Pàrlamaid na h-Alba
Pàrlamaid na h-Alba | |
Fiosrachadh | |
Stèidheachadh | 1999 |
Buill | 129 |
Labhraiche | Alison Johnstone |
Sèorsa | aon-seòmarach |
Teirm | 2021–2026 |
Togalach | Taigh an Ròid |
Sèoladh | Sràid nan Clèireach, EH99 1SP Dùn Èideann |
Dùthach | Alba |
làrach-lìn | http://www.parliament.scot/gd |
’S e còmhdhail reachdail na h-Albann a tha ann an Pàrlamaid na h-Alba. Tha i a’ coinneachadh ann an togalach na Pàrlamaide ann an sgìre Taigh an Ròid ann an Dùn Èideann, prìomh-bhaile na h-Albann, agus uaireannan theirear “Taigh an Ròid” gu neo-fhoirmeil rithe. Tha a’ Phàrlamaid air a dhèanamh le 129 buill taghte air a bheil Buill Pàrlamaid na h-Alba no BPA.
Eachdraidh
deasaichBha Pàrlamaid na h-Alba ann ro 1707, ach chaidh cur às dhith le Achd an Aonaidh, mar mhol Co-chruinneachadh Bun-reachdail na h-Alba, anns an robh Canon Kenyon Wright na chathraiche. Stéidhich Achd na h-Alba 1998 a’ phàrlamaid ùr. Bha a’ chiad taghadh airson Pàrlamaid na h-Alba anns a’ Chéitean 1999, agus ghabh a’ Phàrlamaid a làn chumhachdan anns an Iuchair 1999.
Cumhachdan
deasaichTha am Pàrlamaid a' taghadh am prìomh-mhinistear a tha a' stiùireadh Riaghaltas na h-Alba.
Faodaidh Pàrlamaid na h-Alba laghan a dhèanamh a bheireas buaidh air Albainn ann an iomadh cùis a bhuineas ri gnothaichean na dùthcha, agus faodaidh i ìre bhunaiteach na cìse cosnaidh àrdachadh no ìsleachadh suas ri trì sgillinn san not. Tha Achd na h-Alba 2012 agus Achd na h-Alba 2016 a’ toirt chumhachdan cìse leasaichte do Phàrlamaid na h-Alba, agus thàinig na cumhachdan seo an cur an gnìomh gu h-iomlan sa bhliadhna 2017. Bhon uair sin tha cìs an tuarastail air a bhith rud beag nas troma air na daoine beartach ann an Albainn seach mar a tha ann an Sasainn, rud beag nas eutroime air na daoine bochda.
Tha cumhachd aig Pàrlamaid na h-Alba a bhith a’ dèanamh laghan air raon ghnothaichean air a bheil “cùisean tiomnaichte”. Tha iadsan a’ gabhail a-steach:
- tuathanachas
- ceartas catharra agus eucoireach
- foghlam
- an àrainneachd
- slàinte
- taigheadas
- riaghaltas ionadail
- dealbhadh
- seirbheisean poileis is smàlaidh
- obair shòisealta
- spòrs agus na h-ealain
- còmhdhail
- Gàidhlig
Tha cuid de chùisean a bhuineas ri Albainn ach aig a bheil buaidh air an Rìoghachd Aonaichte, no buaidh eadar-nàiseanta, gan co-dhùnadh le Pàrlamaid na Rìoghachd Aonaichte ann an Westminster. Is e “cùisean gléidhte” a theirear ri na rudan seo, leithid:
- cùisean dùthchannan céin
- dìon
- in-imrich
- cuid de shochairean sòisealta
- craoladh
- lùths
Dòigh taghaidh
deasaichIs àbhaist do thaghaidhean do Phàrlamaid na h-Alba tachairt a h-uile còig bliadhna. An siostam bhòtaidh, ’s e seòrsa de riochdachadh co-roinneil a th’ ann air a bheil an t-ainm Siostam Ball a Bharrachd. Tha dà bhòt aig a h-uile neach-bhòtaidh: aon airson na sgìre-phàrlamaid agus aon airson na roinne. Tha gach duine ann an Albainn ga riochdachadh le aon BPA sgìreil agus seachd BPA roinneil. Tha inbhe cho-ionnan aig a h-uile BPA anns a’ Phàrlamaid agus faodaidh luchd-taghaidh fios a chur gu duine sam bith den ochdnar a tha gan riochdachadh.
Leis a’ bhòt sgìreil, nì an neach-bhòtaidh roghainn eadar na tagraichean a tha a’ seasamh anns an sgìre-phàrlamaid aige. Is e an tagraiche leis an àireamh as motha de bhòtaichean a gheibh an seata. Tha 73 BPA sgìreil ann uile gu léir.
An bhòt eile, an bhòt roinneil, 's ann airson pàrtaidh poilitigeach a tha sin, no airson duine a sheasas gu neo-eisimeileach anns an roinn-taghaidh. Tha ochd roinnean-taghaidh Pàrlamaid na h-Alba ann agus seachd seataichean anns a’ Phàrlamaid aig a h-uile roinn, 56 seataichean uile gu léir. Anns gach roinn, bidh pàrtaidhean a’ faighinn sheataichean a réir cia mheud bhòt a fhuair iad anns a’ bhòtadh roinneil agus cia mheud seata sgìre-pàrlamaid a fhuair iad.
Roinnean agus sgìrean
deasaichCeanglaichean a-mach
deasaich- Làrach-lìn Pàrlamaid na h-Alba
- Blog Gàidhlig Pàrlamaid na h-Alba
- Mar a tha Pàrlamaid na h-Alba ag obair
- Buill Pàrlamaid na h-Alba: ainmean ann an òrdugh na Beurla agus ann an òrdugh na Gàidhlig
- An t-Albannach 2016-12-31: Cothrom air coltas na Pàrlamaid san àm ri teachd a threòrachadh (pìos le Boyd Robasdan air a’ Choimisean air Ath-Leasachadh Pàrlamaideach)
- BBC Naidheachdan 2019-05-06: 20 bliadhna bhon chiad taghadh gu Holyrood (aithris-bhideo 4:21)
- O'Gallagher, Niall: “25 bliadhna de dh'òran ùr na Pàrlamaid Albannaich”, Naidheachdan a' BhBC. 28mh dhen t-Sultain 2024. Air a thogail 30mh dhen t-Sultain 2024.
Iomraidhean
deasaichTaghadh Albannach 1999 • Taghadh Albannach 2003 • Taghadh Albannach 2007 • Taghadh Albannach 2011 • Taghadh Albannach 2016 • Taghadh Albannach 2021