Uicipeid:San latha an-diugh/am Màrt
'S e foir-shealladh a th' ann. Airson nan duilleagan a dheasachadh theid chun nan duilleagan fa-leth:
1 2 3 4 5 6 7 8 9 10 11 12 13 14 15 16 17 18 19 20 21 22 23 24 25 26 27 28 29 30 31 |
'S e 1 am Màrt an 60mh latha dhen bhliadhna.
- 1810 – Rugadh Frédéric Chopin, luchd ciùil às a' Phòlainn.
- 1867 – Fhuair Nebraska inbhe stàite agus chaidh Ostair-Ungaire a stèidheachadh.
- 1870 – Crìoch Cogadh a' Chaidreachais Tripilte.
- 1911 – Chaochail Jacobus Henricus van't Hoff, ann am Berlin. Ceimigear às na Tìrean Ìsle.
- 1981 – Rugadh an dealbhadair Norbert Kiss, ann am Budapest.
- 1994 – Rugadh Justin Bieber, seinneadair pop-R&B à Canada.
'S e 2 am Màrt an 61mh latha dhen bhliadhna.
- 1459 – Rugadh Adriaan Florenszoon Boeyens ann an Utrecht. Pàp bho 1522 gu 1523.
- 1928 – Chaochail am fear-poileataigs Jorge Holguín Mallarino ann am Bogotá.
- 1931 – Rugadh Mikhail Gorbachev ann am Privolnoye.
- 1945 – Chaochail Emily Carr, peantair à Canada.
- 1956 – Fhuair Maroco a chuid neo-eisimeileachd bhon Fhraing.
- 1974 – Chuireadh Salvador Puig i Antich, Anarcach à Catalòinia, gu bàs ann am Barcelona.
'S e 3 am Màrt an 62mh latha dhen bhliadhna.
- 1431 – Chaidh Gabriele Condulmer a thaghadh mar Phàpa.
- 1847 – Chaochail Alexander Graham Bell, innleadair Albannach.
- 1845 – Inbhe stàite do Fhlorida.
- 1892 – Chaochail am peantair Constantin Guys ann am Paris.
- 1921 – Sguir Woodrow Wilson mar 28mh Ceann-suidhe nan Stàitean Aonaichte.
- 1999 – Chaochail Gerhard Herzberg, ann an Ottawa. Ceimigear a fhuair an Duais Nobel ann an 1971.
'S e 4 am Màrt an 63mh latha dhen bhliadhna.
- 1386 – Chaidh Jogaila a chrùnadh ann an Kraków.
- 1394 – Rugadh Eanraig am Maraiche, rannsaichear mara as a' Phortagail.
- 1790 – Chaochail Fionnghal NicDhòmhnaill.
- 1791 – Tha Vermont air a bhith na stàit.
- 1913 – Thòisich Woodrow Wilson mar 28mh ceann-suidhe nan Stàitean Aonaichte.
- 1973 – Rugadh Pàdraig Harvie, neach-poileataigs Albannach.
'S e 5 am Màrt an 64mh latha dhen bhliadhna.
- 1324 – Rugadh Daibhaidh Brus, Rìgh na h-Alba.
- 1759 – Chaochail an ceòl-sgrìobhaiche Gearmailteach Georg Friedrich Händel ann an Lunnainn.
- 1930 – Rugadh Martin Karplus, ceimigear às an Ostair agus na Stàitean Aonaichte a bhuannaich an Duais Nobel ann an 2013.
- 1953 – Chaochail Iosif Stalin, neach-poileataigs san Aonadh Sobhiat.
- 2000 – Chaochail Dòmhnall Aonghais Bhàin, bàrd Gàidhlig à Uibhist a Deas.
'S e 6 am Màrt an 65mh latha dhen bhliadhna.
- 1475 – Rugadh Michelangelo ann an Caprese. Dealbhadair às an Eadailt.
- 1754 – Chaochail Henry Pelham, prìomh-mhinistear ann am Breatainn.
- 1927 – Rugadh an sgrìobhadair Gabriel José García Márquez ann an Aracataca (Coloimbia).
- 1942 – Rugadh Felipe González Márquez ann an Sevilla. Fear-poileataigs às an Spàinn.
- 1945 – Chaochail an ceimigear Gearmailteach Hans Fischer ann am München.
'S e 7 am Màrt an 66mh latha dhen bhliadhna.
- 322 RC – Chaochail Aristoteles ann am Masadoinia, a' Ghrèig.
- 1671 – Rugadh Rob Ruadh MacGriogair ann an Gleann-Gaoil.
- 1724 – Chaochail Michelangelo dei Conti, Pàp bho 1721 gu ruige 1724.
- 1872 – Rugadh am peantair Piet Mondriaan ann an Amersfoort, (na Tìrean Ìsle).
- 1945 – Rinn feachdan nan Stàitean Aonaichte lèir sgrios air a' bhaile Dessau-Roßlau.
- 1954 – Chaochail Otto Paul Hermann Diels ann an Kiel. Ceimigear a bhuannaich an Duais Nobel ann an 1950.
'S e 8 am Màrt an 67mh latha dhen bhliadhna.
- 1702 – Chaochail Uilleam III Shasainn is II Alba (rugadh 1650)
- 1717 – Chaochail Abraham Darby, maighstir-stèisein Shasannach.
- 1798 – Rugadh am fear-poileataigs Coloimbianach Juan de Dios Aranzazu ann an La Ceja.
- 1874 – Chaochail Millard Fillmore, an 13mh Ceann-suidhe nan Stàitean Aonaichte.
- 1879 – Rugadh an ceimigear Gearmailteach Otto Hahn ann am Frankfurt.
- 1910 – Rugadh Gabriel París ann an Ibagué. Saighdear agus fear-poileataigs à Coloimbia.
'S e 9 am Màrt an 68mh latha dhen bhliadhna.
- 1877 – Rugadh Emil Abderhalden, neach-saidheans às an Eilbheis.
- 1923 – Rugadh Walter Kohn, ceimigear Ostaireach a bhuannaich an Duais Nobel ann an 1998.
- 1934 – Rugadh an speuradair Ruiseanach Ûrij Gagarin.
- 1948 – Chaochail an sgoilear Albannach Uilleam MacBhatair ann am Baile Mhuilinn Anndra.
- 2011 – Thòisich Éanna Ó Coinnigh mar Thaoisigh na h-Èireann.
'S e 10 am Màrt an 69mh latha dhen bhliadhna.
- 1792 – Chaochail Iain Stiubhart, 3mh Iarla Bhoid. Prìomh-mhinistear na Rìoghachd Aonaichte bho 1762 gu 1763.
- 1810 – Chaochail Henry Cavendish, neach-saidheans à Sasainn.
- 1921 – Rugadh Magne Oftedal, ann an Sandnes, Nirribhidh. Cànanaiche a rinn rannsachadh air dual-chainntean na Gàidhlig agus ceanglaichean fòn-eòlasach eadar cànain Cheilteach is Spàinnteach.
- 1962 – Rugadh Scott Barrie, neach-poileataigs Albannach.
'S e 11 am Màrt an 70mh latha dhen bhliadhna.
- 1928 – Rinn Han Hollander, chraoladair ball-coise, a' chiad aithris beò ann an geama ball-coise eadar-nàiseanta eadar na Tìrean Ìsle agus a' Bheilg.
- 1916 – Rugadh Arailt MacUilleim ann an Huddersfield. Fear-poileataigs à Sasainn.
- 1916 – Rugadh am Prìomh-mhinistear Edward Heath ann an Kent.
- 1955 – Chaochail am bith-eòlaiche Albannach Alexander Fleming a lorg penicillin.
- 1967 – Rugadh John Barrowman, actair Albannach à Mount Vernon, Glaschu.
- 2002 – Chaochail James Tobin, eaconamaiche às na Stàitean Aonaichte.
'S e 12 am Màrt an 71mh latha dhen bhliadhna.
- 1824 – Rugadh Gustav Kirchhoff, fiosaiche a lorg caesium agus ruibidium.
- 1900 – Rugadh Gustavo Rojas Pinilla, ann an Tunja. Saighdear à Coloimbia.
- 1921 – Chaidh İstiklâl Marşı (Caismeachd na Saorsa) a thaghadh mar Laoidh Nàiseanta na Tuirce.
- 1930 – Rugadh U Win Tin, fear-naidheachd, fear-poileataigs agus prìosanach poileataigeach ann am Mianmar.
- 1968 – Fhuair na h-Eileanan Mhoiriseas an cuid neo-eisimeileachd.
- 1999 – Ghabh a' Phòlainn, an t-Seic agus an Ungair ris an NATO.
'S e 13 am Màrt an 72mh latha dhen bhliadhna.
- 1764 – Rugadh Charles Grey, prìomh-mhinistear Bhreatainn.
- 1900 – Rugadh an t-ùghdair Grèigeach Giorgos Seferis a bhuannaich e an Duais Nobel ann an Litreachas ann
- 1920 – Chaochail Charles Lapworth, clach-eòlaiche a rinn mapaichean geòlasach na Gàidhealtachd.
- 1996 – Thachair murt ann am bun-sgoil Dhùn Bhlàthain.
- 2013 – Thaghadh Phàpa Frangan I ann an Cathair na Bhatacain.
'S e 14 am Màrt an 73mh latha dhen bhliadhna.
- 1800 – Thaghadh Phàpa Pius VII ann an Cathair na Bhatacain.
- 1811 – Chaochail Augustus FitzRoy, 3mh Diùc Grafton, Prìomh-mhinistear na Breatainne Mòire.
- 1854 – Rugadh an ceimigear Ghearmailteach Paul Ehrlich ann an Strehlen.
- 1879 – Rugadh Albert Einstein ann an Ulm.
- 1883 – Chaochail am feallsanaiche Karl Marx ann an Lunnainn.
'S e 15 am Màrt an 74mh latha dhen bhliadhna.
- 44 RC – Chaochail Iulius Caesar.
- 1779 – Rugadh William Lamb, prìomh-mhinistear na Rìoghachd Aonaichte.
- 1820 – Inbhe stàite do Mhaine.
- 1830 – Rugadh an sgrìobhadair Gearmailteach Paul Johann Ludwig von Heyse ann am München.
- 1983 – Chaochail José Luis Sert, ailtire à Barcelona.
- 2004 – Chaochail an ceimigear John A. Pople a tha ainmeil airson am Pariser–Parr–Pople method.
'S e 16 am Màrt an 75mh latha dhen bhliadhna.
- 1738 – Chaochail George Bähr, neach-thogail Eaglais nam Ban ann an Dresden.
- 1751 – Rugadh James Madison, an ceathramh ceann-suidhe nan Stàitean Aonaichte.
- 1839 – Rugadh Sully Prudhomme, sgrìobhadair às an Fhraing.
- 1940 – Rugadh an sgrìobhadair Suaineach Selma Lagerlöf ann an Sunne.
- 1953 – Rugadh Richard Stallman, neach-dèanadais agus neach-prògramaidh às na Stàitean Aonaichte.
- 1998 – Chaochail an ceimigear Derek H. R. Barton ann an Gravesend.
'S e 17 am Màrt an 76mh latha dhen bhliadhna.
- 180 – Chaochail Marcus Aurelius, Impire Ròmanach.
- 1473 – Rugadh Rìgh Seumas IV Alba.
- 1861 – Aonadh na h-Eadailte.
- 1942 – Chaidh na h-Iùdhaich à Lublin (a' Phòlainn) a chur gu campa bàis Bełżec.
- 1951 – Rugadh an t-actair Kurt Russell ann an Springfield (Massachusetts).
- 1956 – Chaochail an ceimigear Irène Joliot-Curie, nighean Marie Curie, ann am Paris.
'S e 18 am Màrt an 77mh latha dhen bhliadhna.
- 1673 – Rugadh Spencer Compton, Prìomh-mhinistear Bhreatainn.
- 1745 – Chaochail Robert Walpole, Prìomh-mhinistear Bhreatainn.
- 1869 – Rugadh Neville Chamberlain, Prìomh-mhinistear Bhreatainn.
- 1909 – Rugadh an ceimigear Ruiseach Sabir Yunusov ann an Tashkent.
- 1912 – Rugadh George Elder Davie, feallsanaiche Albannach a sgrìobh an leabhar The Democratic Intellect: Scotland and her Universities in the Nineteenth Century.
'S e 19 am Màrt an 78mh latha dhen bhliadhna.
- 1286 – Chaochail Rìgh Alasdair III na h-Alba.
- 1721 – Chaochail Giovanni Francesco Albani, Pàp bho 1700 gu ruige 1721.
- 1813 – Rugadh Daibhidh MacDhùnleibh, rannsaichear ann an Afraga.
- 1900 – Rugadh Frédéric Joliot-Curie, am fear na b' òige a bhuannaich a-riamh an Duais Nobel ann an Ceimigeachd, ann am Paris.
- 1902 – Chaochail am fear-poileataigs Coloimbianach Manuel Antonio Sanclemente ann am Villeta.
- 1955 – Rugadh Bruce Willis, actair às na Stàitean Aonaichte.
'S e 20 am Màrt an 79mh latha dhen bhliadhna.
- 1922 – Rugadh Carl Reiner ann an Eabhraig Nuadh. Actair às na Stàitean Aonaichte.
- 1956 – Fhuair Tuinisia a chuid neo-eisimeileachd bhon Fhraing.
- 2012 – Chaochail George Elder Davie, feallsanaiche Albannach a sgrìobh an leabhar The Democratic Intellect: Scotland and her Universities in the Nineteenth Century.
'S e 21 am Màrt an 80mh latha dhen bhliadhna.
- 1685 – Rugadh Johann Sebastian Bach, ceòl-sgrìobhaiche Gearmailteach, ann an Eisenach.
- 1880 – Chaochail an Ceann-suidhe Coloimbianach José Ignacio de Márquez Barreto ann an Ramiriquí.
- 1908 – Rugadh Deogracias Fonseca, fear-poileataigs à Coloimbia.
- 1980 – Rugadh an cluicheadair ball-coise Ronaldinho.
- 2008 – Chaochail an t-saighdear Gabriel París ann an Girardot.
- 2012 – Chaochail Ruaraidh MacThòmais, sgoilear, dheasaiche agus bhàrd Albannach.
'S e 22 am Màrt an 81mh latha dhen bhliadhna.
- 1871 – Chaidh an dreach as aithnichte den sgeulachd Leigheas Cas Ó Céin a chruinneachadh.
- 1873 – Cur às do thràilleachd ann am Puerto Rico.
- 1876 – Rugadh Eugenio Pacelli, Pàp bho 1939 gu 1958.
- 1947 – Rugadh Catrìona NicGumaraid, bàrd Gàidhlig, ann an Ròdhag san Eilean Sgitheanach.
- 1950 – Rugadh an cluicheadair gathain Jocky Wilson ann an Cathair Challdainn.
- 2010 – Chaochail James W. Black, dotair à Alba, a fhuair an Duais Nobel ann an Leigheas ann an 1988.
'S e 23 am Màrt an 82mh latha dhen bhliadhna.
- 1793 – Chaochail am fear-poileataigs José Ignacio de Márquez Barreto ann an Ramiriquí, Coloimbia.
- 1842 – Chaochail Marie-Henri Beyle neo Stendhal, ùghdar Frangach à Grenoble.
- 1944 – Rugadh Maoilios Caimbeul ann an Stafainn san Eilean Sgitheanach.
- 1960 – Rugadh am fear-poileataigs Seac MacConaill ann an Irbhinn.
- 1992 – Chaochail Friedrich A. von Hayek, feallsanaiche poileatagach Ostaireach.
- 2004 – Chaidh Jean-Yves Le Drian a thaghadh mar Cheann-suidhe na Breatainn Bige.
'S e 24 am Màrt an 83mh latha dhen bhliadhna.
- 1603 – Aontachadh nan crùintean: Chaochail Ealasaid Tudor à Sasainn, chaidh Seumas VI na h-Alba a chrùnadh mar Rìgh Shasainn.
- 1607 – Rugadhan t- àrd-mharaiche Michiel de Ruyter ann an Vlissingen, na Tìrean Ìsle.
- 1903 – Rugadh Adolf Butenandt ann am Bremerhaven, ceimigear a bhuannaich an Duais Nobel ann an 1939.
- 1917 – Rugadh John Cowdery Kendrew, ceimigear, ann an Àth nan Damh.
- 1974 – Chaochail am fear-poileataigs Eduardo Santos ann am Bogotá, Coloimbia.
'S e 25 am Màrt an 84mh latha dhen bhliadhna.
- 1306 – Thàinig Raibeart Brus air an rìgh-chathair.
- 1738 – Chaochail Toirdhealbhach Ó Cearbhalláin, clàrsair à Èirinn.
- 1911 – Bhàsaich 146 obraichean-culaidhe ann an Teine an taighe-tionnsgain Trì-cheàrnag ann an Eabhraig Nuadh.
- 1914 – Chaochail Frédéric Mistral, sgrìobhadair às an Fhraing.
- 1926 – Rugadh Derek Bickerton, cànanaiche a tha an sàs ann an cànanan creole.
- 2006 – Chaochail am fear-poileataigs Coloimbianach Deogracias Fonseca.
'S e 26 am Màrt an 85mh latha dhen bhliadhna.
- 1827 – Chaochail Ludwig van Beethoven, ann an Vienna (an Ostair).
- 1829 – Rugadh William Robinson Clark, ann an Deimhidh, Siorrachd Obar Dheathain.
- 1916 – Rugadh an ceimigear Christian B. Anfinsen ann am Monessen (Pennsylvania).
- 1945 – Chaochail David Lloyd George, Prìomh-mhinistear na Rìoghachd Aonaichte ann an Llanystumdwy (a' Chuimrigh).
'S e 27 am Màrt an 86mh latha dhen bhliadhna.
- 1649 – Chaochail Seumas VI Alba is I Shasainn ann an Taigh Theobalds, Lunnainn.
- 1738 – Chaochail Toirdhealbhach Ó Cearbhalláin, clàrsair Èireannach.
- 1845 – Rugadh Wilhelm Conrad Röntgen, fiosaigiche Gearmailteach a tha ainmeil airson taisgealadh nan gathan-X.
- 1968 – Ged a rugadh Tomás Gómez Franco ann an Enschede, tha e na fhear-poileataigs Spàinnteach.
- 1941 – Rugadh Ivan Gašparovič ann am Póltar, an t-Slòbhac.
- 1967 – Chaochail an ceimigear Jaroslav Heyrovský ann an Cambridge.
'S e 28 am Màrt an 87mh latha dhen bhliadhna.
- 1921 – Chaochail am fear-poileataigs Coloimbianach Jorge Holguín Jaramillo ann am Bogotá.
- 1936 – Rugadh Mario Vargas Llosa, sgrìobhadair à Pearu.
- 1939 – Chaidh crìoch a chur air Cogadh Sìobhalta na Spàinne. Bhuain Francisco Franco.
- 1982 – Chaochail William Francis Giauque, ceimigear a bhuannaich an Duais Nobel ann an 1949.
- 1986 – Rugadh Lady Gaga, seinneadair is sgrìobhadair-òrain à Eabhraig Nuadh.
- 2004 – Chaochail an t-actair Sasannach Peter Ustinov.
'S e 29 am Màrt an 88mh latha dhen bhliadhna.
- 1799 – Rugadh Edward Smith-Stanley, Prìomh-mhinistear na Rìoghachd Aonaichte.
- 1815 – Èigheachd Napoleon Bonaparte an aghaidh malairt nan daoine dubha.
- 1943 – Rugadh John Major ann an Lunnainn, fear-poileataigs à Sasainn.
- 1951 – Rugadh an t-eaconamaiche Roger Myerson a bhuannaich an Duais Nobel ann an 2007 ann am Boston.
'S e 30 am Màrt an 89mh latha dhen bhliadhna.
- 1553 – Clèir-shònrachadh Phàpa Urbain VII.
- 1811 – Rugadh Robert Wilhelm Bunsen, ceimigear Gearmailteach a lorg caesium agus ruibidium.
- 1853 – Rugadh am peantair Vincent van Gogh.
- 1911 – Chaochail an ceimigear Ellen Swallow Richards ann an Jamaica Plain (Massachusetts), a' chiad boireannach anns na Stàitean Aonaichte aig an robh cothrom a dhol gu sgoil teicneòlach.
- 1949 – Chaochail Friedrich Bergius ann am Buenos Aires. Ceimigear às a' Ghearmailt.
'S e 31 am Màrt an 90mh latha dhen bhliadhna.
- 1499 – Rugadh Giovanni Angelo Medici di Marignano, ann am Milano. Pàp bho 1559 gu ruige 1565.
- 1685 – Rugadh Johann Sebastian Bach, ceòl-sgrìobhaiche Gearmailteach, ann an Eisenach.
- 1721 – Phòs Seumas Greumach ri Christian Carnegie, nighean Dhàibhidh Carnegie.
- 1727 – Chaochail Isaac Newton, neach-feallsanachd nàdar agus matamataig.
- 1855 – Chaochail Charlotte Brontë, sgrìobhadair Sasannach.
- 1971 – Rugadh an t-actair Albannach Ewan McGregor ann an Craoibh.