Achadh na Meilge

Suidheachadh
Dùthaich Alba
Comhairle Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh
Siorrachd Siorrachd Bhaile na h-Ùige
Parraist Seann Lus[1]
Co-chomharran 54° 49′ 57″ Tuath
04° 45′ 03″ Iar
Feartan fiosaigeach
Àireamh fòn 01776
Còd-puist DG8[2]

‘S e baile beag dùthchasail faisg air Baile na h-Ùige, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th' ann an Achadh na Meilge (Beurla/Beurla Ghallta: Auchenmalg). Tha e suidhichte eadar ìre na mara,[3] shìos air a' chladaich agus 28m shuas air a' bheinn, air beulaibh Bàgh Ghlinne Luis, air Leth-eilean na Machrach, air an àirde an iar Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Bhaile na h-Ùige ro 1975), eadar Am Magh Crom agus Clachan Ghlinn Lus. Tha e 306km air falbh bho Obar Dheathain, 119km bho Ghlaschu, 78km bho Dhùn Phrìs agus 159km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha.[4] 'S e Beurla agus Beurla Ghallta a th' aig a’ mhòr-chuid dhiubh ann an Achadh na Meilge. Tha Eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas agus turasachd. Taobh fhoghlaim, chan eil sgoil ann agus le sin feumar a dhol bhun-sgoil ann an Clachan Ghlinn Lus[5] agus dhan àrd-sgoil anns An t-Sròin Reamhar.[6] Tha baile ainmeil air feadh na na h-Alba air sàilleabh gu bheil an dàrna taigh-seinnse nas aosda ann an Alba an seo.

Freumhan an Ainm

deasaich

A rèir eòlaichean fhreumh-fhaclachd, tha e coltach gur ann à achadh agus mealg san tuiseal ginideach anns a' Ghàidhlig fhèin a th' ann ainm a' bhaile.[7] Nochd a' Ghàidhlig ann an ceann a deas na h-Alba anns an 7mh Linn agus bha an cànan fhathast làidir ann an Siorrachd Bhaile na h-Ùige fhèin anns an 18mh Linn.[8]

Eachdraidh

deasaich

'S e na tursachan ro-eachdraidheil a tha faisg air an drochaid an rud as aosda sa bhaile.[9] Dheidheadh rathad Ròmanach tron sgìre agus bha campa Ròmanach san dearbh àite far a bheil Achadh na Meilge an latha an-diugh cuideachd.[10] Thogadh sgoil ann an 1858 ach dhùineadh ann an 1961 i.[11] Tha i na taigh-òsta a-nis.

Poileataigs

deasaich

'S ann gu Comhairle Choimhearsnachd Seann Lus a bhuineas Achadh na Meilge, a ghabhas a-steach Dùn Reichit, Barblae agus Clachan Ghlinn Lus cuideachd. Tha dìreach 1,315 duine a' fuireach san sgìre air fad.[12] Tha 15 comhairlichean coimhearsnachd a' riochdachadh na sgìre. Thathar a' cumail coinneamhan na Comhairle gach mìos ann Talla a' Bhaile, ann an Clachan Ghlinn Lus. Tha e a' buntainn dhan uàrd-taghaidh 02 (Wigtown an Iar) airson Comhairle na Roinne.[13]

Còmhdhail

deasaich

'S e an A747 Clachan Ghlinn Lus gu Glasserton a' phrìomh rathad tron bhaile. Chan eil seirbheis rèile ann. A dh'aindeoin sin, tha seirbheis bhus a' frithealadh a' bhaile:

  • 416 Baile Ùr nan Stiùbhartach - Whithorn - An t-Sròn Reamhar.[14]

Iomraidhean

deasaich
  1. Arcgis
  2. Post Code Maps
  3. Elevation Map
  4. Distance from to
  5. A' Chomhairle
  6. Stranraer Academy
  7. The Placenames of Scotland, James B. Johnston, Dùn Èideann 1892
  8. Transactions and Journal of Proceedings of the Dumfriesshire and Galloway Natural History and Antiquarian Society. Third Series. Volume XI: 147
  9. CANMORE
  10. Archiuk
  11. British Listed Buildings
  12. A' Chomhairle
  13. Dumfries and Galloway Wards 2007”. Local Government Boundary Commission for Scotland. Air a thogail 29mh dhen Ghiblean 2017.
  14. Còmhdhail na Comhairle