Cill Chomhghain
Cill Chomhghain | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Alba |
Comhairle | Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh |
Siorrachd | Siorrachd Bhaile na h-Ùige |
Parraist | Cill Chomhghain fhèin[1] |
Co-chomharran | 54° 53′ 60″ Tuath 04° 35′ 60″ Iar |
Feartan fiosaigeach | |
Àireamh fòn | 01671 |
Còd-puist | DG8[2] |
‘S e baile beag dùthchasail faisg air Baile na h-Ùige, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th' ann an Cill Chomhghain (Beurla/Beurla Ghallta: Kirkcowan). Tha e suidhichte aig 51m os cionn ìre na mara,[3] faisg air an Abhainn Bhlaidneach,[4] ann an ceann a tuath leth-eilean na Machrach, eadar Baile Ùr nan Stiùbhartach agus Clachan Ghlinn Lus, air an àirde an iar Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Bhaile na h-Ùige ro 1975). Tha e 294km air falbh bho Obar Dheathain, 108km bho Ghlaschu, 66km bho Dhùn Phrìs agus 146km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha.[5] 'S e Beurla agus Beurla Ghallta a th' aig a’ mhòr-chuid dhiubh ann am Port Phàdraig. Tha Eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas agus turasachd. Taobh fhoghlaim, tha bun-sgoil ann[6] ach feumar a dhol dhan àrd-sgoil ann am Baile Ùr nan Stiùbhartach.[7]
Freumhan an Ainm
deasaichA rèir eòlaichean fhreumh-fhaclachd, tha e coltach gur ann à cill anns a' Gàidhlig fhèin agus ainm naoimh air choireigin à Èirinn a tha an t-ainm.[8] Nochd a' Ghàidhlig ann an ceann a deas na h-Alba anns an 7mh Linn agus bha an cànan fhathast làidir ann an Siorrachd Bhaile na h-Ùige fhèin anns an 18mh Linn.[9]
Eachdraidh
deasaichChaidh an t-ainm a chlàradh airson a' chiad turas mar Kirkewane ann an 1485.[10] Chaidh an eaglais a chithear an-diugh a thogail ann an 1834.[11] Ràinig an Rèile dhan bhaile ann an 1861, a thug piseach mòr air malairt san sgìre.[12]
Poileataigs
deasaich'S ann gu Comhairle Choimhearsnachd Chille Chomhghain fhèin a bhuineas Cill Chomhghain, a ghabhas a-steach sgìre na mòintich gu tuath. Tha 575 duine a' fuireach san sgìre air fad.[13] Tha 16 comhairlichean coimhearsnachd a' riochdachadh na sgìre agus thathar a' cumail coinneamhan na Comhairle gach mìos ann Talla Chomhghain ann an Cill Chomhghain. Tha e a' buntainn dhan uàrd-taghaidh 03 (Meadhan Ghall-Ghàidhealaibh) airson Comhairle na Roinne.[14]
Gnàth-shìde
deasaich'S ann ann an sgìre mòran nas blàithe (Cuibheasachd bhliadhnail: 8.3 °C) agus mòran nas fhliche (Cuibheasachd bhliadhnail: 1141mm) an coimeas ris an còrr dhen dùthaich 's a tha Cill Chomhghain. Tha sileadh trom ann, fiù 's fad na mìosan nas tioraim, leis nach eil e idir fad air falbh bhon mhuir air an àirde an iar na h-Alba. 'S e àite Cfb ann an sgèile Köppen-Geiger a th' ann an Cill Chomhghain.[15] Chan eil an t-sneachd idir pailt an seo. Tha diofar mhòr eadar am mìos as fhliche agus am mìos as tioraim: 62mm eadar /an Giblean/an Cèitean (dìreach 65mm) agus an Dàmhair/an t-Samhain (127mm). Fad na bliadhna, bidh an teothachd ann am fiaradh mheadhanach: 11.7 °C.
Còmhdhail
deasaichChan eil seirbheis rèile ann. A dh'aindeoin sin, tha seirbheis bhus a' frithealadh a' bhaile:
- 430 Baile Ùr nan Stiùbhartach - Clachan Ghlinn Lus - An t-Sròn Reamhar.[16]
Iomraidhean
deasaich- ↑ Arcgis
- ↑ Post Code Maps
- ↑ Falling rain
- ↑ Andrew Symson, A large description of Galloway, 1823, W. and C. Tait, duilleag 94
- ↑ Distance from - to
- ↑ A' Chomhairle
- ↑ Douglas Ewart High School[dead link]
- ↑ Studies in the Topography of Galloway, Sir Herbert Eustice Maxwell of Monreith, Constable, Dùn Èideann, 1887
- ↑ Transactions and Journal of Proceedings of the Dumfriesshire and Galloway Natural History and Antiquarian Society. Third Series. Volume XI: 147
- ↑ Saint Places
- ↑ Scotland's Churches
- ↑ David L Smith, Tales of the Glasgow and South Western Railway, Ian Allan Limited, Lunnainn
- ↑ A' Chomhairle
- ↑ “Dumfries and Galloway Wards 2007”. Local Government Boundary Commission for Scotland. Air a thogail 29mh dhen Ghiblean 2017.
- ↑ Climate Data
- ↑ Còmhdhail na Comhairle
Achadh na Meilge • Àrd Bhaile • Baile Gheàrr Lios • Baile na h-Ùige • Baile Ùr Ghlinn Lus • Baile Ùr nan Stiùbhartach • Barrachan • Blaidneach • Càrn Rìoghain • Cille Chainneir • Cill Choluim • Cill Chomhghain • Cill na Tràghad • Clachan Ghlinn Lus • Damnaglaur • An Druim Mòr • Dùn Reichit • Eaglais Steafain • An Eilreig • Ervie • A' Ghlac • Na Lochain • Lios Uillt • Am Magh Crom • Am Monadh Rèidh • Port Neasaig • Port Phàdraig • Port Rosnait • Poll an Iùbhair • Sandhead • Soirbidh • An t-Sròn Reamhar • Whauphill • Whithorn