An Druim Mòr

Suidheachadh
Dùthaich Alba
Comhairle Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh
Siorrachd Siorrachd Bhaile na h-Ùige
Parraist Cill m' Èataine[1]
Co-chomharran 54° 40′ 00″ Tuath
04° 54′ 00″ Iar
Feartan fiosaigeach
Àireamh fòn 01776
Còd-puist DG9[2]

‘S e baile beag dùthchasail agus port faisg air Port Neasaig, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th' anns An Druim Mòr (Beurla/Beurla Ghallta: Drummore).[3] Tha e suidhichte aig 59m os cionn ìre na mara,[4] anns Na Rannaibh, air an àirde an iar Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Bhaile na h-Ùige ro 1975, eadar Maol nan Gall agus Àrd Bhaile. Tha e 324km air falbh bho Obar Dheathain, 137km bho Ghlaschu, 92km bho Dhùn Phrìs agus 177km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha.[5] 'S e Beurla agus Beurla Ghallta a th' aig a’ mhòr-chuid dhiubh anns An Druim Mhòr. Tha eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas, iasgach agus turasachd. Taobh fhoghlaim, tha bun-sgoil[6] ann ach feumar a dhol dhan àrd-sgoil anns An t-Sròin Reamhar.[7] 'S e am baile as fhaide deas an Alba, fiù 's nas fhaide deas na Durham agus Cathair Luail thall ann an Sasainn.

Freumhan an Ainm deasaich

A rèir eòlaichean fhreumh-fhaclachd, tha a e coltach ann gur ann à Druim agus mòr anns a’ Ghàidhlig fhèin a tha an t-ainm.[8] A bharrachd air sin, tha cruth na tìre a’ toirt cuideam dhan teòiridh seo. Nochd a' Ghàidhlig ann an ceann a deas na h-Alba anns an 7mh Linn agus bha an cànan fhathast làidir ann an Siorrachd Bhaile na h-Ùige fhèin anns an 18mh Linn.[9]

Poileataigs deasaich

'S ann gu Comhairle Choimhearsnachd Chille m' Èataine a bhuineas An Druim Mòr, a ghabhas a-steach Port Neasaig, Damnaglaur agus sgìre mhòr ann an ceann a deas nan Rannaibh. Tha 810 duine a' fuireach san sgìre air fad.[10] Tha naoinear comhairlichean coimhearsnachd a' riochdachadh na sgìre agus thathar a' cumail coinneamhan na Comhairle gach mìos ann am bun-sgoil an Droma Mhòir. Tha e a' buntainn dhan uàrd-taghaidh 02 (Siorrachd Bhaile na h-Ùige an Iar) airson Comhairle na Roinne.[11]

Pàrtaidh Ainm Bhòtaichean
Gun phàrtaidh Grahame Forster 1,330
Tòraidhean, nise Dumfries and Galloway Independent Group Roberta Tuckfield 859.3
Nàiseantaich Jim McClung 741

Gnàth-shìde deasaich

'S ann ann an sgìre mòran nas blàithe (Cuibheasachd bhliadhnail: 8.6 °C) agus mòran nas fhliche (Cuibheasachd bhliadhnail: 1060mm) an coimeas ris an còrr dhen dùthaich 's a tha An Druim Mòr. Tha sileadh trom ann, fiù 's fad na mìosan nas tioraim, leis nach eil e idir fad air falbh bhon mhuir air an àirde an iar na h-Alba. 'S e àite Cfb ann an sgèile Köppen-Geiger a th' anns an Druim Mhòr.[12] Chan eil an t-sneachd idir pailt an seo. Tha diofar mhòr eadar am mìos as fhliche agus am mìos as tioraim: 55mm eadar an Cèitean (dìreach 61mm) agus an Dàmhair/an t-Sultain (116mm). Fad na bliadhna, bidh an teothachd ann am fiaradh mheadhanach: 11.6 °C.

 

Còmhdhail deasaich

Chan eil seirbheis rèile ann. A dh'aindeoin sin, tha seirbheis bhus a' frithealadh a' bhaile:

Daoine ainmeil deasaich

Ceanglaichean a-mach deasaich

  • Iomraidhean nam mapaichean airson comharradh-clèithe: NX 135 366

Iomraidhean deasaich

  1. Arcgis
  2. Post Code Maps
  3. Drummore - An Druim Mòr - Dumfries and Galloway”. Ainmean-Àite na h-Alba. Air a thogail 26mh dhen Iuchar 2020.
  4. Falling Rain
  5. Entfernung Drummore → Edinburgh(Gearmailtis). Air a thogail 29mh dhen Ghiblean 2017.
  6. A' Chomhairle
  7. Stranraer Academy
  8. The Placenames of Scotland, James B. Johnston, Dùn Èideann 1892
  9. Transactions and Journal of Proceedings of the Dumfriesshire and Galloway Natural History and Antiquarian Society. Third Series. Volume XI: 147
  10. A' Chomhairle
  11. LGBC
  12. Climate Data
  13. Còmhdhail na Comhairle