Cille Chainneir
Cill Chainneir | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Alba |
Comhairle | Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh |
Siorrachd | Siorrachd Bhaile na h-Ùige |
Parraist | Cill Chainneir fhèin[1] |
Co-chomharran | 54° 83′ 02″ Tuath 04° 45′ 74″ Iar |
Feartan fiosaigeach | |
Àireamh fòn | 01988 |
Còd-puist | DG8[2] |
‘S e baile beag dùthchasail faisg air Baile na h-Ùige, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th' ann an Cill Chainneir (Beurla/Beurla Ghallta: Kirkinner). Tha e suidhichte aig 27m os cionn ìre na mara,[3] air Leth-eilean na Machrach, air an àirde an iar Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Bhaile na h-Ùige ro 1975), eadar Baile Ùr nan Stiùbhartach agus Whithorn. Tha e 296km air falbh bho Obar Dheathain, 116km bho Ghlaschu, 60km bho Dhùn Phris agus 148km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha.[4] 'S e Beurla agus Beurla Ghallta a th' aig a’ mhòr-chuid dhiubh ann an Cill Chainneir. Tha Eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas, turasachd agus coilltearachd. Taobh fhoghlaim, tha bun-sgoil ann[5] ach feumar a dhol dhan àrd-sgoil ann am Baile Ùr nan Stiùbhartach.[6]
Freumhan an Ainm
deasaichA-rèir Iain Mac an Tàilleir tha an t-ainm a' ciallachadh cille an naoimh Chainneir.[7] Nochd a' Ghàidhlig ann an ceann a deas na h-Alba anns an 7mh Linn agus bha an cànan fhathast làidir ann an Siorrachd Bhaile na h-Ùige fhèin anns an 18mh Linn.[8]
Eachdraidh
deasaichBha an Naomh Cainnear, a fhuair a cuid sgoil còmhla ris an Naomh Ursula thall ann am Patras sa Ghrèig, na aonaran an seo san 4mh Linn.[9] Chaidh an t-ainm a chlàradh airson a' chiad turais mar Kyrkkenot ann an 1415, ach 's e Inbhir Mheasain an t-seann ainm.[10] Bha an t-Urramach Andrew Symson na mhinistear sa bhaile nuair a bha a charaid David Dunbar a' fuireach ann. B' e Dunbar a sgrìobh dàn sa mhadainn fhèin a chaochail Janet Dunbar (Dalrymple) ann an Cille Chainneir ann an 1669 a thathar dhen bheachd a chaidh a leughadh aig a tìodhlachadh. Stèidhich Walter Scott an nobhail aige The Bride of Lammermoor air na thachair dhi. Chaochail i gu h-oiteil neònach air an oidhche fhèin a phòs i. Thàinig an rèile dhan bhaile ann an 1875, rud a thug piseach air eaconomaidh na sgìre. Chailleadh an rèile gu luchd-siubhail ann an 1950 agus gu bàthar ann an 1964.[11] Chaidh an eaglais a chithear an-diugh a thogail ann an 1828 ann an stoidhle sìmplidh.[12]
Poileataigs
deasaich'S ann gu Comhairle Choimhearsnachd Bhuirgh Rìoghail Bhaile na h-Ùige a bhuineas Cille Chainneir, a ghabhas a-steach Barrachan, Baile na h-Ùige, Blaidneach agus Whauphill. Tha 2,200 duine a' fuireach san sgìre air fad.[13] Tha 15 comhairlichean coimhearsnachd a' riochdachadh na sgìre agus thathar a' cumail coinneamhan na Comhairle gach mìos ann Talla na Comhairle, ann am Baile na h-Ùige. Tha e a' buntainn dhan uàrd-taghaidh 03 (Meadhan Ghall-Ghàidhealaibh) airson Comhairle na Roinne.[14]
Gnàth-shìde
deasaich'S ann ann an sgìre mòran nas blàithe (Cuibheasachd bhliadhnail: 8.5 °C) agus mòran nas fhliche (Cuibheasachd bhliadhnail: 1094mm) an coimeas ris an còrr dhen dhùthaich 's a tha Cill Chainneir. Tha sileadh uabhasach trom ann, fiù 's fad na mìosan nas tioraim, leis nach eil e idir fad air falbh bhon mhuir air an àirde an iar na h-Alba. 'S e àite Cfb ann an sgèile Köppen-Geiger a th' ann an Cill Chainneir.[15] Chan eil an t-sneachd idir pailt an seo. Tha diofar mhòr eadar am mìos as fhliche agus am mìos as tioraim: 61mm eadar an Giblean (dìreach 62mm) agus an Dàmhair/an t-Samhain (123mm). Fad na bliadhna, bidh an teothachd ann am fiaradh mheadhanach: 11.7 °C.
Còmhdhail
deasaichChan eil seirbheis rèile ann. A dh'aindeoin sin, tha dà sheirbheis bhus a' frithealadh a' bhaile:
- 415 Baile Ùr nan Stiùbhartach - Machair.
- 416 Baile Ùr nan Stiùbhartach - Whithorn - An t-Sròn Reamhar.[16]
Iomraidhean
deasaich- ↑ Arcgis
- ↑ Post Code Maps
- ↑ Elevation Map
- ↑ Luftlinie
- ↑ “Kirkinner Primary School”. Comhairle Dhùn Phris agus Ghall-Ghàidhealaibh. Air a thogail 17mh dhen t-Sultain 2023.
- ↑ “Douglas Ewart High School”. Douglas Ewart High School. Air a thogail 17mh dhen t-Sultain 2023.
- ↑ Mac an Tàilleir, Iain: “Gaelic Placenames”. Pàrlamaid na h-Alba. Air a thogail 17mh dhen t-Sultain 2023 (pdf).
- ↑ Transactions and Journal of Proceedings of the Dumfriesshire and Galloway Natural History and Antiquarian Society. Third Series. Volume XI: 147
- ↑ Real History
- ↑ Saint Places
- ↑ Gordon Biddle and O S Nock, The Railway Heritage of Britain, Michael Joseph Limited, Lunnainn, 1983, ISBN 07181 2355 7
- ↑ Scotland's Churches
- ↑ A' Chomhairle
- ↑ “Dumfries and Galloway Wards 2007”. Local Government Boundary Commission for Scotland. Air a thogail 29mh dhen Ghiblean 2017.
- ↑ Climate Data
- ↑ Còmhdhail na Comhairle
Achadh na Meilge • Àrd Bhaile • Baile Gheàrr Lios • Baile na h-Ùige • Baile Ùr Ghlinn Lus • Baile Ùr nan Stiùbhartach • Barrachan • Blaidneach • Càrn Rìoghain • Cille Chainneir • Cill Choluim • Cill Chomhghain • Cill na Tràghad • Clachan Ghlinn Lus • Damnaglaur • An Druim Mòr • Dùn Reichit • Eaglais Steafain • An Eilreig • Ervie • A' Ghlac • Na Lochain • Lios Uillt • Am Magh Crom • Am Monadh Rèidh • Port Neasaig • Port Phàdraig • Port Rosnait • Poll an Iùbhair • Sandhead • Soirbidh • An t-Sròn Reamhar • Whauphill • Whithorn