùbhartach • Barrachan • Blaidneach • Càrn Rìoghain • Cille Chainneir • Cill Choluim • Cill Chomhghain • Cill na Tràghad • Clachan Ghlinn Lus • Damnaglaur • An Druim Mòr • Dùn Reichit • Eaglais Steafain • An Eilreig • Ervie • A' Ghlac • Na Lochain • Lios Uillt • Am Magh Crom • Am Monadh Rèidh • Port Neasaig • Port Phàdraig • Port Rosnait • Poll an Iùbhair • Sandhead • Soirbidh • An t-Sròn Reamhar • Whauphill • Whithorn