Milano
Milano
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | An Eadailt | ||||
Ceàrn | Milano | ||||
Sgìre | Lombardia | ||||
Co-chomharran | 45° 27’ 51 Tuath 09° 11′ 25 Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 183.77 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 1,307,495 (2010) | ||||
Dlùths | 7,114.84/km² | ||||
Àireamh fòn | 02 | ||||
Duilleag oifigeil | http://www.comune.milano.it |
‘S e baile uabhasach mòr air an àirde an iar-thuath na h-Eadailt a th’ ann an Milano (IPA: mi'la:no, Beurla/Fraingis: Milan, Gearmailtis: Mailland, Laideann: Mediolanum). ‘S e ainm Ceilteach a th’ann Milano, bho dhà fhacail cheilteach, medio (meadhan) agus lanum (làn).[1] Tha e suidhichte aig 120m os cionn ìre na mara,[2] anns a’ Ghleann Po, eadar na h-Aibhnichean Adda agus Ticino, anns an sgìre (Eadailtis: Provincia) Milano fhèin, anns an roinn (Eadailtis: Regione) Lombardia, faisg air na crìochan leis An Eilbheis, 476km air falbh bhon An Ròimh, prìomh-bhaile na dùthcha, 118km bho Ghenova agus 249km bho Fhirenze.[3] Tha 1,307,495 daoine a’ fuireach anns a’ bhaile,[4] an darna baile as motha na dùthcha.[5] Chaochail an sgrìobhadair Eugenio Montale (1896 – 1981) ann am Milano.
Daoine Ainmeil
deasaich- Giovanni Angelo Medici di Marignano (1499 - 1565). Pàp bho 1559 gu ruige 1565.
- Silvio Berlusconi (1936) Neach-malairt agus neach-poileataigs.