Am Magh Crom
Am Magh Crom | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Alba |
Comhairle | Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh |
Siorrachd | Siorrachd Bhaile na h-Ùige |
Parraist | Am Magh Crom fhèin[1] |
Co-chomharran | 54° 46′ 60″ Tuath 04° 34′ 00″ Iar |
Feartan fiosaigeach | |
Àireamh fòn | 01988 |
Còd-puist | DG8[2] |
‘S e baile beag dùthchasail faisg air Baile na h-Ùige, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th' anns A' Mhagh Chrom (Beurla/Beurla Ghallta: Mochrum). Tha e suidhichte aig 32m os cionn ìre na mara,[3] air Leth-eilean na Machrach, air an àirde an iar Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Bhaile na h-Ùige ro 1975), eadar Barrachan agus Cill na Tràghad. Tha e 306km air falbh bho Obar Dheathain, 122km bho Ghlaschu, 69km bho Dhùn Phris agus 156km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha.[4] 'S e Beurla agus Beurla Ghallta a th' aig a’ mhòr-chuid dhiubh anns A' Mhagh Chrom. Tha eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas agus turasachd. Taobh fhoghlaim, chan eil sgoil ann agus le sin feumar a dhol bhun-sgoil ann am Port Uilleim[5] agus dhan àrd-sgoil ann am Baile Ùr nan Stiùbhartach.[6]
Freumhan an Ainm
deasaichA rèir eòlaichean fhreumh-fhaclachd, tha e coltach gur ann à magh agus crom anns a' Ghàidhlig fhèin a th' ann ainm a' bhaile.[7] Nochd a' Ghàidhlig ann an ceann a deas na h-Alba anns an 7mh Linn agus bha an cànan fhathast làidir ann an Siorrachd Bhaile na h-Ùige fhèin anns an 18mh Linn.[8] A bharrachd air sin, tha cruth na tìre a' toirt cuideam dhan teòiridh seo.
Eachdraidh
deasaichChaidh Am Magh Crom a chlàradh ann an 1341 mar Mochrome.
Poileataigs
deasaich'S ann gu Comhairle Choimhearsnachd Chille na Tràghad a bhuineas Am Magh Crom, a ghabhas a-steach Barrachan, Cill na Tràghad, An Eilreig agus Am Monadh Rèidh cuideachd. Tha 885 duine a' fuireach san sgìre air fad.[9] Tha 18 comhairlichean coimhearsnachd a' riochdachadh na sgìre agus thathar a' cumail coinneamhan na Comhairle gach mìos ann an Talla MhicShuail ann an Cill na Tràghad. Tha e a' buntainn dhan uàrd-taghaidh 02 (Wigtown an Iar) airson Comhairle na Roinne.[10]
Còmhdhail
deasaichChan eil seirbheis rèile ann. A dh'aindeoin sin, tha seirbheis bhus a' frithealadh a' bhaile:
- 415 Baile Ùr nan Stiùbhartach - Machair.[11]
Iomraidhean
deasaich- ↑ Arcgis
- ↑ Post Code Maps
- ↑ Falling Rain
- ↑ Luftlinie
- ↑ A' Chomhairle
- ↑ Douglas Ewart High School[dead link]
- ↑ The Placenmes of Scotland, James B. Johnston, Dùn Èideann 1892
- ↑ Transactions and Journal of Proceedings of the Dumfriesshire and Galloway Natural History and Antiquarian Society. Third Series. Volume XI: 147
- ↑ A' Chomhairle
- ↑ “Dumfries and Galloway Wards 2007”. Local Government Boundary Commission for Scotland. Air a thogail 29mh dhen Ghiblean 2017.
- ↑ Còmhdhail na Comhairle
Achadh na Meilge • Àrd Bhaile • Baile Gheàrr Lios • Baile na h-Ùige • Baile Ùr Ghlinn Lus • Baile Ùr nan Stiùbhartach • Barrachan • Blaidneach • Càrn Rìoghain • Cille Chainneir • Cill Choluim • Cill Chomhghain • Cill na Tràghad • Clachan Ghlinn Lus • Damnaglaur • An Druim Mòr • Dùn Reichit • Eaglais Steafain • An Eilreig • Ervie • A' Ghlac • Na Lochain • Lios Uillt • Am Magh Crom • Am Monadh Rèidh • Port Neasaig • Port Phàdraig • Port Rosnait • Poll an Iùbhair • Sandhead • Soirbidh • An t-Sròn Reamhar • Whauphill • Whithorn