B’ e an seanailear Jorge Marcelo Holguín Jaramillo 30mh (an Dàmhair 1848, Cali) – 2 (am Màrt 1928, Bogotá), na Cheann-suidhe Choloimbia dà thurais. ‘S e stàitire, saighdear, neach-poileataigs agus riochdaire dioplòmasach à Coloimbia,[1] agus bha e na cheann-suidhe Choloimbia bhon an t-Ògmhios gu ruige an Lùnasdal 1909, agus an uair bhon an t-Samhain 1921 gu ruige an Lùnasdal 1922 mar neach-ainmichte gach uile turas. Bha an teirm aige ainmichte airson leasachadh Rèile an Tuatha is Rèile a’ Chuain Sèimh agus a bharrachd air sin chuir e ainm dhan Chòrdadh Holguín–Avebury nuair a bha e na mhinistear na Dùthchannan Cèin.[2][3]

Jorge Holguín Jaramillo
Minister of the Treasury (en) Translate

1885 -
ceann-suidhe

9 dhen Ògmhios 1909 - 4 dhen Lùnastal 1909
ceann-suidhe

11 dhen t-Samhain 1921 - 7 dhen Lùnastal 1922
Beatha
Breith Cali, 30 dhen Dàmhair 1848
Dùthaich  Coloimbia
Bàs Bogotá, 2 dhen Mhàrt 1928
Àite-adhlacaidh Central Cemetery of Bogotá (en) Translate
Teaghlach
Athair Vicente Holguín
Cèile Cecilia Arboleda de Holguín (en) Translate
Bràithrean ⁊ peathraichean
Foghlam
Cànain Spàinntis
Luchd-teagaisg Eustaquio Palacios (en) Translate
Dreuchd
Dreuchd neach-poileataigs, dioplomat agus luchd an airm
Àitichean-obrach Coloimbia
Obraichean comharraichte Q124357092 Translate
Ballrachd Colombian Academy of History (en) Translate
Far-ainmean Luis León
Seirbheis san arm
Meur an airm Arm Nàiseanta Choloimbia
Ìre oifigeach coitcheann
Creideamh
Pàrtaidh poileataigeach Pàrtaidh Glèidhteachail Choloimbia

Trèanadh agus Cùrsa Beatha anns an Airm deasaich

"Na nithean nach ionnsaich e anns na leabhraichean, dh’ionnsaich e eadar na daoine iad; na rudan nach òl e leis na ùghdairean clasaigeach, fhuair e iad anns a’ bheatha fhèin". Bha Jorge Holguín an sàs anns a’ ghnìomhachas agus bha deagh fhortan aige. Bha deagh fhios aige air na cuspairean eaconamach agus bha eòlaiche air an lagh eadar-nàiseanta. Fhuair e oideachas daonnaire – fhèin-foghlaimichte.

A bharrachd air sin, ‘ s e saighdear cliùiteach a bh’ann. Thug e pàirt anns na cogaidhean sìobhalta ann an 1876 agus 1878 an aghaidh Aquileo Parra Gómez agus chaill e Blàr Puente del Común. A dh’aindeoin sin, chaidh e a dh’ainmeachadh Seanailear air sàilleabh na rudan a rinn e aig Blàr Cruz Colorada anns a’ chogadh dhe 1895.

Sgrìobh esan anns an fhèin-eachdraidh aige: «’S e an cogadh an rud nas uabhasaiche a thachras dhan dhuine. Tha mi a’ cuimhneachadh dìreach an dèidh Bhlàir Enciso, thachairt mi dlùth air a’ bhlàr fhad ‘s a bha mi a’ dèanamh obair iol-fhillte airson an t-Seanaileir Reyes, is chunnaic mi fear dhe na seallaidhean na b’ oillteil gum faod sinn fhaicinn. Eadar a h-uile àlainneachd nàdarra, bha na pàircean làn cuirp is closaich. Bha an fheadhainn fo leòin, leis an cuid chinn is gach uile cnàmh bhriste, a’ caoineadh gu doirbh.>>

Cùrsa Beatha Poileataigeach deasaich

Ministear deasaich

‘S e fìor dhìonadair a’ Phàrtaidh Tòraidh a bh' ann, dìreach bhon toiseach tòisichidh aige anns a’ poileataigs agus fo armaibh agus le sin fhuair e sreath dhe dreuchdan eadar-dhealaichte.

Bha e na Mhinistear an Ionmhais anns an Riaghaltas aig Rafael Núñez agus fhad ‘s a bha e anns an dreuchd sin rèitich e ais-tharraing nan Aimearaganach bho Phanamá, air an tug iad sealbh ann an 1885.

Bha e os cionn Ministrealachd na Dùthchannan an Cèin rè a’ chinneas aig Miguel Antonio Caro Tovar agus an dèidh bha e na Mhinistear a’ Chogaidh anns na Riaghaltasan aig Manuel Antonio Sanclemente agus Rafael Reyes. An turas sin b’ fheudar dhasan ainm a chur ris a’ Chòrdadh Holguín–Avebury mu co-aonachadh na h-iasadan eadar-nàiseanta aig Coloimbia. Airson an còrdadh a rinn e còmhla ris a’ Mhorair Avebury a dhìon, sgrìobh e an leabhar <<Desde Cerca>> (Bho dlùth air). Rinn an neach-dùbhlain Santiago Pérez Triana atharrais airsan anns an leabhar eile air an robh <<Desde Lejos>> (Bho fhada às).

Teaghlach agus Beatha Pearsanta deasaich

Rugadh Jorge Holguín Mallarino ann an Cali ann an 1848, mac Vicente Holguín Sánchez agus María Josefa Mallarino Ibargüen. Tha e inntinneach gu robh an dithis theaghlach uabhasach làidir anns a’ phoileataigs aig ìre nàiseanta anns an 19mh linn: bha bhràthair athar Manuel María Mallarino agus a bhràthair Carlos Holguín Mallarino air a bhith nan cinn-suidhe na Poblachd. Chuir e a’ chiad chuid fhoghlaim ri taobh an ùghdair Eustaquio Palacios, a sgrìobh "El Alférez Real" agus air an robh Holguín glè dhòigheil.

Phòs e Cecilia Arboleda Mosquera, nighean Julio Arboleda Pombo agus an uair sin Sofía Mosquera Hurtado. Bha dusan duine chloinne aige.

Iomraidhean deasaich

  1. Dùthchannan aig SMO
  2. Oifis a' Chinn-suidhe
  3. Leabharlann Luis Ángel Arango