Glaik

Suidheachadh
Dùthaich Alba
Comhairle Dùn Phris is Ghall-Ghàidhealaibh
Siorrachd Siorrachd Bhaile na h-Ùige
Parraist Lios Uillt[1]
Co-chomharran 54° 53′ 30″ Tuath
05° 07′ 42″ Iar
Feartan fiosaigeach
Àireamh fòn 01776
Còd-puist DG9[2]

‘S e baile beag dùthchasail anns Na Rannaibh, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th' ann an Glaik. Tha e suidhichte aig 89m os cionn ìre na mara,[3] ann an àirde an iar Dhùin Phris is Gall-Ghàidhealaibh (Siorrachd Bhaile na h-Ùige ro 1975), eadar Port Phàdraig agus An t-Sròn Reamhar. Tha e 314km air falbh bho Obar Dheathain, 121km bho Ghlaschu, 69km bho Chille Chuithbeirt agus 170km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha. 'S e Beurla a th' ann a’ chiad chànan aig a’ mhòr-chuid dhe na daoine ann an Glaik. Tha eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air turasachd, agus àiteachas. Taobh fhoghlaim, chan eil sgoil ann agus feumar a dhol dhan bhun-sgoil ann am Port Phàdraig[4] agus dhan àrd-sgoil anns An t-Sròin Reamhair.[5]

Freumhan an ainm

deasaich

A rèir eòlaichean fhreumh-fhaclachd, tha e coltach gur ann à glac anns a' Gàidhlig fhèin a tha an t-ainm.[6] Nochd a' Ghàidhlig ann an ceann a deas na h-Alba anns an 7mh Linn agus bha an cànan fhathast làidir ann an Siorrachd Bhaile na h-Ùige fhèin anns an 18mh Linn.[7]

Poileataigs

deasaich

'S ann gu Comhairle Choimhearsnachd Lios Uillt fhèin a bhuineas Lios Uillt, a ghabhas a-steach an sgìre eadar Lios Uillt, A' Ghlac agus Port Slogan. Tha 563 duine a' fuireach san sgìre air fad.[8] Tha seachdnar comhairlichean coimhearsnachd a' riochdachadh na sgìre. Tha e a' buntainn dhan uàrd-taghaidh 01 (An t-Sròn Reamhar agus na Rannaibh) airson Comhairle na Roinne.[9]

Pàrtaidh Ainm Bhòtaichean
Gun phàrtaidh Willie Scobie 1,925
Tòraidheach Andrew Giusti 1,703
Nàiseantaich Ros Surtees 765
Làbaraich Tommy Sloan 312

Còmhdhail

deasaich

Chan eil seirbheis rèile neo bus idir ann.

Iomraidhean

deasaich
  1. Arcgis
  2. Post Code Maps
  3. Elevation Map[dead link]
  4. A' Chomhairle
  5. Stranraer Academy
  6. Studies in the Topography of Galloway, Sir Herbert Eustice Maxwell of Monreith, Constable, Dùn Èideann, 1887
  7. Transactions and Journal of Proceedings of the Dumfriesshire and Galloway Natural History and Antiquarian Society. Third Series. Volume XI: 147
  8. A' Chomhairle
  9. LGBC