Lios Uillt

Suidheachadh
Dùthaich Alba
Comhairle Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh
Siorrachd Siorrachd Bhaile na h-Ùige
Parraist Lios Uillt fhèin[1]
Co-chomharran 54° 93′ 08″ Tuath
05° 09′ 86″ Iar
Feartan fiosaigeach
Àireamh fòn 01776
Còd-puist DG9[2]

‘S e baile beag dùthchasail air iomall na Sròine Reamhaire, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th' ann an Lios Uillt (Beurla/Beurla Ghallta: Lewswalt). Tha e suidhichte aig 31m os cionn ìre na mara[3] ann an ceann a tuath nan Rannaibh, faisg air Ervie, air an àirde an iar Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Bhaile na h-Ùige ro 1975). Tha e 309km air falbh bho Obar Dheathain, 117km bho Ghlaschu, 93km bho Dhùn Phrìs agus 166km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha.[4] 'S e Beurla agus Beurla Ghallta a th' aig a’ mhòr-chuid dhiubh ann an Lios Uillt. Tha Eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas agus turasachd. Taobh fhoghlaim, tha bun-sgoil[5] ann ach feumar a dhol dhan àrd-sgoil anns An t-Sròin Reamhair.[6]

Freumhan an Ainm

deasaich

A rèir eòlaichean fhreumh-fhaclachd, tha e coltach gur ann à lios neo loch agus allt san tuiseal ginideach anns a' Ghàidhlig fhèin a tha an t-ainm.[7] Nochd a' Ghàidhlig ann an ceann a deas na h-Alba anns an 7mh Linn agus bha an cànan fhathast làidir ann an Siorrachd Bhaile na h-Ùige fhèin anns an 18mh Linn.[8] A dh'aindeoin sin, tha cuid dhen bheachd gur ann à Seann Chuimris gwaelod (bun) a th'ann.[9] 'S ann gu math connspaideach 's a tha freumhan an ainm seo.[10] Tha iomadh àite ann a tha a' tòiseachadh le lios agus ainm pearsanta, gu h-àraidh naomh air choireigin. Chaidh am baile a chlàradh anns an 16mh Linn mar Loch Woll. Tha cruth na tìre a' toirt cuideam dhan dha theòiridh: àite torrach faisg air creathal na Crìosdaidheachd an Alba far a bheil lochan pailt.

Daoine Ainmeil

deasaich

Poileataigs

deasaich

'S ann gu Comhairle Choimhearsnachd Lios Uillt fhèin a bhuineas Lios Uillt, a ghabhas a-steach an sgìre eadar Lios Uillt, A' Ghlac agus Port Slogan. Tha 563 duine a' fuireach san sgìre air fad.[11] Tha seachdnar comhairlichean coimhearsnachd a' riochdachadh na sgìre. Tha e a' buntainn dhan uàrd-taghaidh 01 (An t-Sròn Reamhar agus na Rannaibh) airson Comhairle na Roinne.[12]

Pàrtaidh Ainm Bhòtaichean
Gun phàrtaidh Willie Scobie 1,925
Tòraidheach Andrew Giusti 1,703
Nàiseantaich Ros Surtees 765
Làbaraich Tommy Sloan 312

Còmhdhail

deasaich

Chan eil seirbheis rèile ann. A dh'aindeoin sin, tha dà sheirbheis bhus a' frithealadh a' bhaile:

  • 408 An t-Sròn Reamhar - Lios Uillt - Cill Choluim.
  • 412 An t-Sròn Reamhar - Lios Uillt – Ervie - Lios Uillt - An t-Sròn Reamhar.[13]

Iomraidhean

deasaich
  1. Arcgis
  2. Post Code Maps
  3. Elevation Map
  4. Distance from - to
  5. A' Chomhairle[dead link]
  6. Stranraer Academy
  7. The Placenames of Scotland, James B. Johnston, Dùn Èideann 1892
  8. Transactions and Journal of Proceedings of the Dumfriesshire and Galloway Natural History and Antiquarian Society. Third Series. Volume XI: 147
  9. The Placenames of Scotland, James B. Johnston, Dùn Èideann 1892
  10. The Brittonic Language in the Old North
  11. A' Chomhairle
  12. A' Chomhairle
  13. Còmhdhail na Comhairle