Dùn Reichit

Suidheachadh
Dùthaich Alba
Comhairle Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh
Siorrachd Siorrachd Bhaile na h-Ùige
Parraist Innis[1]
Co-chomharran 54° 52′ 00″ Tuath
04° 52′ 60″ Iar
Feartan fiosaigeach
Àireamh fòn 01581
Còd-puist DG9[2]

‘S e baile beag dùthchasail faisg air An t-Sròin Reamhair, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th' ann an Dùn Reichit (Beurla/Beurla Ghallta: Dunragit, Breatanais: Din Rheged).[3] Tha e suidhichte aig 17m os cionn ìre na mara,[4] faisg air [Bhàigh Luis, air an àirde an iar Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Bhaile na h-Ùige ro 1975), eadar Clachan Ghlinn Lus agus Caisteal nan Ceanndach. Tha e 307km air falbh bho Obar Dheathain, 117km bho Ghlaschu, 84km bho Dhùn Phris agus 160km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha.[5] 'S e Beurla agus Beurla Ghallta a th' aig a’ mhòr-chuid dhiubh ann an Dùn Reichit. Tha Eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas, turasachd agus coilltearachd. Taobh fhoghlaim, tha bun-sgoil ann[6] ach feumar a dhol dhan àrd-sgoil anns An t-Sròin Reamhair.[7]

Freumhan an Ainm deasaich

B' e rìoghachd uabhasach làidir a bh' ann Rheged fad iomadh linn an dèidh nan Ròmanach agus bha an cànan aca fhathast ann gu ruige an 12mh Linn agus tha an t-ainm ag iomradh ris an rìoghachd seo.[3]

Poileataigs deasaich

'S ann gu Comhairle Choimhearsnachd Seann Lus a bhuineas Dùn Reichit, a ghabhas a-steach Achadh na Meilge, Barblae agus Clachan Ghlinn Lus cuideachd. Tha dìreach 1,315 duine a' fuireach san sgìre air fad.[8] Tha 15 comhairlichean coimhearsnachd a' riochdachadh na sgìre. Tha e a' buntainn dhan uàrd-taghaidh 02 (Wigtown an Iar) airson Comhairle na Roinne.[9]

Còmhdhail deasaich

Chan eil seirbheis rèile ann. A dh'aindeoin sin, tha dà sheirbheis bhus a' frithealadh a' bhaile:

Iomraidhean deasaich

  1. Arcgis
  2. Post Code Maps
  3. 3.0 3.1 Dùn Reichit/Dunragit”. Ainmean-Àite na h-Alba. Air a thogail 17mh dhen t-Sultain 2023.
  4. Falling Rain
  5. Distance From To
  6. A’ Chomhairle
  7. Stranraer Academy
  8. A' Chomhairle
  9. Dumfries and Galloway Wards 2007”. Local Government Boundary Commission for Scotland. Air a thogail 29mh dhen Ghiblean 2017.
  10. Còmhdhail na Comhairle